Duaisean na Gàidhlig 2017

Urram nan Gàidheal air a bhuileachadh air an Dr Fionnlagh MacLeòid aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba

Chaidh oidhche Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2017 a chumail ann an Glaschu an t-seachdain seo (Diciadain 15 Samhain) le mu 200 duine an làthair anns an Taigh-òsta Grand Central airson na còigeamh bliadhna de na duaisean.

Am measg na fhuair duaisean chaidh Urram nan Gàidheal a bhuileachadh air an Dr Fionnlagh MacLeòid à Leòdhas a tha ainmeil mar ùghdar, craoladair, tidsear agus neacheachdraidh agus airson nan tàlantan a th’ aige ann an iomadh raon eile. A’ toirt seachad na duaise do Mhgr MacLeòid, às leth Bhòrd na Gàidhlig, thuirt Dòmhnall MacLeòid a tha na bhall air a’ Bhòrd: “Tha Dr Finlay air a bhith ag obair gu dìcheallach a thaobh foghlaim, a thaobh craolaidh, a thaobh nan ealain, a thaobh eachdraidh, a thaobh sgrìobhaidh agus a thaobh iomadh rud eile. Tha e mion-eòlach air iomadh cuspair eadardhealaichte, nam measg teampaill, tobraichean slàinte, ainmean-àite, fir-tàileisg Leòdhais, togail dhealbh, arc-eòlas, strì an fhearainn, agus an t-àite a th’ aig creideamh agus foghlam ann an coimhearsnachdan. A-nochd tha sinne ag aithneachadh na h-obrach a rinn Dr Finlay agus tha sinn air leth toilichte an Duais seo a thoirt dha – Urram nan Gàidheal.”

Am measg na feadhna eile a fhuair duaisean bha Art MacCarmaig a fhuair Sàr Dhuais na Gàidhlig airson na h-obrach ionmholta a tha e air a dhèanamh fad bhliadhnaichean a’ seasamh an àirde airson a’ chànain agus a’ freagairt chasaidean a bhios a’ nochdadh anns na meadhanan le argamaidean a tha gu math mionaideach agus puingeil.

Fhuair Pàdruig Moireasdan à Uibhist a Tuath, a tha na oileanach ann an Dùn Èideann, an Duais Tosgaire Òg na Bliadhna.

Chaidh Duaisean Gàidhlig na h-Alba a thòiseachadh leis a’ phàipear-naidheachd nàiseanta an Daily Record le taic bho Bhòrd na Gàidhlig ann an 2013 agus tha an tachartas cuideachd a’ faighinn taic bho HIE, Alba Chruthachail, MG ALBA agus am buidheann prìobhaideach Thorntons Investments. Tha liosta den fheadhainn a bhuannaich gu h-ìosal

Duais airson Taic do dh’Ionnsachadh

A’ Chomataidh aig Buidheann Disathairne

An Duais Ealain is Chultarach

Le taic bho Alba Chruthachail

Alex NicDhòmhnaill

An Duais airson Tachartas

Comunn Eachdraidh Nis

An Duais Coimhearsnachd, Dualchais is Turasachd

Le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean

Buidheann-leasachaidh Gàidhlig Fhìobha

Sàr Dhuais na Gàidhlig

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig

Art MacCarmaig

An Duais Eadar-nàiseanta

Le taic bho MG ALBA

Raibeart MacMhuirich

An Duais airson Innleachdas ann am Foghlam Gàidhlig

Lasadh

Tosgaire Òg na Bliadhna

Pàdruig Moireasdan

Duais Eaconamach na Gàidhlig

Le taic bho Thorntons Investments

Fèisean nan Gàidheal

Urram nan Gàidheal

An Dr Fionnlagh MacLeòid

 

 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath-naidheachd seo cuiribh fios gu Murchadh Moireasdan, Manaidsear Conaltraidh agus Thachartasan aig Bòrd na Gàidhlig, air murchadh@gaidhlig.scot no 01463 225454 / 07525 893367

Aithisg Bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig air a foillseachadh

Chaidh an Aithisg Bhliadhnail airson 2016-2017 aig Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba ris a bheil e an urra leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart, fhoillseachadh an-diugh (Diluain 30 Dàmhair) aig coinneamh de Chòmhdhail na Gàidhealtachd is nan Eilean san Òban.

Tha an aithisg a’ toirt iomradh air na prìomh leasachaidhean a tha am Bòrd air a thoirt air adhart agus dhan tug e taic sa bhliadhna a dh’fhalbh. Nam measg bha: an treas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a chaidh a dhealbh; na cumhachan Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a chaidh a chur an gnìomh; co-obrachadh le barrachd is barrachd bhuidhnean poblach a tha a’ cur Phlanaichean Gàidhlig an sàs; taic don obair gus cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig a chur air adhart gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta; taic do dh’fhoghlam sgoile agus nan tràth-bhliadhnaichean tron Ghàidhlig; agus taic-maoineachaidh do thidsearan gus na sgilean aca a leasachadh agus do dh’oileanaich a bha a’ trèanadh airson a bhith nan tidsearan.

Chomharraich an Aithisg Bhliadhnail adhartas nach beag tron bhliadhna, leithid:

  • Tha 52 buidhnean poblach uile-gu-lèir ann a-nis le Planaichean Gàidhlig, a’ gabhail a-steach Poileas Alba, Comhairle Baile Obar Dheathain agus Seirbheis Ambaileans na h-Alba aig a bheil Planaichean Gàidhlig a fhuair aonta am-bliadhna
  • Thugadh còrr is £4.3m de thaic-maoineachaidh do 300 buidheann tro na diofar sgeamaichean maoineachaidh
  • Tha 75 buidhnean 0-5 Gàidhlig gan ruith gach seachdain ann an Alba
  • Barrachd cloinne ann am foghlam bun-sgoile na Gàidhlig
  • Barrachd sgoilearan a’ gabhail co-dhiù aon chuspair tron Ghàidhlig san àrd-sgoil
  • 15,000 duine cloinne ag ionnsachadh Gàidhlig no tron Ghàidhlig aig diofar ìrean ann an sgoiltean air feadh Alba
  • Cumhachan Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016
  • Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig air fhoillseachadh
  • Chaidh e-Sgoil a stèidheachadh sna h-Eileanan an Iar far a bheil e air soirbheachadh, agus e na amas dhaibh barrachd chothroman a thoirt air-loidhne do sgoilearan air feadh Alba air cuspairean a’ churraicealaim ann an Gàidhlig
  • Obair chom-pàirteach le MG ALBA gus barrachd ghoireasan a chruthachadh do luchd-ionnsachaidh tro LearnGaelic.scot agus bha còrr is 10,000 ‘like’ a fhuair e air Facebook na chomharra air buaidh an làraich-lìn

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach, mun Aithisg Bhliadhnail: “Tha Bòrd na Gàidhlig, ann an co-bhuinn ri Riaghaltas na h-Alba agus ar prìomh luchd-compàirt is coimhearsnachdan air feadh Alba, a’ sealltainn tro iomairtean buadhmhor is brosnachail gum bu chòir Gàidhlig a bhith air a cleachdadh barrachd agus gum b’ fhiach gach oidhirp gus an cànan a thoirt air adhart is ìomhaigh na Gàidhlig a thogail am measg an t-sluaigh. Tha e a’ sìor fhàs follaiseach dhuinn cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dh’eaconamaidh na h-Alba, agus mar a tha i na meadhan air ìrean coileanaidh nas àirde an lùib foghlaim agus air barrachd misneachd is cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan. Chan eil rian nach bi dùbhlain gu leòr romhainn, ach tha cothroman ann cuideachd, agus mar Bhòrd Stiùiridh tha sinn cinnteach gun urrainn dhuinn, le bhith ag obair còmhla ri càch, faighinn thairis air na dùbhlain agus gun tèid againn air na cothroman a ghabhail. Tha am Bòrd Stiùiridh airson taing mhòr a thoirt dhan iomadh duine agus buidheann sna coimhearsnachdan air feadh na dùthcha a tha ag obair gus cor na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic dhaibh, còmhla ri ar prìomh luchd-compàirt, gus dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas a tha sinn air fhaicinn a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig.”

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney “Tha mi a’ cur fàilte air Aithisg Bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig, a tha a’ toirt iomradh air grunn de na prìomh iomairtean dhan tug iad taic sa bhliadhna a chaidh seachad. Tha e gu sònraichte na adhbhar misneachd gu bheil barrachd cloinne gan oideachadh ann am foghlam na Gàidhlig agus gu bheilear a’ lorg fhuasglaidhean air uireasbhaidhean sam bith a th’ ann agus a’ faotainn dòighean a bharrachd gus taic a thoirt dhan fhoghlam sin, leithid e-Sgoil. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn nan oidhirpean gus togail air an adhartas a rinneadh agus Bòrd na Gàidhlig a’ toirt an ath Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gu buil.”

Lean Ailean Dòmhnallach air: “Tha e gu h-àraidh freagarrach, airson grunn adhbharan, gu bheilear a’ foillseachadh Aithisg Bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig san Òban aig Còmhdhail na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha a’ Ghàidhlig is a cultar air a bhith freumhaichte gu daingeann ann an eachdraidh Earra-Ghàidheal fad iomadh linn; tha a’ Ghàidhlig cudromach dhan eaconamaidh agus tha cothroman ann leis a’ chànan cur ris an eaconamaidh; agus a thaobh foghlaim tha pàrantan san Òban ag iarraidh gun tèid sgoil Ghàidhlig a chur air chois agus tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air taic a thoirt dhaibh a thaobh sin agus iad air maoineachadh a thoirt dhaibh gus a’ chùis a sgrùdadh tron sgeama mhaoineachaidh chom-pàirteach aca.”

Annual Report 2016-17

Kevin McGlynn Photography

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath-naidheachd seo cuiribh fios gu Murchadh Moireasdan, Manaidsear Conaltraidh agus Thachartasan aig Bòrd na Gàidhlig, air post-d aig murchadh@gaidhlig.scot no le bhith fònadh 01463 225454 / 07525 893367

Sgioba Bhòrd na Gàidhlig air a neartachadh le dithis luchd-obrach ùr air tòiseachadh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air dithis luchd-obrach ùr, Tasha Madigan agus Christie NicIllEathain, a tha air tòiseachadh aig a’ bhuidhinn.

’S ann à Ùige san Eilean Sgitheanach a tha Tasha Madigan. Thòisich i ag ionnsachadh Gàidhlig nuair a bha i aig Àrd-sgoil Phort Rìgh. Nuair a dh’fhàg i an Àrd-sgoil, ghluais i gu Obar Dheathain far an do rinn i ceum ann an Gàidhlig is Eachdraidh. Às dèidh ceithir bliadhna ann an Obar Dheathain, rinn Tasha an cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig agus chuir i crìoch air a’ chùrsa sin sa Chèitean. Bidh Tasha stèidhichte sa Ghearasdan mar Oifigear Thràth-bhliadhnaichean.

Thòisich Christie NicIllEathain san dreuchd Oifigear Buileachaidh Phlanaichean. ’S ann às a’ Mhanachainn a tha Christie a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig ann an Acadamaidh Bhaile Theàrlaich ann an Inbhir Nis. Rinn i ceum ann an Gàidhlig is Leasachadh aig Sabhal Mòr Ostaig agus às dèidh sin bha i ag obair aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean mar Oifigear Leasachaidh Gàidhlig (Ceumnaiche). Tha Christie gu bhith stèidhichte ann an Inbhir Nis aig oifisean a’ Bhùird ann an Taigh a’ Ghlinne Mhòir.

​​Chuir Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, fàilte air Christie agus Tasha agus i ag ràdh: “Tha sinn fior thoilichte gu bheil Christie agus Tasha gu bhith cur ris an obair a tha am Bòrd a’ dèanamh agus tha mi cinnteach gun tèid na tàlantan a th’aca a chur gu feum mòr ann a bhith coileanadh amasan a’ Bhùird airson na Gàidhlig.”

Taisbeanadh Taighean – Tasgaidh Nàiseanta Na H-Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt fhoillseachadh co-cheangailte ri connspaid a tha air èirigh mun taisbeanadh ùr Bonnie Prince Charlie and The Jacobites a bhios ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a dh’aithghearr.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair le tòrr dhiofar bhuidhnean poblach, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba nam measg, airson dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig air a foillseachadh gu làidir agus aig fìor àrd-ìre taobh a-staigh nan diofar bhuidhnean agus air feadh Alba. ’S e bhith a’ leasachadh Phlanaichean Gàidhlig aon de na prìomh shlatan-tomhais a tha air ainmeachadh ann an Achd na Gàidhlig far am faigh a’ Ghàidhlig spèis cho-ionann ann an Alba.

“Anns a’ Phlana Ghàidhlig aca tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air dearbhadh gu bheil iad airson gum bi Beurla agus Gàidhlig taobh ri taobh ann an taisbeanaidhean far a bheil ceangal ann ris a’ Ghàidhlig no far a bheil a’ Ghàidhlig mar chuspair agus seo cothrom math sin a dhèanamh leis an taisbeanadh Bonnie Prince Charlie and the Jacobites dìreach mar a rinn iad roimhe le taisbeanaidhean mar Fonn ’s Dùthchas agus Lewis Chessmen Unnmasked.

“Tha Bòrd na Gàidhlig mothachail gu bheil gearanan air a bhith aig cuid a dhaoine ann an coimhearsnachd na Gàidhlig mu cho beag Gàidhlig a bhios ri fhaicinn agus ri chluinntinn san taisbeanadh. ’S e bhith ag aithneachadh agus a’ toirt spèis do bheachdan coimhearsnachd na Gàidhlig aon de na prionnsabalan cudromach eile ann an Achd na Gàidhlig agus tha Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air a’ chonaltradh a tha air a bhith ann mar phàirt cudromach dhen sin.

“ ’S e cothrom fìor mhath a th’ ann cuideachd do Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ceanglaichean làidir a dhèanamh ri sgoiltean Gàidhlig agus ris a’ choimhearsnachd anns an fharsaingeachd tron taisbeanadh Bonnie Prince Charlie and the Jacobites agus tha Bòrd na Gàidhlig toilichte taic agus comhairle a thabhann dhaibh airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine, a bhios a’ coimhead air an taisbeanadh no ag ionnsachadh mu dheidhinn, a’ Ghàidhlig fhaicinn mar phàirt susbainteach dheth.”