Co-chomhairleachadh Poblach air an Treas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2017-22

Chaidh an co-chomhairleachadh poblach air an treas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a thòiseachadh an-diugh, plana le ro-innleachd gus an àireamh dhaoine a tha ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba a chur am meud.

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach, agus e a’ foillseachadh a’ Phlana san Old Fruitmarket ann an Glaschu ro Chuirm nan Duaisean airson na farpais chliùitich FilmG: “Tha am Plana seo a’ sealltainn dòighean cothromach gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart agus airson piseach a thoirt air suidheachadh a’ chànain. Tha e gu h-àraidh a’ comharrachadh foghlam, ionnsachadh, coimhearsnachdan, na h-ealain, na meadhanan agus dualchas mar mheadhan gus an t-amas sin a thoirt gu buil ann an Alba thairis air an ath chòig bliadhna.”

Lean e air: “Ged a tha e an urra ri Bòrd na Gàidhlig Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ullachadh, agus a bhith os cionn na h-obrach gus iomadh pàirt dheth a lìbhrigeadh, ’s ann le Alba gu lèir a tha a’ Ghàidhlig agus bidh aig a h-uile duine ri pàirt a ghabhail ann a bhith toirt a’ Phlana gu buil. Mar as motha de dhaoine a ghabhas uallach os làimh airson a’ Phlana, ’s ann nas soirbheachaile a bhios e. Mar sin, tha e fìor chudromach gun gabh an àireamh as motha as urrainnear de dhaoine, buidhnean is mòr-bhuidhnean pàirt sa cho-chomhairleachadh phoblach seo airson dèanamh cinnteach gum faigh sinn Plana airson Alba gu lèir a tha air a dhealbh le taic bho mhuinntir na h-Alba.”

Thuirt Iain Swinney, Leas-phrìomh Mhinistear na h-Alba agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim: “Tha sinn air adhartas fìor mhath fhaicinn a thaobh taice don Ghàidhlig agus adhartachadh na Gàidhlig ann an grunn raointean air feadh Alba sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Tha sin gu h-àraidh fìor a thaobh foghlaim, na meadhanan agus na h-ealain agus tha e mar thoradh air an obair chruaidh agus na h-oidhirpean mòra a tha daoine fa leth agus buidhnean a’ dèanamh airson na Gàidhlig.

“Tha mi cinnteach gun cùm sinn oirnn a’ togail air an obair ionmholta sin tro na gealltanasan a chithear san dreachd seo den Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig air a bheilear a’ cumail co-chomhairleachadh. Leis a’ Phlana, faodaidh Bòrd na Gàidhlig na ceumannan a chur an cèill a chuidicheas sinn le bhith toirt fàs is piseach air suidheachadh na Gàidhlig thairis air an ath 5 bliadhna agus bhrosnaichinn daoine gu bhith toirt bheachdan seachad air a’ Phlana.”

Thathar a’ foillseachadh a’ Phlana air an aon seachdain ’s a tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt maoineachadh seachad airson pròiseact dràma Gàidhlig ùr. Chuir Bòrd na Gàidhlig pròiseact dràma a-mach gu tairgse o chionn ghoirid agus b’ iad Theatre Gu Leòr a shoirbhich leis an tairgse acasan gus dealbh-chluich phroifeiseanta Ghàidhlig a dhèanamh a bhios a’ dol air chuairt ann an coimhearsnachdan air feadh Alba, agus aig an aon àm bidh a’ chompanaidh dràma a’ tabhann chothroman trèanaidh do dhaoine le ùidh ann an roinn an dràma fhad ’s a tha iad ag obair air an dealbh-chluich.

A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Catrìona Lexy Chaimbeul aig Theatre Gu Leòr: “Tha sinn air ar dòigh glan gun do shoirbhich le Theatre Ge Leòr leis an tairgse againn airson a’ phròiseict fìor chudromach seo. Tha àite mòr aig na h-ealain, agus dràma mar phàirt dhiubh, ann a bhith toirt a’ chànain air adhart, agus tha sinn gu math toilichte gun urrainn dhuinn taic a thoirt dhan adhartachadh sin aig ìre coimhearsnachd agus ìre nàiseanta. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air a’ cho-chomhairleachadh phoblach air an treas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig, oir tha e a’ toirt cothrom dhan a h-uile duine againn ar beachdan is molaidhean a chur gu Bòrd na Gàidhlig ma tha sinn a’ smaoineachadh gun gabh am Plana a neartachadh a thaobh raointean mar dràma na Gàidhlig agus na h-ealain.”

Gheibhear an dreachd den Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2017-22 airson a’ cho-chomhairleachaidh phoblaich mar leabhran, no ann an cruth didseatach bho làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig www.gaidhlig.scot.

Tha an co-chomhairleachadh a’ crìochnachadh aig 5f air 17 Cèitean 2017.