Bòrd na Gàidhlig a’ Toirt Taic don Phròiseact Cnoc Soilleir


Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig an naidheachd an-diugh gu bheil iad air maoineachadh a thoirt don phròiseact Cnoc Soilleir ann an Uibhist.

’S e a th’ anns a’ phròiseact, compàirteachas eadar Ceòlas Uibhist agus Colaisde a’ Chaisteil (OGE) gus ionad a stèidheachadh airson ceòl na Gàidhlig, dannsa is dualchas. Thathar an dùil leis an ionad ùr togail air is cur ris an obair aig Ceòlas,  a tha air a bhith soirbheachail ann a bhith toirt chothroman do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean nàdarra sa choimhearsnachd agus ann a bhith cur nan ealain Gàidhlig is cultar na Gàidhlig fa chomhair an t-sluaigh gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

Tha Bòrd na Gàidhlig air maoineachadh  luach £150,000 a thoirt seachad mar phàirt den £7m a chosgas am pròiseact, agus tha am pròiseact air maoineachadh a ghleidheadh bho Riaghaltas na h-Alba mu thràth.

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach: “Ma thathar a’ dol a thoirt ath-bheothachadh air mion-chànan, tha e gu math cudromach gun tèid àrdachadh a thoirt air inbhe a’ chànain agus gum bi i air a cleachdadh barrachd am measg dhaoine, agus tha e a cheart cho cudromach gun tig buannachdan eaconamach bho iomairtean is tachartasan co-cheangailte ris a’ chànan. Leis a’ phròiseact Cnoc Soilleir, tha sinn a’ faicinn eisimpleir fìor mhath de na buannachdan eaconamach is sòisealta anabarrach mòr as urrainn a bhith agad leis a’ Ghàidhlig. Tha cliù eadar-nàiseanta air a bhith aig Ceòlas o chionn fhada, agus dlùth cheanglaichean aca ri Alba Nuadh, agus tha iad air togail air cho làidir ’s a tha a’ Ghàidhlig agus dualchas na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas gus cur ris a’ chliù sin.

“Bidh Cnoc Soilleir a’ toirt àite gu math sònraichte do chànan, cultar agus coimhearsnachd na Gàidhlig. Tha na h-ealain Ghàidhlig fìor chudromach do chor a’ chànain ann an Alba. Tha iad a’ brosnachadh dhaoine gu bhith cleachdadh na Gàidhlig, a’ togail ìomhaigh a’ chànain, a’ tàladh dhaoine gu bhith togail ùidh sa Ghàidhlig agus a’ piobrachadh dhaoine gu bhith dìleas don chànan. Tha am pròiseact seo cuideachd a’ dol a chruthachadh bhuannachdan eaconamach is sòisealta mòra airson Uibhist, tro obraichean ùra agus airgead ùr a thig a-steach don sgìre. Tha e a’ dol a chuideachadh le bhith toirt meudachadh air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus air na cothroman gus an cànan a chleachdadh. ’S ann tro iomairtean innleachdach mar seo a bu chòir dhuinn a bhith feuchainn ri taic a thoirt don Ghàidhlig agus do ar coimhearsnachdan dùthchail.”

Thuirt Catrìona Nic an t-Saoir, a tha na Ball den Bhòrd Stiùiridh aig Ceòlas, agus i a’ cur fàilte air an naidheachd: “Tha am Bòrd Stiùiridh aig Ceòlas air an dòigh gu bheil Bòrd na Gàidhlig a’ cur an taice ris a’ phròiseact Cnoc Soilleir leis an tabhartas fhialaidh seo. Cuidichidh am maoineachadh bhon Bhòrd le bhith stèidheachadh ghoireasan ùra, feumail airson teagasg na Gàidhlig an cois an ionaid a thèid a thogail aig Cnoc Soilleir, agus cuiridh sin fhèin ris na comasan a th’ aig Ceòlas airson iomairtean ionnsachadh cànain a lìbhrigeadh an teis-meadhan coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas. Bidh Cnoc Soilleir air leth cudromach don Ghàidhlig, do dh’Uibhist agus dha na h-Eileanan air fad agus tha maoineachadh Bhòrd na Gàidhlig a’ dearbhadh mar a tha taic a’ fàs don phròiseact innleachdail, chom-pàirteach seo. Tha mi toilichte a ràdh gu bheil sinn a’ gluasad air adhart agus gum bi barrachd fios a’ nochdadh sna seachdainean ri thighinn.”