* Luchdaich a-nuas an dreach den Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2017-22 an seo *

Fàilte do làrach planaichean cànain Gàidhlig Bhòrd na Gàidhlig. Chaidh an làrach sa a chur air chois airson taic a chumail ri luchd-obrach nan ùghdarrasan poblach a dh’fheumas planaichean Gàidhlig a sgrìobhadh is a chur an sàs, a leithid oifigearan leasachaidh na Gàidhlig, margaideachd, sgiobachd, manaidsearan poileasaidh is trèanaidh, agus luchd-stiùiridh agus Bùird-stiùiridh.

Ged is ann air na h-ùghdarrasan poblach a tha an làrach ag amas, gheibheadh buidheann sam bith, a tha airson plana Gàidhlig neo-reachdail a dhèanamh, deagh fheum às cuideachd.

Tha e an urra rinn comhairle is fiosrachadh soilleir a libhrigeadh dhuibh gus an tèid agaibh air na dleastanasan, dùbhlanan is miannan agaibh a fhreagairt.

Bheir sinn stiùireadh dhuibh air a h-uile ceum – eadar planadh, sgrùdadh, co-chomhairleachadh, cur-an-gnìomh, is a’ cumail sùil air dearcnachadh.

Tha grunn ghoireasan feumail air an làraich againn a chuideachas sibh gus am plana Gàidhlig agaibh a dhealbhadh is a chur an gnìomh. Gheibh sibh fiosrachadh air carson a bu chòir dhuibh plana Gàidhlig a dhealbhadh agus mar a nì sibh sin, cho math ri stiùireadh air mar a chuireas sibh an gnìomh e an dèidh dhuibh aonta fhaighinn. Cuideachd, gheibh sibh buannachd às an eòlas aig ùghdarrasan eile tron na Teisteanasan is Ceistean Cumanta. Gheibh sibh goireasan sònraichte bhuainn a bheir comhairle dhuibh air na diofar thaobhan den phlana agaibh.

Gheibh sibh planaichean cànain Gàidhlig aontaichte an seo.

Gheibh sibh liosta de dh’ ùghdarrasan poblach a tha a’ dèanamh co-chomhairleachaidh an-dràsta fhèin air dreachdan de na planaichean Gàidhlig aca an seo.

Thèid am plana agaibh an lùib na roi-innleachd nàiseanta air feadh na h-Alba airson cothroman a lìbhrigeadh do luchd-cleachdaidh is luchd-obrach nan seirbheisean Gàidhlig gus an tèid na roghainnean aca a choilionadh.

Tha leasachadh is stèidheachadh a’ phlana agaibh ag obrachadh a dh’ionnsaigh sealladh nas fharsainge ri linn liubhairt na seirbheis, phoileasaidhean is dhòighean-obrach taobh a-staigh a’ bhuidhinn. Feumar buaidh làitheil aig na gìomhan-obrach agaibh air a’ chànan is a luchd-cleachdaidh a thoirt a-steach don t-sealladh. Tha sinn airson obrachadh còmhla airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus airson fios air a luach do dh’Alba a sgaoileadh – ann an dòigh chiallach, iomchaidh, bhrosnachail agus, aig a’ cheann thall, a ghabhas dèanamh.

Fàilte do làrach planaichean cànain Gàidhlig Bhòrd na Gàidhlig. Chaidh an làrach sa a chur air chois airson taic a chumail ri luchd-obrach nan ùghdarrasan poblach a dh’fheumas planaichean Gàidhlig a sgrìobhadh is a chur an sàs, a leithid oifigearan leasachaidh na Gàidhlig, margaideachd, sgiobachd, manaidsearan poileasaidh is trèanaidh, agus luchd-stiùiridh agus Bùird-stiùiridh. (...)

Read More