Dreachd den Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig

Chaidh an stiùireadh seo ullachadh le Bòrd na Gàidhlig fo earrainn 8 de dh’ Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (“an Achd 2005”) agus tha e a’ gabhail àite a’ chiad stiùiridh a chaidh fhoillseachadh ann an 2007.

Chithear iomradh air grunn sgrìobhainnean taice san dreachd seo den stiùireadh, agus gheibhear iad sin uile san stiùireadh seo fhèin.

Tha e cudromach cuimhneachadh gu bheil sinn a’ sireadh bheachdan air an dreachd den stiùireadh fhèin agus chan ann air na sgrìobhainnean taice.

Tha sinn air ceisteachan air-loidhne ullachadh gus beachdan a chruinneachadh air an dreachd den stiùireadh, agus gheibhear ceangal ris a’ cheisteachan aig bonn na duilleig seo.

Fon Achd 2005, feumar co-chomhairleachadh a chumail airson co-dhiù 3 mìosan air an stiùireadh, agus mar sin thèid an co-chomhairleachadh seo a chumail eadar Diluain 17 Ògmhios 2019 agus 5f Dimàirt 17 Sultain 2019.

Aon uair ’s gun tèid na beachdan a chruinneachadh agus gu bheil sinn air ealla a ghabhail riutha, ullaichidh Bòrd na Gàidhlig dreachd ùr den stiùireadh a thèid a chur gu Ministearan na h-Alba gus am beachdaich iad air.

Aon uair ’s gun tèid an ceum sin a choileanadh, foillsichidh Bòrd na Gàidhlig an stiùireadh ùr.

Bu mhath le Bòrd na Gàidhlig taing a thoirt dhuibh ro-làimh airson a bhith a’ gabhail pàirt sa cho-chomhairleachadh seo agus airson ur cuideachaidh le bhith a’ dealbh sgrìobhainn a bhios na goireas fìor chudromach, airson iomadh bliadhna, don iomairt gus àrd-amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018-23 a choileanadh – gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.

Dreachd den Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig

CEISTEACHAN

Sgrìobhainnean Taice