‘S e prìomhachas a th’ ann am Foghlam Gàidhlig do Bhòrd na Gàidhlig agus ‘s e aonan de na dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba agus do dhaoine eile mu Fhoghlam Gàidhlig. Tha e mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig Ro-innleachd Nàiseanta do dh’Fhoghlam Gàidhlig ullachadh.

Foghlam agus Ionnsachadh na Gàidhlig

Tha foghlam agus ionnsachadh na Gàidhlig aig cridhe obair is amasan Bhòrd na Gàidhlig. Bho chròileagain gu for-cheum sa Ghàidhlig, tha an raon farsaing seo a’ toirt bun-stèidh do gach oidhirp a tha gan dèanamh gus an cànan a ghleidheadh agus ath-bheothachadh. Mar thoradh air sin, tha foghlam, ionnsachadh agus leasachadh sgilean cànain mar phrìomhachas sa Plana Canain Naiseanta Gaidhlig – 2012-2017. Bidh sinn ag obair còmhla ri daoine agus buidhnean eile gus piseach agus fàs a thoirt air foghlam is ionnsachadh na Gàidhlig – an dà chuid do dh’òigridh agus do’inbhich, do dh’fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh.

Foghlam tron Ghàidhlig

Tha slighe ionnsachaidh ann am Foghlam tron Ghàidhlig (FTG) a bheir sibh bho na Tràth-bhliadhnaichean gu ìre ceuma agus for-cheuma. A’ tòiseachadh san dachaigh fhèin agus eadar cròileagain, buidhnean ‘pàrant is pàiste’, sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean, colaistean, oilthighean agus coimhearsnachdan, tha e na amas anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig foghlam Gàidhlig a chur am meud agus a chur am feabhas.

Tha iomadh ùghdarrasan ionadail a’ tabhann FTG ann an Alba aig diofar ìrean oideachaidh do chloinn agus daoine aois 0-18. Sa bhliadhna sgoile 2012-13 ann an Alba bha 989 duine-cloinne a’ dol gu sgoil-àraich Ghàidhlig, bha 2,500 a’ dol gu bun-sgoil Ghàidhlig agus bha 1,104 sgoilear àrd-sgoile a’ dèanamh Gàidhlig mar chuspair do dh’fhileantaich no cuspairean eile tron Ghàidhlig.

Ann an 2015-16, chaidh na h-àireamhan seo àrdachadh. Bha 1,003 duine-cloinne a’ dol gu sgoil-àraich Ghàidhlig, bha 3,004 a’ dol gu bun-sgoil Ghàidhlig agus bha 1,193 a’ dèanamh Ghàidhlig mar chuspair do dh’fhileantaich no cuspairean eile tron Ghàidhlig.

Am measg nan amasan a tha sa Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig a thaobh foghlaim tha: an àireamh a tha tòiseachadh FTG a dhùblachadh leis a’ bhliadhna 2017. Cuideachd, tha sinn ag iarraidh an àireamh de chuspairean a tha gan teagasg ann an Gàidhlig san àrd-sgoil a leudachadh. Cuiridh iad seo agus na h-amasan eile sa Phlana ri siostam foghlaim a tha ag amas air daoine òga a bhogadh sa Ghàidhlig chun na h-ìre as motha as urrainnear. Siostam a tha cuideachd a’ cumail ri Churraicealam airson Sàr-mhathais, leis gach slat-tomhais agus ceann-uidhe a tha an lùib sin, agus siostam sam faigh a’ chlann gach buannachd a tha co-cheangailte ri dà-chànanas.

Ann am foghlam àrd-ìre is adhartach, tha grunn chùrsaichean ann do dhaoine le Gàidhlig. Tha cuid a chùrsaichean air an teagasg gu tur tron Ghàidhlig, agus feadhainn eile le cuid a chuspairean tron Ghàidhlig no a tha co-cheangailte ri Gàidhlig. Tha diofar sgeamaichean ann le cothrom air greisean gnìomhachais aig buidhnean is companaidhean Gàidhlig, agus tha grunn chothroman trèanaidh ann do dhaoine le Gàidhlig. An-dràsta ann an Alba tha àireamh nach beag de cholaistean is oilthighean a tha tabhann cùrsa ann an Gàidhlig no cùrsa le Gàidhlig mar phàirt dheth.

Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Cha robh riamh uiread de dhòighean ann Gàidhlig ionnsachadh. Sa bhun-sgoil tha an sgeama, Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil (GLPS), far a bheil clann a tha ann am Foghlam tron Bheurla a’ faighinn cothrom beagan Gàidhlig ionnsachadh agus cothrom ionnsachadh mu chultar is dualchas na Gàidhlig. Tha h-aon deug ùghdarrasan ionadail an-dràsta a’ tairgse GLPS ann an Alba. San àrd-sgoil faodaidh sgoilearan Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) a dhèanamh mar chuspair aig diofar ìrean, bho Nàiseanta 3 gu Sàr Àrd Ìre. Sa bhliadhna sgoile 2012-13 bha 2,703 a’ dèanamh Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) mar chuspair san àrd-sgoil ann an Alba. Ann an 2015-16, bha 2,838 ann.

Agus nuair a thig e gu cothroman Gàidhlig ionnsachadh ann am foghlam iar-sgoile, tha pailteas dhòighean ann do dh’inbhich sin a dhèanamh. Tha grunn ionadan foghlaim àrd-ìre agus buidhnean a’ toirt cothrom do dhaoine Gàidhlig ionnsachadh aig diofar ìrean, le cùrsaichean làn-thìde, pàirt-thìde agus air astar. Gheibh sibh cuideachd cùrsaichean, clasaichean còmhraidh agus cothroman eile Gàidhlig ionnsachadh no na sgilean cànain agaibh a leasachadh sa choimhearsnachd agaibh fhèin.

Goireasan

Gach bliadhna thathar a’ cur ri stòras nan goireasan a tha gan cleachdadh ann am foghlam Gàidhlig agus airson Gàidhlig ionnsachadh. ’S e Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann ris a bheil e an urra goireasan is stuthan a chruthachadh gus frithealadh air foghlam Gàidhlig ann an sgoiltean. Bidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ toirt taic do bhuidhnean eile leithid Comhairle nan Leabhraichean agus foillsichearan mar Acair Earranta gus iomadh seòrsa teacsa is goireas fhoillseachadh ann an Gàidhlig, agus tha tòrr dhiubh sin gan cur gu feum ann an lùib foghlaim is ionnsachaidh. Tha an t-eadar-lìon cuideachd a-nis na ghoireas air leth a thaobh foghlaim is ionnsachaidh, agus tha grunn làraichean-lìn ann a chuidicheas sibh le ur cuid foghlaim no le bhith ag ionnsachadh.

Prìomh Fhiosrachadh

Dàta Foghlaim

Language Learning in Scotland A 1+2 Approach

Gaelic Education: Building on the successes, addressing the barriers

Stiùireadh air Foghlam Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh fo Earrainn 13 de Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba msaa 2000

‘Gaelic-medium Education in Scotland: choice and attainment at the primary and early secondary school stages’ (Aithisg air soirbheachadh ann am Foghlam tron Ghàidhlig) 2010

Modern Languages Excellence Report

‘S e prìomhachas a th’ ann am Foghlam Gàidhlig do Bhòrd na Gàidhlig agus ‘s e aonan de na dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba agus do dhaoine eile mu Fhoghlam Gàidhlig. Tha e mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig Ro-innleachd Nàiseanta do dh’Fhoghlam Gàidhlig ullachadh. (...)

Read More