Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig an-diugh a’ foillseachadh shanasan airson na dreuchd, Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig, dreuchd cho cudromach ’s a tha ri fhaighinn ann am foghlam Gàidhlig.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh poileasaidh foghlaim is ionnsachaidh a’ Bhùird, a’ comhairleachadh an Riaghaltais agus ag obair gu dlùth còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus buidhnean-lìbhrigidh eile airson amasan a’ Bhùird a thaobh foghlaim is ionnsachaidh a choileanadh.

Chaidh Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23 fhoillseachadh o chionn beagan mhìosan le trì prìomhachasan agus ’s e ‘A’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig’ fear dhiubh.  Mar sin, tha a h-uile cothrom aig cuideigin a bhith a’ toirt buaidh mhòr air leasachadh ann an ionnsachadh na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean ri teachd.  ’S e obair glè inntinneach a tha seo, far am bi an neach ag obair le ùghdarrasan ionadail air feadh na h-Alba, is le buidhnean foghlaim eile.

Thuirt Jim Whannel, Cathraiche na Comataidh Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig: “Bidh iomadh cothrom aig an neach a bhios soirbheachail buaidh mhòr a thoirt air fàs na Gàidhlig tro fhoghlam aig gach aois – eadar clann san dachaigh gu inbhich a tha ag ionnsachadh tro dhòighean didseatach. Tha obair a’ Bhùird glè chudromach ann a bhith a’ cur taic ri teaghlaichean, ris na h-ùghdarrasan ionadail agus ris na daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.

“Tha sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas, le Foghlam Alba agus buidhnean poblach eile, leis na h-oilthighean is colaistean is buidhnean sa choimhearsnachd is tha Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig aig cridhe na h-obrach seo.  Bidh an obair seo glè tharraingeach is inntinneach dhan neach aig a bheil na sgilean, comasan is eòlas a tha freagairt air na cothroman a tha rim faotainn aig a’ Bhòrd.”

Gheibhear pasgan fiosrachaidh mun dreuchd air-loidhne air làrach-lìn a’ Bhùird -www.gaidhlig.scot.

Feumar tagraidhean airson na h-obrach a chur chun a’ Bhùird ro 5.00f, Diluain 22 An Dàmhair 2018. Tha an tuarastal aig an sgèile C2, a tha a’ tòiseachadh aig £60,379.

Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios dhan Cheannard, Shona NicIllinnein shona@gaidhlig.scot.

Airson barrachd fios: http://www.gaidhlig.scot/ga/bord/corporate/staffing/vacancies/