Chaidh Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh air 13mh An Gearran 2006 agus stèidhich an Achd Bòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn phoblaich ris a bheil e an urra inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh mar chànan oifigeil dha bheilear a’ sealltainn an aon spèis agus a tha don Bheurla ann an Alba. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aonta Rìoghail air 1mh An t-Ògmhìos 2005.

Fon Achd, tha Bòrd na Gàidhlig ag ullachadh Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig gach còig bliadhna, agus bidh am Bòrd ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach planaichean Gàidhlig a dheasachadh agus a chur an gnìomh. Tha e an urra ris a’ Bhòrd comhairle a thoirt air foghlam Gàidhlig, agus comhairle air cùisean Gàidhlig a thoirt do Mhinistearan na h-Alba.

Tha an Achd a’ toirt bun-stèidh oifigeil dhan iomairt gus cànan is dualchas nan Gàidheal a ghleidheadh agus ’s e Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhuinn ri daoine is buidhnean eile a tha a’ coileanadh dhleastanasan na h-Achd.

Am measg nan dleastanasan sònraichte aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig tha:

  • comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig;
  • Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a dheasachadh ’s a stiùireadh;
  • comhairle a thoirt seachad air cùisean Gàidhlig is foghlam Gàidhlig ann an Alba;
  • comhairle agus stiùireadh a thoirt do bhuidhnean poblach mu Phlanaichean Gàidhlig; agus
  • a bhith tomhas mar a choileanar dleastanasan Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan a thaobh na Gàidhlig ann an Alba agus sin innse do Mhinistearan na h-Alba.