Bòrd na Gàidhlig air Cathraiche Eadar-amail ainmeachadh

Chaidh Màiri T NicAonghais ainmeachadh mar Chathraiche Eadar-amail air Bòrd na Gàidhlig aig coinneamh a’ Bhùird ann an Inbhir Nis a chaidh a chumail air 6 Dùbhlachd 2018....

Read More >

Bòrd na Gàidhlig ag obair ann an com-pàirt gus Bliadhna na h-Òigridh a chomharrachadh

Tha e air a bhith na thoileachas do Bhòrd na Gàidhlig, mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh 2018 ann an Alba, cothroman a ghabhail airson a bhith ag obair air feadh na bliadhna còmhla ri grunn bhuidhnean nàiseanta agus coimhearsnachd gus cur ri cleachdadh na Gàidhlig gu nàiseanta....

Read More >

Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig an-diugh a’ foillseachadh shanasan airson na dreuchd, Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig, dreuchd cho cudromach ’s a tha ri fhaighinn ann am foghlam Gàidhlig....

Read More >

Sgeama Tabhartasan Foghlaim do dh’Oileanaich Teagaisg fosgailte a-rithist

Tha tidsearan Gàidhlig a tha air taic fhaighinn bho sgeama nan Tabhartasan Foghlaim air a bhith ga mholadh gu mòr, agus e fosgailte a-rithist am-bliadhna do thagraichean ùra. Tha am pròiseact air a mhaoineachadh agus air a ruith le Bòrd na Gàidhlig ri linn ’s gum feumar barrachd a dhèanamh son coinneachadh ris an iarrtas a tha sìor dhol am meud airson foghlam tro mheadhan na cànain air feadh na dùthcha....

Read More >

Geallaidhean cudromach ùra bho bhuidhnean poblach a bheir taic mhòr don Ghàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air sreath de gheallaidhean cudromach fhoillseachadh an-diugh (Diardaoin 9 Lùnastal 2018) bho dhiofar bhuidhnean poblach ann an Alba a bheir taic nach beag do dh’adhartas nas luaithe le leasachadh is cleachdadh na Gàidhlig air feadh na dùthcha. Tha na geallaidhean mar thoradh air coinneamh fhìor chudromach a chaidh a chumail ann am Peairt madainn an-diugh, far an robh an Leas Phrìomh Mhinistear Iain Swinney BPA sa chathair, agus far an robh riochdairean bho ghrunn de phrìomh bhuidhnean poblach na h-Alba an làthair....

Read More >