Dè th’ anns an Stiùireadh Reachdail?

Tha an Stiùireadh Reachdail seo air ullachadh le Bòrd na Gàidhlig fo Earrainn 9 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus tha dà phrìomh phàirt ann.  Ann am Pàirt 1 tha stiùireadh ann a tha gu sònraichte co-cheangailte ri Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 agus mu phròiseas nan tagraidhean airson foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig (FBG) agus an dleastanas a th’ air ùghdarrasan foghlaim gus taic a thoirt do dh’fhoghlam Gàidhlig agus a chur air adhart. Thèid na cumhachan sin a chur an gnìomh air 1 Gearran 2017 ach dh’fhaodadh gum bi Pàirt 1 den Stiùireadh seo feumail dhuibh ron cheann-latha sin gus an urrainn dhuibh ullachadh airson cur-an-gnìomh nan cumhachan. Ann am Pàirt 2 tha stiùireadh a bharrachd ann co-cheangailte ri mar a thèid foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an sgoiltean.

Cò dha a tha an Stiùireadh seo?

Tha an stiùireadh seo, sa chiad àite, airson ùghdarrasan foghlaim agus tha e a’ togail air na cleachdaidhean agus dòighean-lìbhrigidh a tha ùghdarrasan foghlaim air a stèidheachadh thairis air deich air fhichead bliadhna. Stèidhichte air an eòlas sin, tha an Stiùireadh seo a’ mìneachadh nan diofar eileamaidean a tha an lùib foghlam na Gàidhlig ann an Alba, agus tha e a’ stèidheachadh dhòighean-obrach cunbhalach gus foghlam tron Ghàidhlig (FtG) a lìbhrigeadh, agus tha e cuideachd a’ sealltainn gu soilleir dè bu chòir do dhaoine a bhith sùileachadh bho FtG agus ciamar a bu chòir dha a bhith air a lìbhrigeadh.

Tha an Stiùireadh seo cuideachd airson phàrantan. Tha e a’ toirt dhaibh tuilleadh fiosrachaidh air mar a chuireas iad tagradh a-steach do dh’ùghdarras foghlaim ag iarraidh orra measadh a dhèanamh gus faicinn a bheil FBG a dhìth, agus air mar a tha am pròiseas ag obair. Tha e cuideachd a’ toirt dhaibh fiosrachadh air na bhios romhpa ma chuireas iad tagradh a-steach airson measadh gus faicinn a bheil FBG a dhìth.

A bharrachd air ùghdarrasan foghlaim agus pàrantan, tha an stiùireadh seo airson a h-uile ùghdarras poblach ann an Alba, ùghdarrasan poblach tar-chrìochail le dleastanasan tiomnaichte agus a h-uile duine agus buidheann a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig. Feumaidh ùghdarrasan poblach na h-Alba aire a thoirt don stiùireadh seo nuair a tha na dleastanasan aca a’ buntainn ri foghlam Gàidhlig no lìbhrigeadh foghlam Gàidhlig, a’ gabhail a-steach FtG. Mar sin, tha ceanglaichean ann eadar an Stiùireadh seo agus prìomh sgrìobhainnean reachdail eile a bhuineas ris a’ Ghàidhlig, leithid a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig agus an Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig, dà sgrìobhainn a thèid fhoillseachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Pròiseas nan TagraidheanStiùireadh do Phàrantan

Luchdaich a-nuas an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig an seo.

Gheibhear am Foirm airson Tagradh Measaidh airson foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig  air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.

Airson tuilleadh fiosrachaidh nach cur sibh fios gu stiuireadh@gaidhlig.scot no cuiribh fòn gu 01463 225 454.