*Luchdaich a-nuas am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23 an seo*

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 feumaidh Bòrd na Gàidhlig Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba, plana anns am bu chòir molaidhean a bhith a tha ag innse mar a thèid dleastanasan a’ Bhùird fon Achd a choileanadh. Sna molaidhean sin, feumaidh ro-innleachd a bhith ann airson a bhith ag adhartachadh, agus a’ cuideachadh le bhith ag adhartachadh, cleachdadh agus tuigsinn na Gàidhlig, agus foghlam Gàidhlig, agus cultar na Gàidhlig.

Tha na dleastanasan a tha an Achd seo a’ buileachadh air a’ Bhòrd rin coileanadh le sùil gus inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba a tha a’ faighinn spèis a tha co-ionann ris an spèis a th’ ann don Bheurla tro bhith a’ meudachadh an àireamh dhaoine as urrainn Gàidhlig a chleachdadh agus a thuigsinn.

Ann a bhith ag ullachadh a’ Phlana, feumaidh am Bòrd comhairle a ghabhail bho Phàrlamaid na h-Alba, dreachd den Phlana fhoillseachadh, sanasachd a dhèanamh air a’ chothrom a th’ ann gus beachdan a thoirt seachad mun dreachd den Phlana fad nan trì mìosan a mhaireas ùine a’ cho-chomhairleachaidh, agus ealla a ghabhail ri beachdan sam bith a gheibh e san ùine sin.

Tha am Plana seo a’ coileanadh a’ chumha san Achd far am feumar Plana ùr a chur a-steach còig bliadhna às dèidh don Phlana as ùire a bhith air fhoillseachadh agus tha e gu soilleir a’ comharrachadh nam prìomhachasan a th’ ann airson na Gàidhlig agus ciamar a bu chòir ionmhas is stòrasan a bhith air an cur gu feum.

S ann le Alba gu lèir a tha a’ Ghàidhlig

Tha gnothach aige seo ris an latha an-diugh, an latha a dh’fhalbh agus an latha ri teachd.  Tha a’ Ghàidhlig mar phàirt de ar n-eachdraidh ʼs ar dualchas.  Tha i cudromach do ar beatha ann an Alba an-diugh, agus daingnichidh am Plana seo a h-àite san àm ri teachd.

Tha amas soilleir againn airson na Gàidhlig.

ʼS e ar n-amas meudachadh a chur an sàs anns na th’ ann de dhaoine a tha a’ labhairt, ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba, agus leudachadh a thoirt air na suidheachaidhean anns a bheil i air a cleachdadh.

Buinidh an t-amas seo do chaochladh bhuidhnean is daoine.

Chan ann le aon bhuidheann no coimhearsnachd a tha an t-amas seo. Tha e an urra ri iomadach duine is buidheann a thoirt gu buil.

Tha gnothaichean eile a’ toirt buaidh air an amas seo.

Tha caochladh ghnothaichean ann – eaconamach agus bun-structarail – a bheir buaidh air adhartas, agus nì sinn cinnteach gun toirear sùil air a’ Ghàidhlig an cois nan gnothaichean seo.

Ceistean a’ cho-chomhairleachaidh (PDF)

Freagairtean

A’ Chomuinn Ghàidhealaich

Alba Chruthachail

Andrew Hawke

An Lòchran

Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Bòrd Ceiltis na h-Alba

Buidheann A

Buidheann B

Buidheann Brosnachaidh na Gàidhlig, Srath Spè agus Bàideanach

Buidheann C

Catrìona Anderson

Ceòl ‘s Craic

Ceòlas

Clive James

Còisir Ghàidhlig Lobhdaidh

Colaiste a Chaisteil, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Comhairle Baile Ghlaschu

Comhairle Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh

Comhairle Earra Ghàidheal is Bòid (Foghlam)

Comhairle Lannraig a Tuath

Comhairle Maoineachaidh na h-Alba

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Leabhraichean

Comhairle nam Pàrant, Sgoil Ghàidhlig Glaschu

Comhairle Obar Dheathain

Comhairle Siorrachd Àir a Deas

Comunn Litreachas Gaidhlig na h-Alba

Comunn na Gàidhlig

Comunn nam Pàrant Dùn Èideann

Comunn nam Pàrant Nàiseanta

Comunn Tir nam Beann Dhùn Èideann

Domhnall Iain MacLeòid

Donald Ian MacLeod

Eoghan Stewart

Faclair na Gàidhlig

Fèisean nan Gàidheal

Freagarraiche A

Freagarraiche B

Freagarraiche C

Freagarraiche D

Freagarraiche E

Freagarraiche F

Freagarraiche G

Freagarraiche H

Freagarraiche I

Freagarraiche J

Freagarraiche K

Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba

Gordon Scott

Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean

John Campbell

Leasachadh Sgilean na h-Alba

MG ALBA

Michael Gregson

Misneachd

Moray House School of Education

Oilthigh Ghlaschu

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ollamh Robert Dunbar, Oilthigh Dhùn Èideann

Padruig Morrison

Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean le taic bho na com-pàirtichean ann an Soillse

Rebekah MacLean

Roinn Foghlaim, Oilthigh Srath Chluaidh

Sabhal Mòr Ostaig

Sarah Houston

Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba

Stòrlann

Tobar an Dualchais

Ùghdarras Theisteanas na h-Alba

Urras Brosnachaidh na Gàidhlig

Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil

Urras Oighreachd Ghabhsainn

Visit Alba

Wilson MacLeòid

Youth Link Scotland