Co-chomhairleachadh air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig

Thòisich Bòrd na Gàidhlig co-chomhairleachadh foirmeil an-diugh (1 Lùnastal) air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig. Thèid an co-chomhairleachadh a chumail eadar 1 Lùnastal is 1 Samhain agus thathar a’ brosnachadh dhaoine fa leth agus buidhnean bho air feadh na dùthcha freagairtean a chur a-steach. Faodar pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh le bhith tadhal air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig agus gabhar ri freagairtean tron phost no air-Loidhne.

Tha an Stiùireadh Reachdail na phàirt cudromach de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 ris an deach aontachadh na bu thràithe am-bhliadhna. Aon uair ’s gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air beachdan an luchd-fhreagairt, cuiridh Bòrd na Gàidhlig crìoch air an Stiùireadh agus bheir iad comhairle do Mhinistearan na h-Alba air mar a thèid a chur an gnìomh.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha seo a’ fàgail dleastanas ùr agus cudromach air Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn air a bhith ag ullachadh air a shon airson deagh ghreis. Tha sinn an dòchas gum faighear beachdan air an dreachd seo den Stiùireadh bho thaghadh farsaing de dhaoine is bhuidhnean, oir bidh an Stiùireadh cuideachd a’ cur gu mòr ris na h-earrainnean den Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig airson 2017-22 a bhuineas ri foghlam. Tha sinn a’ brosnachadh a h-uile duine le ùidh ann am foghlam Gàidhlig, agus gu dearbh sa Ghàidhlig fhèin, beachd a chur a-steach ris a’ cho-chomhairleachadh seo.”

Thuirt Iain Swinney, an Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Sgilean: “Tha foghlam Gàidhlig deatamach don amas aig Riaghaltas na h-Alba gus an àireamh dhaoine a tha cleachdadh na Gàidhlig a chur an àirde, agus tha e riatanach gum bi stiùireadh soilleir ann do dhaoine a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi fios aig luchd-solair, luchd-ionnsachaidh, luchd-cùraim agus luchd-foghlaim air dè bu chòir dhaibh a bhith sùileachadh san raon sin.”

“Tha an t-iarrtas airson foghlam Gàidhlig a’ dol am meud air feadh Alba, agus gus frithealadh air sin, tha sinn air trì cumhachan Gàidhlig a thoirt a-steach ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 agus ’s e an Stiùireadh Reachdail seo a’ chiad fhear dhiubh sin a thèid a chur an gnìomh.”

Thuirt Brus Robasdan, Cathraiche na Buidhne-obrach a dhealbh an dreachd den Stiùireadh Reachdail: “Tha a’ Bhuidheann a tha air a bhith ag obair air an Stiùireadh Reachdail seo air ealla a ghabhail mu thràth ri cumhachan laghail Achd 2016 agus ris na beachdan a fhuaras bho dhaoine a bha an làthair aig tachartasan air feadh na dùthcha. Tha riochdairean air a’ Bhuidhinn bho Ùghdarrasan Ionadail, COSLA, Foghlam Alba, Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig. Tha sinn a-nis ann an suidheachadh far am faod sinn beachdan foirmeil iarraidh bho dhaoine air an sgrìobhainn, sgrìobhainn a bhios na cloich-mhìle fìor chudromach do dh’fhoghlam Gàidhlig nuair a thèid a cur an sàs. Tha e a’ dèanamh soilleir dè bu chòir do phàrantan is luchd-cùraim a bhith sùileachadh agus tha e a’ cur dleastanasan nan Ùghdarrasan Ionadail an cèill gu foirmeil. Tha e cuideachd a’ sealltainn gu soilleir dè bu chòir dhuinn a bhith sùileachadh a thaobh grunn raointean de dh’fhoghlam na Gàidhlig, bho ìre nan Tràth-bhliadhnaichean gu ìre na h-Àrd-sgoile.”

DEIREADH

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath-naidheachd seo cuiribh fios gu Steven MacÌomhair, Ceann Roinn a’ Chonaltraidh, Margaideachd & TF aig Bòrd na Gàidhlig, air post-d steven@gaidhlig.scot no air a’ fòn 07595763071.