Tha Bòrd na Gàidhlig a’ faighinn Tabhartas gus Cuideachadh bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna ionmhais gus na h-amasan is dleastanasan againne a choileanadh.

’S ann tro bhith a’ maoineachadh obair nam prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus cunnradairean aontaichte eile a tha am Bòrd a’ coileanadh a’ mhòr-chuid den obair ris a bheil sinn an urra. Ge-tà, uaireannan bidh am Bòrd a’ toirt cùmhnant do dhaoine is bhuidhnean iomchaidh gus obair ro-innleachdail shònraichte a dhèanamh, agus bidh am Bòrd a’ maoineachadh iomairtean ann an com-pàirteachas le buidhnean eile. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ toirt maoineachadh do bhuidhnean poblach a tha a’ dealbh is a’ cur an gnìomh planaichean Gàidhlig.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith sgeamaichean taic-airgid tron bhliadhna. Ge-tà, ma tha beachd agaibh air pròiseact aig àm sam bith den bhliadhna is nach eil sgeama taic-airgid freagarrach fosgailte aig an àm sin, leigibh fios thugainn air 01463 225 454 air neo cuiribh post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Faodar maoineachadh fhaighinn tro nan sgeamaichean a leanas:

Tabhartasan Foghlaim do dh’Oileanaich Teagaisg Gàidhlig 2017-18

Tha Bòrd na Gàidhlig air a’ mhaoin seo a stèidheachadh gus taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh a bhith toirt dreuchd a-mach mar neach-teagaisg Gàidhlig.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

Gabhaidh sinn ri iarrtasan bho dhaoine a tha dèanamh cùrsa ann an Ciad-fhoghlam Luchd-teagaisg (ITE) an-dràsta a bheir cothrom dhaibh dreuchd a thoirt a-mach mar neach-teagaisg Gàidhlig.

Gabhaidh sinn beachd air iarrtasan bho:

  • Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-Cheum ann am Foghlam Gàidhlig (BA no MA Foghlam no MA Gàidhlig le Foghlam) – (chan fhaodar barrachd air 2 thabhartas fhaighinn uile-gu-lèir leis gach oileanach fhad ’s a tha iad a’ dèanamh a’ chùrsa Fho-cheum.)

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air www.teagasg.com

Fiosrachadh do Luchd-iarrtais – Tabhartasan Foghlaim do dh’Oileanaich Teagaisg 2017-18

Tabhartasan_Foghlaim_do_dh’Oileanaich_Teagaisg _Foirm Iarrtais_2017_18

Foirm-sgrùdaidh Co-ionannachd Chothroman

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Tabhartasan Foghlaim nan Tràth Bhliadhnaichean

Tha sgeama Thabhartasan Foghlam Tràth-Bhliadhnaichean air a dhealbh gus am bi e a’ freagairt air buidhnean tràth-bhliadhnaichean saor-thoileach (aois 0-5) a tha ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ’s a leudachadh bho latha gu latha, agus leantainn le Foghlam tron Ghàidhlig.

Tha e cudromach gum bi tagradh sam bith a’ dearbhadh gu bheil a’ phròiseact fosgailte, agus a’ toirt buannachd, don choimhearsnachd.

Cha ghabh sgeama Tabhartasan Foghlam Tràth-Bhliadhnaichean iarrtasan bho dhaoine fa leth.

Foirm Iarrtais – Trath-bhliadhnaichean – Application Form

Stiùireadh do Thagraichean Trath Bliadhnaichean 2017-18

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Maoin Leasachadh Dràma na Gàidhlig 2017

Tha an sgeama seo DÙINTE an-dràsta.

Tha fàs air tighinn air dràma Gàidhlig air feadh Alba. Tha seo air tachairt aig ìre coimhearsnachd agus ìre phroifeiseanta, agus e air a stiùireadh le daoine is buidhnean aig a bheil ùidh mhòr ann an deagh dhràma agus ann bhith cur air adhart na Gàidhlig.

Tha Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail ag aithneachadh nam buannachdan a thaobh cànain agus nan ealain a gheibh luchd-amhairc is luchd-ealain ann an coimhearsnachdan air an dùthaich agus sna bailtean bho dhràma.

Tha a’ Mhaoin Leasachadh Dràma na Gàidhlig a’ toirt taic do na buidhnean a tha cur air adhart dràma Ghàidhlig aig ìre coimhearsnachd agus ìre phroifeiseanta.  Tha am prògram seo a’ brosnachadh dhaoine gu bhith roinn fiosrachadh, ag obair còmhla agus gu bhith ag obair ann an com-pàirt.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

Tha a’ Mhaoin Leasachadh Dràma na Gàidhlig fosgailte do bhuidheann sam bith as urrainn sealltainn gun tèid aca air pròiseact a thoirt gu buil gu soirbheachail, agus iad a’ coileanadh prìomhachasan an sgeama mhaoineachaidh seo.  Chan eil am prògram seo fosgailte do dhaoine fa-leth no buidhnean aig nach eil bonn-stèidh.

Tha sinn airson gum bi buidhnean ag obair ann an com-pàirt ri buidhnean iomchaidh eile no gun gabh iad comhairle bhuapa.

Tha a’ Mhaoin fosgailte do phròiseactan a thachras ann an Alba agus bu chòir gum faigh luchd-ealain is luchd-amhairc ann an Alba buannachd às na pròiseactan.

Mar as tric, faodar iarrtas a chur a-steach airson suas ri £5,000. Beachdaichidh sinn air pròiseactan a tha sireadh suas gu £10,000 ach feumaidh sibh bruidhinn ri Oifigear nan Ealain is Cultair ro-làimh.

Bidh an sgeama a’ toirt taic do phròiseactan a thachras eadar 1 Gearran 2017 agus 31 Dùbhlachd 2017.

Bu chòir dhuibh iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus feumaidh e a bhith a-staigh ro 5f Dihaoine, 13 Faoilleach 2017.

Foirm Iarrtais Drama 2017 Application Form

Stiùireadh Drama 2016 Guidelines

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Taic Freumhan Coimhearsnachd 2017-18

Tha an sgeama seo DÙINTE an-dràsta.

Chaidh Taic Freumhan Coimhearsnachd a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cothrom do bhuidhnean cuir a dh’iarraidh taic-airgid airson pròiseactan a bhios a’ brosnachadh agus a’ leudachadh togail is cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd, tro bhith a’ cur taic ri co-dhiù aon de na prìomhachasan a leanas, bhon Phlana Nàiseanta:

  • Dachaigh agus Tràth Bhliadhnaichean
  • Foghlam: Sgoiltean agus Tidsearan *(taobh a-muigh a’ chlas a-mhàin)
  • Foghlam: Seach-sgoile
  • Coimhearsnachdan
  • Ealain agus Meadhanan
  • Dualchas agus Turasachd

Gheibh pròiseactan a tha ag amas air cleachdadh agus/no ionnsachadh na Gàidhlig, prìomhachas thar chàich.  Faodar iarrtas a chur a-staigh airson taic-airgid a bhios air a chosg air pròiseactan eadar 1 Giblean 2017 agus 30 Ògmhios 2018.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal.  B’ fheàrr leinn iarrtasan fhaighinn tron fhoirm air-loidhne ach mur a bheil sin comasach dhuibh, cuiribh fios thugainn agus cuiridh sinn foirm iarrtais thugaibh air post-dealain.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fòn gu Bòrd na Gàidhlig air 01463 225454, no post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot

Stiùireadh TFC-2017-18 Guidelines

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2017-18

Tha sgeama Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2017-18 a-nis FOSGAILTE.

Tha sgeama Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2017-18 a-nis fosgailte airson tagraidhean ùra.  Bidh an sgeama fosgailte gu 5f air Dimàirt 25 Giblean 2017 neo 5f air Dihaoine 3 Gearran 2017 airson iarrtasan cùrsaichean GIFT.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal.  B’ fheàrr leinn iarrtasan fhaighinn tron fhoirm air-loidhne ach mur a bheil sin comasach dhuibh, cuiribh fios thugainn agus cuiridh sinn foirm iarrtais thugaibh air post-dealain.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fòn gu Bòrd na Gàidhlig air 01463 225454, no post-dealain gu glaif@gaidhlig.scot

Foirm Iarrtais Air-loidhne – GLAIF 2017/18

Stiùireadh GLAIF 1718 – Guidelines

GLAIF 2017-18 – Application Form

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Colmcille 2017-18

Tha an sgeama Colmcille 2017-18 DÙINTE an-dràsta.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal.  B’ fheàrr leinn iarrtasan fhaighinn tron fhoirm air-loidhne ach mur a bheil sin comasach dhuibh, cuiribh fios thugainn agus cuiridh sinn foirm iarrtais thugaibh air post-dealain.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fòn gu Bòrd na Gàidhlig air 01463 225454, no post-dealain gu colmcille@gaidhlig.scot.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu:-

Bòrd na Gàidhlig, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis, IV3 8NW

Fòn: 01463 225454

Post-d: colmcille@gaidhlig.scot

Foirm Iarrtais Air-loidhne – Colmcille 17/18

Colmcille 1718 – Application Form

Stiùireadh-Colmcille-2017-18-Guidance

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Suaicheantas agus Aithneachadh

Gheibhear suaicheantas Bhòrd na Gàidhlig an seo:

JPEG

PDF