Thòisich Foghlam tron Ghàidhlig (FTG) aig ìre bun-sgoile sna 1980an. Tha e air fàs bhon uair sin chun na h-ìre agus gu bheil a-nis barrachd air 3,000 sgoilear (2017-18) a’ dèanamh FTG ann am bun-sgoiltean na h-Alba, agus tha 60 aonad agus bun-sgoil Ghàidhlig ann an Alba air feadh 14 Ùghdarrasan Ionadail. Chaidh a’ chiad bhun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Glaschu, agus tha 7 ann a-nis; aonan ann an Inbhir Nis, Dùn Èideann, Loch Abar, a dhà a bharrachd ann an Glaschu agus tè ann am Port Rìgh.

Chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a gheibhear foghlam tron Ghàidhlig, tha e cuideachd ri fhaotainn sna bailtean-mòra agus bailtean aig deas agus air taobh sear na dùthcha. ’S e siostam foghlaim nàiseanta a th’ ann a tha cumail ri slatan-tomhais nàiseanta agus Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tha e am measg nam prìomh amasan aig Bòrd na Gàidhlig sa Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig àrdachadh a thoirt air an àireimh de chloinn a tha tòiseachadh ann am Foghlam tron Ghàidhlig a dhùblachadh gu 800 leis a’ bhliadhna 2017 agus gun tig leasachadh air an t-siostam gus taic a chumail ruitha.

Bogadh agus Foghlam sa Ghàidhlig

Bidh sgoilearan air an teagasg gu tur sa Ghàidhlig sa chiad trì bliadhna aca sa bhun-sgoil mar as àbhaist. Tha an làn-bhogadh seo gu math cudromach, agus tha e a’ ciallachadh nach fheum a’ Ghàidhlig a bhith aig pàistean nuair a thòisicheas iad foghlam tron Ghàidhlig sa bhun-sgoil. Cuideachd, tha e a’ cur gu mòr ri sgilean cànain na cloinne aig a bheil Gàidhlig mu thràth. Às dèidh P3, bheirear Beurla a-staigh mean air mhean tro mheadhan na Gàidhlig, ach bidh a’ Ghàidhlig fhathast na prìomh chànan teagaisg airson gach cuspair agus gach pàirt den churraicealam. Mar sin, leanaidh am bogadh sa chànan gu deireadh na bun-sgoile.

Tha FTG a’ frithealadh an dà chuid air feumalachdan clann a tha fileanta agus clann nach eil fileanta sa Ghàidhlig. Nì an làn-bhogadh agus am bogadh sa chànan cinnteach gum bi sgilean cànain iomchaidh agus coileanta aig gach pàiste a thèid tro fhoghlam tron Ghàidhlig sa bhun-sgoil – an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Gheibh sgoilearan fìor dheagh oideachadh anns gach raon eile de Churraicealam airson Sàr-mhathais. Agus mar a tha rannsachadh air sealltainn nuair a ruigeas iad P7, bidh na sgilean cànain aca ann am Beurla sa chumantas nas fheàrr na th’ aig sgoilearan a tha ann am foghlam aon-chànanach.

A thuilleadh air an oideachadh a gheibh iad sa chlas, bidh uaireannan cothrom aig sgoilearan coinneachadh ri daoine le Gàidhlig bhon choimhearsnachd feuch am bi iad air am misneachadh gus an cànan a chur gu feum ann an diofar shuidheachaidhean. Agus bidh aonadan is sgoiltean Gàidhlig tric a’ dèanamh ceangal is conaltradh ri chèile. Aig deireadh seachd bliadhna sa bhun-sgoil, bidh co-dhiù dà chànan aig gach duine cloinne agus gheibh iad gach buannachd a tha an lùib sin.

Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil (GLPS)/Go!Gaelic

An-dràsta tha dà Ùghdarras Ionadail dheug ann an Alba a tha tabhann GLPS. Tha an iomairt seo a’ toirt cothrom do chloinn ann am Foghlam tron Bheurla beagan Gàidhlig ionnsachadh agus beagan ionnsachadh mu chultar is dualchas a’ chànain. Tha an iomairt seo stèidhichte air an sgeama, Nuadh Chànanan sa Bhun-sgoil (MLPS), agus bheir e cothrom do phàiste beagan Gàidhlig ionnsachadh mura h-eil FTG ri fhaotainn san sgìre aca. Dh’fhaodadh seo a bhith na chiad cheum gu fileantas tro shlighean ionnsachaidh eile.
Fiosrachadh is Taic do Phàrantan

Tha diofar ghoireasan is buidhnean ann a bheir fiosrachadh is taic do phàrantan le clann ann am foghlam tron Ghàidhlig no a tha am beachd an cuid chloinne a chur gu foghlam tron Ghàidhlig. Am measg na feadhna as fheàrr air an eadar-lìon tha Fiosrachadh do Phàrantan a tha ag innse barrachd mu fhoghlam tron Ghàidhlig agus gach buannachd a tha an lùib sin agus dà-chànanas. Cuideachd tha Gaelic4Parents a tha loma-làn ghoireasan, gheamannan, stòiridhean agus chlàraidhean a bhios na chuideachadh do chloinn òga a tha cleachdadh no ag ionnsachadh Gàidhlig. Gheibh pàrantan taic beò le obair-dachaigh an seo cuideachd, tha seo gu sònraichte math do phàrantan aig nach eil Gàidhlig.

Tha lìonra de bhuidhnean phàrant aig Comann nam Pàrant air feadh Alba agus bheir iad taic is comhairle do phàrant sam bith a tha a’ beachdachadh air an cuid chloinne a chur gu foghlam tron Ghàidhlig. Tha iad cuideachd a’ ruith Sgeama Comhairleachaidh Phàrant le luchd-obrach ann an diofar sgìrean a bheir fiosrachadh do dhaoine mu fhoghlam tron Ghàidhlig.