Tachartas Foghlam tron Ghàidhlig ann am Peairt

Thèid tachartas sònraichte mu dheidhinn Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) a chumail ann am Peairt gus bruidhinn air adhartas le Foghlam Gàidhlig

Là Foghlam tron Ghàidhlig

Bidh mu 45 luchd-foghlaim bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt ann an tachartas fad-latha air Dihaoine 1 Màrt 2019 gus plana gnìomh ùr a dhealbh airson foghlam Gàidhlig ann an Alba.

Tha Bòrd na Gàidhlig, ann an co-bhuinn ri Foghlam Alba, Riaghaltas na h-Alba, agus Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA), air iarraidh air riochdairean bho ùghdarrasan ionadail, tidsearan nam measg, tighinn gu tachartas aig Ionad Cho-labhairtean Battleby ann am Peairt.

Cuideachd am measg nan daoine a bhios an làthair bidh riochdairean bho ionadan a bhios a’ toirt seachad foghlam adhartach is àrd-ìre, agus riochdairean bho na sia sgoiltean Gàidhlig ann an Alba, a tha stèidhichte ann an Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Nis, Loch Abar agus Port Rìgh. Air an latha, bidh cothrom aig daoine pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean mionaideach mu mar a ghabhas an Curraicealam FtG airson ÀS4-ÀS6 a dhealbh san ùine air thoiseach agus mu mar a ghabhas frithealadh air an leudachadh a tha a’ tighinn air foghlam na Gàidhlig.

Air an latha – a thèid fhosgladh le facal bho Jim Whannel, Cathraiche Comataidh Ionnsachaidh Bhòrd na Gàidhlig – thèid bùithtean-obrach is pannalan-deasbaid a chumail, agus an lùib nan còmhraidhean sin bidh cothrom aig daoine cluinntinn bho na sgoiltean a tha a’ dealbh is a’ leasachadh nan àrd-ìrean den churraicealam àrd-sgoile aca.

Aig a’ cheann thall, ’s e a tha san amharc leis an tachartas seo, plana gnìomh a dhealbh leis na ceumannan a thèid a ghabhail gus an curraicealam a thoirt air adhart. Bithear cuideachd a’ toirt sùil air slighean dreuchdail do luchd-obrach a tha an sàs ann am foghlam tron Ghàidhlig.

Thuirt Jim Whannel: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh an tachartas sònraichte seo fhosgladh a bhios a’ coimhead air an t-slighe air adhart airson Foghlam Àrd-sgoile FtG. Tha mi gu sònraichte toilichte agus tha e na adhbhar misneachd dhomh gu bheil e gu bhith mar phàirt cudromach den tachartas gum bi prìomh luchd-foghlaim a’ cruinneachadh gus plana èifeachdach a dhealbh leis na ceumannan a tha a dhìth gus tuilleadh adhartais a dhèanamh. Tha e glè chudromach, ma tha a leithid a dh’adhartas gu bhith ann, gun iarrar comhairle is stiùireadh bho thidsearan is luchd-stiùiridh nan ùghdarrasan ionadail gus am plana ùr a chruthachadh.

“Tha Ministear na Gàidhlig, Iain Swinney BPA, air a bhith air ceann na h-iomairt, Adhartas nas Luaithe, a tha air buidhnean nàiseanta a thoirt còmhla airson tuilleadh adhartais a dhèanamh thar dhiofar raointean mar thaic dhan Ghàidhlig agus tha sinn a’ dèanamh toileachas mòr ris an iomairt ùir seo airson FtG aig ìre na h-àrd-sgoil. Tha barrachd is barrachd phàrantan is daoine òga air feadh Alba a’ togail ùidh ann am foghlam tron Ghàidhlig agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leudachadh air an àireamh dhaoine ann am FtG aig ìre na h-àrd-sgoile, agus sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil an seòrsa foghlaim sin a’ cur ris an adhartas a tha sinn a’ faicinn air feadh Roinn an Fhoghlaim ann an Alba.”

Thuirt Gillian Chaimbeul-Thow, Cathraiche Lìonra nan Ùghdarrasan Ionadail Gàidhlig (LUIG): “Tha e gu h-àraidh freagarrach gu bheil an tachartas seo, a tha ag amas air cur ris an taghadh de chuspairean a gheibhear, ga chumail aig an aon àm ’s a bhios Comataidh Foghlaim is Sgilean Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail fianais air na roghainnean a gheibhear sa churraicealam a thaobh chuspairean. Bidh na còmhraidhean a bhios againn glè fheumail do dh’ùghdarrasan ionadail, gu h-àraidh air sàillibh gum bi A’ Togail Feachd-obrach Òg mar phàirt de ghnothaichean an latha.”

Thuirt Jane Renton, Leas-Stiùiriche, Foghlam Alba: “Tha e na thoileachas dhuinn a bhith a’ gabhail pàirt sa cho-labhairt Dihaoine. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ bruidhinn air mar a ghabhas na h-àrd-ìrean de dh’Fhoghlam tron Ghàidhlig a leasachadh feuch am faigh daoine òga buannachdan bho ionnsachadh ùidheil is brìoghmhor thar gach taobh den churraicealam agus feuch an ruig iad na h-ìrean-coileanaidh as àirde as urrainn dhaibh.”

Thuirt Raibeart Quinn, Ceann Theisteanasan – Beurla, Nuadh-chànanan agus Gnothachas aig Ùghdarras Theisteanas na h-Alba: “Tha e fìor chudromach gum faigh sgoilearan, a fhuair foghlam tron Ghàidhlig air feadh an fhoghlaim fharsaing choitchinn aca sa bhun-sgoil agus sa chiad trì bliadhna san àrd-sgoil, làn chothrom air foghlam tron Ghàidhlig aig na h-àrd-ìrean – ÀS4 gu ÀS6. Às aonais leantalachd mar sin nan cuid foghlaim, cha tèid na sgilean cànain aca a dhaingneachadh mar a bu chòir. Tha an SQA a’ cur a làn thaic ri plana nàiseanta aonaichte a nì cinnteach gun tachair seo.”

Bòrd na Gàidhlig air Cathraiche Eadar-amail ainmeachadh

Chaidh Màiri T NicAonghais ainmeachadh mar Chathraiche Eadar-amail air Bòrd na Gàidhlig aig coinneamh a’ Bhùird ann an Inbhir Nis a chaidh a chumail air 6 Dùbhlachd 2018. Tha a’ Bhean-phòsta NicAonghais, a bhuineas do dh’Uibhist a Deas, a’ gabhail na dreuchd òs làimh às dèidh do dh’Ailean Dòmhnallach gluasad gu bhith mar Chathraiche air MG ALBA far am bi e a’ tòiseachadh tràth an ath-bhliadhna. Thòisich a’ Bh-ph NicAonghais mar Bhall air a’ Bhòrd anns a’ Mhàrt 2016 agus bidh i a’ tòiseachadh ann an dreuchd Cathraiche Eadar-amail Bòrd na Gàidhlig air 1mh Faoilleach 2019.

’S e Cathraiche Ceòlas a th’ ann am Màiri T NicAonghais, agus tha iomadh dreuchd air a bhith aice sa choimhearsnachd a’ buntainn ri foghlam, a’ Ghàidhlig, agus ionnsachadh inbheach. Bha i na Ceannard ann an Sgoil an Ìochdair agus tha i cuideachd air a bhith na ball de na bùird aig grunn bhuidhnean ann an Alba, leithid Comhairle Ealain na h-Alba agus Comataidh Craolaidh Gàidhlig

Thuirt Ailean Dòmhnallach: “Tha mi a’ cur fàilte air Màiri NicAonghais mar Chathraiche Eadar-amail air Bòrd na Gàidhlig agus a’ guidhe gach soirbheachas dhi agus don sgioba air fad anns na mìosan agus na bliadhnaichean a tha romhainn. Chòrd e rium fhìn gu mòr a bhith sa chathair aig Bòrd na Gàidhlig thairis air na trì bliadhna gu leth mu dheireadh agus tha cothrom ann do Mhàiri a-nis am buidheann a thoirt air adhart gus an tèid Cathraiche ùr maireannach a chur an dreuchd an ath-bhliadhna.”

Thuirt Màiri NicAonghais: “Tha mi gu math toilichte dreuchd Cathraiche Bòrd na Gàidhlig a ghabhail agus bu mhath leam taing mhòr a thoirt do dh’Ailean Dòmhnallach airson an obair a rinn e airson a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart aig ìre ionadail anns na coimhearsnachdan agus aig ìre nàiseanta ann an Alba thairis air an ùine aige sa chathair. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr le bhith ag obair còmhla ri Buill a’ Bhùird, an Ceannard agus an sgioba luchd-obrach, na diofar choimhearsnachdan air feadh Alba agus Riaghaltas na h-Alba is eile airson maith na Gàidhlig.”

Bha Ailean Dòmhnallach mar Chathraiche Eadar-amail agus mar làn Chathraiche air a’ Bhòrd bho chionn ceithir bliadhna, agus roimhe sin bha e na Leas-Chathraiche.

Tha an Riaghaltas air pròiseas trusaidh a thòiseachadh gus Cathraiche maireannach a thrusadh.

CRÌOCH

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath-naidheachd seo cuiribh fios gu Murchadh Moireasdan, Manaidsear Conaltraidh agus Thachartasan aig Bòrd na Ghàidhlig, air murchadh@gaidhlig.scot no 01463 225454 / 07525 893367

Fios do Luchd-deasachaidh:

’S e raon-ùghdarrais Bhòrd na Gàidhlig a bhith a’ toirt taic do Ghàidhlig na h-Alba agus a bhith ga cur air adhart agus ga leasachadh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. ’S e an lèirsinn a th’ againn gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd mar chànan brìoghmhor is neartmhor agus i air a cleachdadh barrachd is i a’ faighinn spèis ann an Alba an latha an-diugh sa bheil iomadh cultar is cànan.

Bòrd na Gàidhlig ag obair ann an com-pàirt gus Bliadhna na h-Òigridh a chomharrachadh

Tha e air a bhith na thoileachas do Bhòrd na Gàidhlig, mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh 2018 ann an Alba, cothroman a ghabhail airson a bhith ag obair air feadh na bliadhna còmhla ri grunn bhuidhnean nàiseanta agus coimhearsnachd gus cur ri cleachdadh na Gàidhlig gu nàiseanta. Mar thoradh air a’ cho-obrachadh sin, chaidh luchd-labhairt òga na Gàidhlig fhastadh ann an dreuchdan aig diofar bhuidhnean nàiseanta is coimhearsnachd gus cur ris an obair a nì na buidhnean sin leis a’ Ghàidhlig agus gus ìomhaigh a’ chànain a thogail gu nàiseanta agus ann an coimhearsnachdan ionadail.

Am measg nan daoine òga sin tha Shona Nic a’ Mhaoilein, a chaidh fhastadh mar Oifigear Leasachaidh Gàidhlig san t-Sultain aig Urras Oighreachd Ghabhsainn, a tha fo shealbh na coimhearsnachd agus a tha stèidhichte ann an Nis ann an Leòdhas sna h-Eileanan an Iar. Tha Shona, a bhuineas do Chàrlabhagh ann an Leòdhas, ag obair còmhla ri buidhnean is gnothachasan ionadail gus an cuideachadh le bhith a’ cleachdadh Gàidhlig san obair làitheil aca agus gus an cànan a neartachadh is a thoirt air adhart agus airson cothroman a chomharrachadh gus obair chom-pàirteach a chur air dhòigh.

Thuirt Agnes Rennie Cathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn “Chan eil teagamh nach e fìor dheagh naigheachd a th’ann samhail Shona tighinn air bòrd an sgioba againn aig UOG. Tha an dreuchd seo co-mhaoinichte le Bòrd na Gàidhlig, HIE agus Urras Oighreachd Ghabhsann agus tha e na phàirt chudromach dhan fheallsanachd aig an Urrais a thaobh cuir luach anns a chànan agus cultar sgìre an oighreachd”

Thuirt Shona Nic a’ Mhaoilean “ Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri gnìomhachasan agus buidhnean anns an coimhearsnachd ionadail airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail”

Tha Ruairidh Hamilton, à Dùn Èideann ag obair aig Young Scot, a’ bhuidheann-charthannais òigridh nàiseanta a bhios a’ toirt seachad fiosrachadh agus a’ cur iomairtean air dòigh a thaobh chùisean saoranachd. Bidh a’ bhuidheann a’ toirt fiosrachadh is molaidhean do dh’òigridh, aois 11-26, agus a’ cur iomairtean air dòigh gus an cuideachadh a bhith nan saoranaich mhisneachail, fhiosraichte agus ghnìomhach.

Tha Steaphanaidh Chaimbeul, à Caol Loch Aillse, ag obair airson a’ phròiseict, An Àirigh, ann an Gleann Srath Farair, faisg air a’ Mhanachainn air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha An Àirigh a’ tabhann thurasan do sgoiltean agus greisean-còmhnaidh, làithean-saora, cothroman gus obair shaor-thoileach a dhèanamh agus sgoil-àraich a-muigh do chloinn aois 3 gu 5, agus bidh Steaphanaidh a’ toirt seachad cothroman ionnsachaidh a-muigh ann an Gàidhlig agus a’ cuideachadh leis na cothroman ionnsachaidh Gàidhlig san fharsaingeachd a gheibhear aig An Àirigh.
As t-samhradh, bha Coinneach MacFhraing air fhastadh aig Urras Mhuc-mara nan Eilean buidheann-charthannais glèidhteachas mara stèidhichte ann am Muile a bhios a’ toirt na h-obrach aca gu buil tro phrògram de rannsachadh is foghlam, aig a bheil cliù eadar-nàiseanta, san Ionad Fhiosrachaidh air bòrd a’ bhàta aca, Silurian, agus tro bhith a’ tadhal air sgoiltean air feadh nan Eileanan A-muigh is A-staigh. Mar phàirt den obair aig Coinneach, bha aige ri leudachadh a dhèanamh air prògram foghlaim an Urrais gus an ghabhadh a lìbhrigeadh do sgoilearan ann am foghlam tron Ghàidhlig, agus bha e cuideachd a’ toirt bhùithtean-obrach seachad aig muir agus a’ stiùireadh obair-faire air tìr agus a’ cur thachartasan coimhearsnachd air dòigh.

Ann an co-bhuinn ri Alba Chruthachail, tha am Bòrd air taic a thoirt do ghreisean-trèanaidh do dhaoine ann an dreuchdan cruthachail aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath. Tha na dreuchdan sin ann gus taic a thoirt do bhuidhnean ealain/cruthachail le bhith cur ris an obair chruthachail a nì iad ann an Gàidhlig.
’S e Calum Friseal (24) an neach-trèanaidh aig An Lanntair. Tha Calum air fhastadh mar Neach-obrach Prògram nan Ealain Cleasachd fo Thrèanadh agus mar phàirt den dreuchd aige bidh e ag obair leis a’ Bhòrd Òigridh ùr aig An Lanntair agus sgioba a’ phrògraim gus cuideachadh le prògram cruthachail An Lanntair.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte gum b’ urrainn dhuinn cuideachadh le bhith a’ comharrachadh Bliadhna na h-Òigridh ann an Alba agus gum b’ urrainn dhuinn taic mhath a thoirt do dhiofar phròiseactan a tha a’ fastadh dhaoine òga le Gàidhlig. Tha sinn gu làidir den bheachd, gum faigh na daoine òga uile, na fastaichean aca agus na coimhearsnachdan far a bheil iad ag obair buannachdan às an taic bhon Bhòrd sa gheàrr-ùine agus thar ùine nas fhaide agus gun dèan e feum dhan Ghàidhlig fhèin airson nam bliadhnaichean ri thighinn.”