Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic ùr do Dhràma Gàidhlig

Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig an naidheachd an-diugh gu bheil iad a’ dol a thoirt £115,000 seachad mar thaic do bhith toirt dràma na Gàidhlig air adhart aig ìre phroifeiseanta, coimhearsnachd agus ann an sgoiltean. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh thairgsean, a’ tòiseachadh an-diugh fhèin, bho bhuidhnean as urrainn dealbh-chluich ùr a chruthachadh agus a thoirt air chuairt air feadh Alba.

Thuirt an Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag: “Tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh mar a dh’fhaodas na h-ealain feum mòr a dhèanamh ann a bhith togail ìomhaigh na Gàidhlig air feadh Alba, agus mar a tha iad aig an aon àm a’ toirt cothrom luachmhor do luchd-labhairt na Gàidhlig an cànan aca a chleachdadh. ’S e as motha a tha fa-near dhuinn leis a’ phròiseact seo, dealbh-chluich phroifeiseanta Ghàidhlig a chur air dòigh a thèid air chuairt air feadh diofar choimhearsnachdan ann an Alba, agus an lùib a’ phròiseict bithear a’ toirt chothroman trèanaidh do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith ag obair san roinn seo fhad ’s a tha iad ag obair air an dràma. Cuideachd, tha sinn an dùil gum faigh buidhnean coimhearsnachd agus sgoilearan buannachd às na bùithtean-obrach a thèid a chumail mar phàirt den chuairt.”

Lean e air: “Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a thoirt do dhràma na Gàidhlig an dà chuid aig ìre na coimhearsnachd agus aig ìre phroifeiseanta airson grunn bhliadhnaichean agus tha sinn air maoineachadh cunbhalach a thoirt don Chomunn Ghàidhealach, Comunn na Dràma, Fèisean nan Gàidheal, Comhairle nan Leabhraichean, An Lòchran agus Sabhal Mòr Ostaig agus bidh sinn a’ toirt taic seachad an co-bhuinn ri Alba Chruthachail tro ar Maoin Leasachadh Dràma na Gàidhlig gach bliadhna. Mar thoradh air an obair chruaidh agus an taic-airgid sin, chunnacas taisbeanaidhean dràma Gàidhlig gan cur air dòigh gu cunbhalach o chionn beagan bhliadhnaichean agus tha e na amas don phròiseact seo togail air an t-soirbheachadh sin.”

Chaidh am pròiseact seo a mholadh às dèidh chòmhraidhean le buidhnean a tha an sàs ann an dràma aig ìre ro-innleachdail (Alba Chruthachail, Thèatar Nàiseanta na h-Alba agus BBC ALBA), agus le measgachadh farsaing de dhaoine a tha ag obair ann an dràma na Gàidhlig agus chaidh co-dhùnadh a dhèanamh gus am pròiseact a thoirt air adhart aig coinneamh a’ Bhùird ann an Ìle o chionn ghoirid.

Gheibhear làn fhiosrachadh mun phròiseact agus mu mar a chuirear tairgse a-steach aig
www.publiccontractsscotland.gov.uk.