Buill Ùra do Bhòrd na Gàidhlig

Chaidh ceathrar bhall ùra a chur an dreuchd mar Bhuill air Bòrd na Gàidhlig leis an Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney. ’S iad na buill ùra Ailean Caimbeul, Fiona Dunn, Jennifer Gilmour agus Màiri Anna NicUalraig.

Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2005 fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus ’s e am buidheann poblach le dleastanas airson cànan, cultair agus foghlam na Gàidhlig a bhrosnachadh an Alba. Am measg an dreuchdan reachdail tha foillseachadh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus a bhith ag obair còmhla ri buidhnean poblach gus Planaichean Gàidhlig a leasachadh.  Stèidhichte ann an Inbhir Nis, tha am Bòrd a’ riarachadh £5.1m de mhaoineachadh.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Bhòrd aig www.gaidhlig.scot.

Thuirt Mgr Swinney:

“Tha mi air leth toilichte fàilte a chuir air Ailean, Fiona, Jennifer agus Màiri Anna gu Bòrd na Gàidhlig. Bidh an raon de sgilean agus de dh’eòlas a th’ aca luachmhor don Bhòrd agus don amas gus crìonadh na Gàidhlig a lughdachadh.

“’S e àm cudromach a th’ ann do Bhòrd na Gàidhlig agus iad a’ sireadh bheachdan air an treas Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2017 – 2022. A bharrachd air seo, sa bhliadhna a dh’fhalbh thòisich na cumhachan Gàidhlig de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, dh’fhoillsich am Bòrd Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig agus tha tràth-ionnsachadh tràth agus cùram cloinne a’ fàs bho 600 uair gu 1140 uair ro 2020.”

Tha Ailean Caimbeul air a bhith gu mòr an-sàs ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig airson barrachd air 40 bliadhna.  Bha e na chomhairliche sònraichte do Bhuidheann Comhairleachaidh Ministeireil na Gàidhlig.  Bha e na Cheannard air Bòrd na Gàidhlig (Alba), am buidheann a bh’ ann ron Bhòrd làthaireach, agus chum e air na Cheannard nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 2005.  Fhuair e Dotaireachd Urramach ann an 2008 bho Oilthigh Obar Dheathain airson na tha e air cuir ri leasachadh na Gàidhlig, agus ann an 2010 chaidh ainmeachadh mar Thosgaire na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba.  A bharrachd air eòlas air leasachadh na Gàidhlig, tha Ailean a’ toirt eòlas air margaidheachd, leasachadh eaconomach agus coimhearsnachd, agus craoladh dhan Bhòrd.  Tha Ailean an-diugh na bhall co-thaghte air Comataidh nan Togalach is an Iomhais aig Sabhal Mòr Ostaig, na Cheann-cinnidh Urramach de Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis agus chaidh ainmeachadh o chionn ghoirid mar Cheann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

 Tha Fiona Dunn na h-eòlaiche air leasachadh agus poileasaidh na Gàidhlig le pailteas de dh’eòlas ann a bhith lìbhrigeadh iomairtean leasachadh cànain anns na raointean poblach agus foghlam àrd-ìre.  B’ i  Fiona a’ chiad neach aig an robh dreuchd Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig ann am foghlam àrd-ìre na h-Alba ann an 2009 agus tha i air a bhith na stiùiriche air buidhnean Gàidhlig leithid Comunn na Gàidhlig agus An Lòchran.  Fhuair Fiona Duais airson Iomairt san Àite-obrach ann an 2013 aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba airson a h-obair aig Oilthigh Ghlaschu.

Tha Jennifer Gilmour na stiùiriche-cluiche aig Cròileagan Dhùn Èideann.  Dh’ionnsaich Jennifer Gàidhlig, agus cheumnaich i o chionn ghoirid le BA ann an Gàidhlig agus Leasachadh bho Shabhal Mòr Ostaig.  Tha Jennifer na ball air comataidh Chomann nam Pàrant Dhùn Èideann agus bha i na neach-tionail na buidhne airson dà bhliadhna rè na h-iomairt soirbheachail gus sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh an Dùn Èideann.  Tha Jennifer an-dràsta a’ leasachadh Plana Gàidhlig Comhairle Baile Dhùn Èideann agus tha i air comataidh Mòd Ionadail Dhùn Èideann.

’S e Gàidheal bhailteil a th’ ann am Màiri Anna NicUalraig.  Rugadh agus thogadh i ann an àrainneachd ioma-chànanach, ioma-chànanach taobh a deas Ghlaschu.  Tha i na neach-ciùil agus na craoladair, agus tha stiùidio clàraidh còmhnaidheach soirbheachail aice agus leis an duine aice, riochdaire agus neach-ciùil Nick Turner.  Tha eòlas aice cuideachd air naidheachdan agus cùisean làitheil, bhon àm aice a’ ruith an t-seirbheis naidheachdan Gàidhlig aig a’ BhBC.  Tha a h-obair cruthachail fhèin a’ cur a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh ùr agus cruthachail, agus tha a h-ùidhean sònraichte aig a’ Bhòrd co-cheangailte ri bhith glèidheadh agus a’ tàladh air ais luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus dùthchasach, agus ri leasachadh sgilean cànain ann an dòigh chruthachail.

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh fàilte a chur air na ceithir Buill ùra a th’ air tòiseachadh aig Bòrd na Gàidhlig. Tha Ailean, Fiona, Jennifer agus Màiri Anna a’ tighinn thugainn le farsaingeachd de sgilean is eòlas spèisealta leithid sgilean a thaobh obair leasachaidh aig ìre coimhearsnachd agus a thaobh craolaidh, agus eòlas air foghlam is ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh na Buill ùra a’ neartachadh a’ Bhùird aig àm nuair a tha sinn ag ullachadh a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig airson 2017-2022, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha sna mìosan agus sna bliadhnaichean ri thighinn. ’S e àm gu math inntinneach agus dòchasach a th’ ann don chànan an-dràsta nuair a tha an t-iarrtas airson foghlam Gàidhlig a’ sìor dhol am meud gach bliadhna agus nuair a thathar a’ foillseachadh barrachd is barrachd Phlanaichean Gàidhlig air feadh na h-Alba; agus tha an àireamh de luchd-amhairc a th’ aig BBC ALBA agus de luchd-èisteachd a th’ aig BBC Radio nan Gàidheal na adhbhar misneachd mhòir dhuinn.”

Bidh gach ball air a’ Bhòrd airson ceithir bliadhna agus bidh an ùine aca a’ dol bho 1 Giblean 2017 gu 31 Màrt 2021.

Tha na dreuchdan seo air an riaghladh leis a’ Choimiseanair airson Inbhean Beusail ann am Beatha Poblach na h-Alba.

Tha na dreuchdan seo pàirt-ùine, gheibh gach ball £179.20 gach latha agus tha dùil ann gun obraich iad trì latha sa mhìos air obair a’ Bhùird.

Chan eil dreuchdan poblach eile aig gin de na buill ùra.

Tha gach neach air a chur an dreuchd ri linn cho airidh ’s a tha iad, agus chan eilear a’ gabhail ealla ri gnìomhan poilitigeach a tha tagraichean air a bhith ris nuair a thathar a’ taghadh buill ùra. Ge-tà, a-rèir molaidhean Nolan, feumar gnìomhan poilitigeach a tha na buill ùra air a bhith ris thar na còig bliadhna a dh’fhalbh fhoillseachadh (ma bha gin ann).

Cha robh gin de na buill ùra ri gnìomhan poilitigeach thar na còig bliadhna a dh’fhalbh.