Thòisich Foghlam tron Ghàidhlig (FTG) aig ìre bun-sgoile sna 1980an. Tha e air fàs bhon uair sin chun na h-ìre agus gu bheil a-nis barrachd air 3,457 sgoilear (2018-19) a’ dèanamh FTG ann am bun-sgoiltean na h-Alba, agus tha 58 aonad agus bun-sgoil Ghàidhlig ann an Alba air feadh 14 Ùghdarrasan Ionadail. Chaidh a’ chiad bhun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Glaschu, agus tha 7 ann a-nis; aonan ann an Inbhir Nis, Dùn Èideann, Loch Abar, a dhà a bharrachd ann an Glaschu agus tè ann am Port Rìgh.

Chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a gheibhear foghlam tron Ghàidhlig, tha e cuideachd ri fhaotainn sna bailtean-mòra agus bailtean aig deas agus air taobh sear na dùthcha. ’S e siostam foghlaim nàiseanta a th’ ann a tha cumail ri slatan-tomhais nàiseanta agus an Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tha a’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig mar phrìomhachas sa Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018-2023 agus bidh Bòrd na Gàidhlig a’ brosnachadh fàs ann am Foghlam tron Ghàidhlig, agus cothroman is sanasachd air.

 

Bogadh agus Foghlam sa Ghàidhlig

Bidh sgoilearan air an teagasg gu tur sa Ghàidhlig sa chiad trì bliadhna aca sa bhun-sgoil mar as àbhaist. Tha an làn-bhogadh seo gu math cudromach, agus tha e a’ ciallachadh nach fheum a’ Ghàidhlig a bhith aig pàistean nuair a thòisicheas iad ann am foghlam tron Ghàidhlig sa bhun-sgoil. Cuideachd, tha e a’ cur gu mòr ri sgilean cànain na cloinne aig a bheil Gàidhlig mu thràth. Às dèidh P3, bheirear Beurla a-staigh mean air mhean tro mheadhan na Gàidhlig, ach bidh a’ Ghàidhlig fhathast na prìomh chànan teagaisg airson gach cuspair agus gach pàirt den churraicealam. Mar sin, leanaidh am bogadh sa chànan gu deireadh na bun-sgoile.

Tha FtG a’ frithealadh an dà chuid air na feumalachdan aig clann a tha fileanta agus aig clann nach eil fileanta sa Ghàidhlig. Nì an làn-bhogadh agus am bogadh sa chànan cinnteach gum bi sgilean cànain iomchaidh agus coileanta aig gach pàiste a thèid tro fhoghlam tron Ghàidhlig sa bhun-sgoil – an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Gheibh sgoilearan fìor dheagh oideachadh anns gach raon eile den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Agus mar a tha rannsachadh air sealltainn nuair a ruigeas iad P7, bidh na sgilean cànain aca ann am Beurla sa chumantas nas fheàrr na th’ aig sgoilearan a tha ann am foghlam aon-chànanach.

A thuilleadh air an oideachadh a gheibh iad sa chlas, bidh uaireannan cothrom aig sgoilearan coinneachadh ri daoine le Gàidhlig bhon choimhearsnachd feuch am bi iad air am misneachadh gus an cànan a chur gu feum ann an diofar shuidheachaidhean. Agus bidh aonadan is sgoiltean Gàidhlig tric a’ dèanamh ceangal is conaltradh ri chèile. Aig deireadh seachd bliadhna sa bhun-sgoil, bidh co-dhiù dà chànan aig gach duine cloinne agus gheibh iad gach buannachd a tha an lùib sin.

 

Foghlam Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil

An-dràsta tha dusan Ùghdarras Ionadail ann an Alba a’ tabhann Foghlam Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil mar L2 no L3.  Tha seo mar phàirt den Phoileasaidh aig Riaghaltas na h-Alba, ‘Ionnsachadh Cànain ann an Alba: Modh-obrach 1 + 2′ agus tha e a’ toir cothrin do chloinn beagan Gàidhlig ionnsachadh mura h-eil FtG rim fhaoitainn san sgìre aca.  Dh’fhaodadh seo a bhith mar a’ chiad cheum gu fileantas tro shlighean ionnsachaidh eile.

 

Fiosrachadh is Taic do Phàrantan

Tha diofar ghoireasan is buidhnean ann a bheir fiosrachadh is taic do phàrantan le clann ann am foghlam tron Ghàidhlig no a tha am beachd an cuid chloinne a chur gu foghlam tron Ghàidhlig. Am measg na feadhna as fheàrr air an eadar-lìon tha Fiosrachadh do Phàrantan a tha ag innse barrachd mu fhoghlam tron Ghàidhlig agus gach buannachd a tha an lùib sin agus dà-chànanas. Cuideachd tha Gaelic4Parents a tha loma-làn ghoireasan, gheamannan, stòiridhean agus chlàraidhean a bhios na chuideachadh do chloinn òga a tha a’ cleachdadh no ag ionnsachadh Gàidhlig. Gheibh pàrantan taic le obair-dachaigh an seo cuideachd, agus tha seo gu sònraichte math do phàrantan aig nach eil Gàidhlig.

Tha lìonra de bhuidhnean phàrant aig Comann nam Pàrant air feadh Alba agus bheir iad taic is comhairle do phàrant sam bith a tha a’ beachdachadh air an cuid chloinne a chur gu foghlam tron Ghàidhlig. Tha iad cuideachd a’ ruith Sgeama Comhairleachaidh Phàrant le luchd-obrach ann an diofar sgìrean a bheir fiosrachadh do dhaoine mu fhoghlam tron Ghàidhlig.