Bòrd na Gàidhlig a’ cuimhneachadh air Tormod MacIlleathain agus Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain.

Bha Bòrd na Gàidhlig gu math duilich an naidheachd a chluinntinn an-dè mu bhàs Thormoid MhicIlleathain agus bàs Sheonaidh Ailig Mhic a’ Phearsain. ’S e sàr Ghàidheil a bh’ anns an dithis aca agus iad air an t-uabhas a dhèanamh airson cultar agus cànan na Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh an t-saoghail thairis air na bliadhnaichean.

Thug Tormod MacIlleathain tlachd do na mìltean air TBh agus air an àrd-ùrlar agus thug e cultar ’s cànan nan Gàidheal gu aire a’ mhòr-shluaigh leis an iomadh tàlant a bh’ aige.

Tha sinn cuideachd a’ caoidh Sheonaidh Ailig Mhic a’ Phearsain. Am measg na rinn e bha Seonaidh Ailig mar Iar-stiùiriche air Comataidh Craolaidh Gàidhlig agus cuideachd bha pàirt mhòr aige mar Chathraiche san obair a rinn Buidheann-gnìomh Riaghaltas na h-Alba às an tàinig Achd na Gàidhlig.

Thuirt Ailean Dòmhnallach, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig “’S e fìor ghaisgich a bh’ ann an Tormod agus Seonaidh Ailig agus tha, agus bithidh, buaidh mhòr leantainneach aig an dithis aca air a’ Ghàidhlig chan e a-mhàin ann an Alba ach thall thairis cuideachd ann an iomadh dòigh. Tha sinn a’ cuimhneachadh an-diugh air Tormod agus Seonaidh Ailig, air na teaghlaichean agus air an iomadh caraid a bh’ aca air fad. Tha iad air dìleab mhìorbhaileach fhàgail againn tro chraoladh, pìobaireachd, bàrdachd agus litreachas agus ’s ann le pròis agus gàire a bhitheas cuimhne againn air an dithis aca.”