Bòrd na Gàidhlig a’ fastadh Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air Mona Wilson a chur an dreuchd mar a’ chiad Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig aig a’ bhuidhinn, aon de na dreuchdan as cudromaiche a th’ ann am Foghlam na Gàidhlig. ’S ann à Leòdhas a tha Mona bho thùs agus tha i air a bhith ag obair aig Oilthigh Srath Chluaidh bho 1999 mar Òraidiche Foghlaim agus an uair sin mar Àrd-òraidiche ann an Gàidhlig. Tòisichidh i san dreuchd ùir aice aig a’ Bhòrd air an 20mh latha den mhìos seo.

Tha raon farsaing de dhleastanasan a’ tighinn leis an dreuchd ùir. Bidh Mona os cionn sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig agus a’ stiùireadh phoileasaidhean foghlaim a’ Bhùird, bidh i a’ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba a thaobh Foghlam na Gàidhlig, bidh i ag obair còmhla ri ùghdarrasan foghlaim agus buidhnean eile a tha an sàs ann a bhith lìbhrigeadh foghlam gus amasan a’ Bhùird a thoirt gu buil, agus bidh i os cionn na h-obrach a nì am Bòrd gus ar dleastanasan ùra fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a choileanadh.

Thuirt Ailean Dòmhnallach, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, agus e a’ cur fàilte air an naidheachd: “Tha fios againn uile cho cudromach agus a tha an dreuchd seo a thaobh foghlam na Gàidhlig, agus tha iomadh dùbhlan romhainn. Tha an dreuchd seo agus mar a thèid ar n-amasan is cinn-uidhe a thoirt gu buil fìor chudromach don obair a tha am Bòrd a’ dèanamh san fharsaingeachd aig ìre ro-innleachdail agus tha na choileanas Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig gu bhith aig teis-meadhan gach nì a bhios sinn a’ dèanamh. Bidh Mona os cionn sgioba a chaidh a neartachadh bho chionn ghoirid feuch gun urrainn dhaibh na h-amasan sa Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig a lìbhrigeadh. Bha sinn a’ sireadh neach aig am biodh spionnadh is dealas san obair agus tha na dearbh chomasan agus an t-eòlas aig Mona a tha dhìth oirnn gus planaichean a’ Bhùird a thoirt air adhart agus a thoirt gu bith.”

Thuirt Brus Robasdan, Ceannard Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig agus a chleachd a bhith na Stiùiriche an Fhoghlaim: “Tha an dreuchd seo uabhasach cudromach don obair againn agus tha Mona a’ dol a chur gu mòr ri sgioba stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig.”

Tha Mona air a ràdh gur e aon de na prìomh amasan a th’ aice togail air an eòlas a th’ aice bho bhith ag obair aig Oilthigh Srath Chluaidh agus mar Cheannard-sgoile. “Feumaidh sinn fhathast am bun-stèidh a th’ againn airson foghlam is ionnsachadh na Gàidhlig a neartachadh agus nì sinn sin le bhith toirt taic do dh’iomairtean gus luchd-obrach misneachail is uidheamaichte a thrusadh a nì cinnteach gun tèid againn air frithealadh air an leudachadh a tha tachairt ann am foghlam Gàidhlig. Le taic bho Riaghaltas na h-Alba, Ùghdarrasan Ionadail agus oilthighean, bidh am Bòrd a’ toirt taic do dh’iomairtean a chuidicheas le bhith leudachadh an àireamh chùrsaichean a tha rim faotainn do dhaoine a tha airson teisteanas teagaisg a thoirt a-mach, no a tha airson gluasad bho theagasg tron Bheurla gu bhith teagasg Gàidhlig no tron Ghàidhlig. Tha làn fhios a’m mar a dh’fheumas sinn ceanglaichean buadhach is leantainneach a thogail aig ìre ionadail agus nàiseanta leis gach buidheann a tha an sàs ann am foghlam agus cùisean Gàidhlig eile. Tha ùghdarrasan ionadail agus Raon an Fhoghlaim Àrd-ìre cuideachd gu math cudromach don obair gus ar n-amasan a lìbhrigeadh agus bidh mi ag obair gu dlùth còmhla riutha gus làn bhrath a ghabhail air na cothroman a th’ ann.”

Tha eòlas farsaing aig Mona Wilson air raon an fhoghlaim; bha i roimhe na Prìomh Thidsear Gàidhlig fad 10 bliadhna aig Bun-sgoil Chrois na Cìse ann an Dùn Èideann, tha i air a bhith na h-oide a’ trèanadh inbhich airson CLAD, agus bha i na Ceannard eadar-amail aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.