Tha a’ Choimhearsnachd aig Teis-meadhan Leasachadh na Gàidhlig

Chuir buidheann-obrach a stèidhich Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA, Comataidh Comhairleachaidh Cànain, fàilte aig coinneimh o chionn ghoirid air grunn aithisgean-adhartais a fhuair iad bho LEACAG, pròiseact com-pàirteach, sa bheil diofar oilthighean an sàs, a tha ag amas air goireasan air-loidhne ùra a chruthachadh airson na Gàidhlig. ’S e a tha fa-near do na goireasan sin Gàidhlig dhùthchasach is nàdarra a bhrosnachadh am measg dhaoine a tha an sàs ann an diofar raointean, leithid foghlaim, nam meadhanan agus foillseachaidhean foirmeil. Chuala a’ chomataidh mun ath ìre de phròiseact gràmair far am bi LEACAG a’ gabhail comhairle bho choimhearsnachdan air na dòighean gnàthach sam bi Gàidheil a’ bruidhinn is a’ sgrìobhadh Gàidhlig.

Chaidh a’ chomataidh a chur air chois an-uiridh agus ’s i Jo NicDhòmhnaill, a bhuineas do Nis ann an Leòdhas bho thùs, an Cathraiche. Cuideachd air a’ chomataidh tha Ailean Caimbeul (An t-Eilean Sgitheanach), Catriona Chaimbeul (Uibhist a Deas), Iain MacDhòmhnaill (Griomasaigh), Donnchadh MacGuaire (Muile), Ruairidh MacIlleathain (A’ Chomraich), Dòmhnall Moireasdan (Leòdhas), agus Catrìona Mhoireach (Na Hearadh).  Chaidh na buill uile a mholadh air sàillibh an eòlais a th’ aca air a’ chànan, dualchas na Gàidhlig agus iomadh raon eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.

Thuirt Jo NicDhòmhnaill: “Tha e follaiseach gu bheil obair mhath ga dhèanamh feuch am bi cor na Gàidhlig a’ sìor dhol am feabhas. Chaidh rannsachadh a dhèanamh ann an 2014, a chomharraich uireasbhaidhean. Sheall e dhuinn cuideachd dè na dòighean anns an robh muinntir na Gàidhlig ag iarraidh dèiligeadh ris na h-uireasbhaidhean sin. Tha a’ chomataidh ann gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cur farsaingeachd de sgilean is bheachdan gu feum sa phròiseact seo, agus gus dèanamh cinnteach gum bi na goireasan a thig às freagarrach airson nam feumannan a chaidh a chomharrachadh. Aig a’ cheann thall tha sinn airson ’s gum bi misneachd aig daoine Gàidhlig a chleachdadh nar linn fhìn agus san ùine ri teachd.”

Mar phàirt den chiad ìre den phròiseact seo, thathar ag amas air stiùireadh gràmair a chruthachadh agus thèid dòighean-obrach soilleir a stèidheachadh gus briathrachas ùr aontachadh agus a sgaoileadh.

Tha muinntir na Gàidhlig den bheachd gum bu chòir prìomhachas a thoirt don dà leasachadh sin, a rèir rannsachadh a chaidh a dhèanamh do Bhòrd na Gàidhlig a-cheana. Sheall an rannsachadh gu soilleir gun robh daoine bho dhiofar choimhearsnachdan a’ miannachadh gum biodh daoine aig an robh Gàidhlig mar chiad chànan aig teis-meadhan na h-obrach gus an cànan a thoirt air adhart.

Thuirt an Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag: “Tha a’ Ghàidhlig a’ sìor atharrachadh is a’ sìor dhol air adhart, agus i mar phàirt cudromach de dh’Alba san latha an-diugh. San rannsachadh seo dh’iarr sinn air muinntir na Gàidhlig innse dhuinn dè bha a dhìth orra aig an àm seo agus, rud a bha fìor chudromach, dè na goireasan a bu chòir dhuinn a chruthachadh gus frithealadh air feuman luchd-labhairt na Gàidhlig, aig gach aois agus aig gach ìre fileantachd.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, an Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd aig MG ALBA: “Tha sinn toilichte a bhith a’ toirt cuideachadh pragtaigeach do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig le gràmar agus le briathrachas ùr. Tha an obair seo an dà chuid pragtaigeach agus feumail, agus cuideachd, gu cudromach, tha sàr-eòlaichean a’ chànain agus eòlaichean acadaimigeach a’ toirt ùghdarras don obair seo.”

DEIREADH