Taisbeanadh Taighean – Tasgaidh Nàiseanta Na H-Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt fhoillseachadh co-cheangailte ri connspaid a tha air èirigh mun taisbeanadh ùr Bonnie Prince Charlie and The Jacobites a bhios ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a dh’aithghearr.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair le tòrr dhiofar bhuidhnean poblach, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba nam measg, airson dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig air a foillseachadh gu làidir agus aig fìor àrd-ìre taobh a-staigh nan diofar bhuidhnean agus air feadh Alba. ’S e bhith a’ leasachadh Phlanaichean Gàidhlig aon de na prìomh shlatan-tomhais a tha air ainmeachadh ann an Achd na Gàidhlig far am faigh a’ Ghàidhlig spèis cho-ionann ann an Alba.

“Anns a’ Phlana Ghàidhlig aca tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air dearbhadh gu bheil iad airson gum bi Beurla agus Gàidhlig taobh ri taobh ann an taisbeanaidhean far a bheil ceangal ann ris a’ Ghàidhlig no far a bheil a’ Ghàidhlig mar chuspair agus seo cothrom math sin a dhèanamh leis an taisbeanadh Bonnie Prince Charlie and the Jacobites dìreach mar a rinn iad roimhe le taisbeanaidhean mar Fonn ’s Dùthchas agus Lewis Chessmen Unnmasked.

“Tha Bòrd na Gàidhlig mothachail gu bheil gearanan air a bhith aig cuid a dhaoine ann an coimhearsnachd na Gàidhlig mu cho beag Gàidhlig a bhios ri fhaicinn agus ri chluinntinn san taisbeanadh. ’S e bhith ag aithneachadh agus a’ toirt spèis do bheachdan coimhearsnachd na Gàidhlig aon de na prionnsabalan cudromach eile ann an Achd na Gàidhlig agus tha Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air a’ chonaltradh a tha air a bhith ann mar phàirt cudromach dhen sin.

“ ’S e cothrom fìor mhath a th’ ann cuideachd do Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ceanglaichean làidir a dhèanamh ri sgoiltean Gàidhlig agus ris a’ choimhearsnachd anns an fharsaingeachd tron taisbeanadh Bonnie Prince Charlie and the Jacobites agus tha Bòrd na Gàidhlig toilichte taic agus comhairle a thabhann dhaibh airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine, a bhios a’ coimhead air an taisbeanadh no ag ionnsachadh mu dheidhinn, a’ Ghàidhlig fhaicinn mar phàirt susbainteach dheth.”