Faidhlichean airson luchdadh a-nuas

Cùram-roinne Phlanaichean Gàidhlig

 

Am pròiseis reachdail airson leasachadh plana cànain Gàidhlig

Ro fios-plana

Thèid amasan àrd-ìre aontachadh leis a’ Bhòrd ann an conaltradh leis an ùghdarras poblach

Thèid amasan àrd-ìre a chur chun a’ Mhinisteir airson aontachaidh

Thèid litir a chur chun an ùghdarrais, a’ leigeil fios gum faigh iad fios-plana san aithghearrachd le fios gum feum iad plana cànain Gàidhlig (PCG) a leasachadh

Fios-plana agus leasachadh

Thèid fios-plana a chur chun an ùghdarrais.Bidh am fios seo a’ gabhail a-steach amasan àrd-ìre, ceann-là airson am plan a lìbhrigeadh don Bhòrd,fios mun phròiseas reachdail agus riatanas an Achd,

agus ainm an Oifigear Phlanaichean Gàidhlig ris am bu chòir don ùghdarras a’ cumail conaltraidh

Thèid dreachd plana a leasachadh leis an ùghdarras, a’ cumail conaltraidh cunbhalach le oifigear a’ Bhùird

Mar phàirt den leasachadh seo feumaidh an ùghdarras co-chomhairle phoblach a choileanadh air sùsbaint a’ phlana a leanas eadar sia agus dà seachdain deug

Thèid dreachd plana a chur a-steach chun a’ Bhùird

Thèid chiad mheasadh a dhèanamh air a’ phlana le oifigearan a’ Bhùird

Thèid sgrìobhainn measaidh a chur air beulaibh Pannal nam Planaichean Gàidhlig airson beachdachadh agus aonta

Thèid an sgrìobhainn measaidh aontaichte a chur chun an ùghdarrais agus thèid conaltradh a chumail le oifigear a’ Bhùird mu ceistean sam bith aig an ùghdarras agus stiùireadh a thoirt seachad air ath cheumanan na phròiseis

Cho luath ‘s a tha aonta ann a thaobh atharrachaidhean riatanachd a dh’ iarr am Bòrd thèid dreachd ùr den phlana a chur chun a’ Bhùird leis na h-atharrachaidhean air a chur ris

Thèid am plana a chur chun làn Bhòrd le moladh bhon Phannal gum bithear ag aontachadh gu foirmeil

Aonta, foillseachadh agus sanasachadh

Às dèidh aonta a’ Bhùird, thèid litir a chur chun an ùghdarrais leis a’ cheann-latha aonta na cois, agus gum bu chòir do cheann-latha seo a chur ri duilleag aghaidh a’ phlana foillsichte,

còmhla ri comhairle air foillseachadh agus sanasachadh air a’ phlana.