Aithisg Bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig air a foillseachadh

Chaidh an Aithisg Bhliadhnail airson 2016-2017 aig Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba ris a bheil e an urra leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart, fhoillseachadh an-diugh (Diluain 30 Dàmhair) aig coinneamh de Chòmhdhail na Gàidhealtachd is nan Eilean san Òban.

Tha an aithisg a’ toirt iomradh air na prìomh leasachaidhean a tha am Bòrd air a thoirt air adhart agus dhan tug e taic sa bhliadhna a dh’fhalbh. Nam measg bha: an treas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a chaidh a dhealbh; na cumhachan Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a chaidh a chur an gnìomh; co-obrachadh le barrachd is barrachd bhuidhnean poblach a tha a’ cur Phlanaichean Gàidhlig an sàs; taic don obair gus cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig a chur air adhart gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta; taic do dh’fhoghlam sgoile agus nan tràth-bhliadhnaichean tron Ghàidhlig; agus taic-maoineachaidh do thidsearan gus na sgilean aca a leasachadh agus do dh’oileanaich a bha a’ trèanadh airson a bhith nan tidsearan.

Chomharraich an Aithisg Bhliadhnail adhartas nach beag tron bhliadhna, leithid:

  • Tha 52 buidhnean poblach uile-gu-lèir ann a-nis le Planaichean Gàidhlig, a’ gabhail a-steach Poileas Alba, Comhairle Baile Obar Dheathain agus Seirbheis Ambaileans na h-Alba aig a bheil Planaichean Gàidhlig a fhuair aonta am-bliadhna
  • Thugadh còrr is £4.3m de thaic-maoineachaidh do 300 buidheann tro na diofar sgeamaichean maoineachaidh
  • Tha 75 buidhnean 0-5 Gàidhlig gan ruith gach seachdain ann an Alba
  • Barrachd cloinne ann am foghlam bun-sgoile na Gàidhlig
  • Barrachd sgoilearan a’ gabhail co-dhiù aon chuspair tron Ghàidhlig san àrd-sgoil
  • 15,000 duine cloinne ag ionnsachadh Gàidhlig no tron Ghàidhlig aig diofar ìrean ann an sgoiltean air feadh Alba
  • Cumhachan Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016
  • Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig air fhoillseachadh
  • Chaidh e-Sgoil a stèidheachadh sna h-Eileanan an Iar far a bheil e air soirbheachadh, agus e na amas dhaibh barrachd chothroman a thoirt air-loidhne do sgoilearan air feadh Alba air cuspairean a’ churraicealaim ann an Gàidhlig
  • Obair chom-pàirteach le MG ALBA gus barrachd ghoireasan a chruthachadh do luchd-ionnsachaidh tro LearnGaelic.scot agus bha còrr is 10,000 ‘like’ a fhuair e air Facebook na chomharra air buaidh an làraich-lìn

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach, mun Aithisg Bhliadhnail: “Tha Bòrd na Gàidhlig, ann an co-bhuinn ri Riaghaltas na h-Alba agus ar prìomh luchd-compàirt is coimhearsnachdan air feadh Alba, a’ sealltainn tro iomairtean buadhmhor is brosnachail gum bu chòir Gàidhlig a bhith air a cleachdadh barrachd agus gum b’ fhiach gach oidhirp gus an cànan a thoirt air adhart is ìomhaigh na Gàidhlig a thogail am measg an t-sluaigh. Tha e a’ sìor fhàs follaiseach dhuinn cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dh’eaconamaidh na h-Alba, agus mar a tha i na meadhan air ìrean coileanaidh nas àirde an lùib foghlaim agus air barrachd misneachd is cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan. Chan eil rian nach bi dùbhlain gu leòr romhainn, ach tha cothroman ann cuideachd, agus mar Bhòrd Stiùiridh tha sinn cinnteach gun urrainn dhuinn, le bhith ag obair còmhla ri càch, faighinn thairis air na dùbhlain agus gun tèid againn air na cothroman a ghabhail. Tha am Bòrd Stiùiridh airson taing mhòr a thoirt dhan iomadh duine agus buidheann sna coimhearsnachdan air feadh na dùthcha a tha ag obair gus cor na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic dhaibh, còmhla ri ar prìomh luchd-compàirt, gus dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas a tha sinn air fhaicinn a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig.”

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney “Tha mi a’ cur fàilte air Aithisg Bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig, a tha a’ toirt iomradh air grunn de na prìomh iomairtean dhan tug iad taic sa bhliadhna a chaidh seachad. Tha e gu sònraichte na adhbhar misneachd gu bheil barrachd cloinne gan oideachadh ann am foghlam na Gàidhlig agus gu bheilear a’ lorg fhuasglaidhean air uireasbhaidhean sam bith a th’ ann agus a’ faotainn dòighean a bharrachd gus taic a thoirt dhan fhoghlam sin, leithid e-Sgoil. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn nan oidhirpean gus togail air an adhartas a rinneadh agus Bòrd na Gàidhlig a’ toirt an ath Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gu buil.”

Lean Ailean Dòmhnallach air: “Tha e gu h-àraidh freagarrach, airson grunn adhbharan, gu bheilear a’ foillseachadh Aithisg Bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig san Òban aig Còmhdhail na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha a’ Ghàidhlig is a cultar air a bhith freumhaichte gu daingeann ann an eachdraidh Earra-Ghàidheal fad iomadh linn; tha a’ Ghàidhlig cudromach dhan eaconamaidh agus tha cothroman ann leis a’ chànan cur ris an eaconamaidh; agus a thaobh foghlaim tha pàrantan san Òban ag iarraidh gun tèid sgoil Ghàidhlig a chur air chois agus tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air taic a thoirt dhaibh a thaobh sin agus iad air maoineachadh a thoirt dhaibh gus a’ chùis a sgrùdadh tron sgeama mhaoineachaidh chom-pàirteach aca.”

Annual Report 2016-17

Kevin McGlynn Photography

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath-naidheachd seo cuiribh fios gu Murchadh Moireasdan, Manaidsear Conaltraidh agus Thachartasan aig Bòrd na Gàidhlig, air post-d aig murchadh@gaidhlig.scot no le bhith fònadh 01463 225454 / 07525 893367