Gàidhlig is Teicneòlas a’ Tighinn Còmhla ann an Seòmraichean-teagaisg


Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig an naidheachd na bu thràithe air a’ bhliadhna seo gun robh iad a’ cur £150,000 mu choinneamh a bhith stèidheachadh e-Sgoil, iomairt far am bithear a’ toirt barrachd cothruim do sgoilearan air cuspairean a’ churraicealaim ann an Gàidhlig tro chlasaichean air-loidhne, sna h-Eileanan Siar agus ann an sgìrean eile.

Ged nach eil am pròiseact ach dìreach air tòiseachadh, tha e air feum mòr a dhèanamh mu thràth do chloinn a tha ann am foghlam Gàidhlig agus cothrom aca air clasaichean tron Ghàidhlig nach biodh aca, ’s dòcha, san sgoil aca fhèin.

Tha tidsear a tha stèidhichte ann an Sgoil Shiaboist, Eilean Leòdhais, a’ toirt seachad clasaichean e-Sgoil an-dràsta do sgoilearan ann an Acadamaidh Hazlehead ann an Obar Dheathain. Choinnich a’ Bh-ph Cathaidh Màiri Nic a’ Mhaoilein leis na sgoilearan an toiseach, agus tha i a-nis a’ toirt leasanan dhaibh tro ghoireas airson cho-labhairtean bhidio, Vscene, trì latha san t-seachdain.

Thuirt Aonghas MacIllFhinnein, Ceannard e-Sgoil: “Tha na beachdan matha a tha sinn air cluinntinn mu na leasanan ùra ann an Hazlehead bho sgoilearan, pàrantan agus luchd-obrach a tha an sàs annta air ar misneachadh gu mòr. Tha an aon rud air a bhith fìor a thaobh nan clasaichean airson Eòlas Creideimh, Moraltachd agus Feallsanachd aig Àrd-ìre a tha air an lìbhrigeadh bho Sgoil MhicNeacail agus Sgoil an Tairbeirt anns na Hearadh, agus a thaobh nan leasanan fìdhlearachd a tha sgoilearan ann an Sgoil Ùig a’ faighinn air-loidhne agus iad air an toirt thuca à Steòrnabhagh. Tha na h-eisimpleirean sin gar cuideachadh le bhith feuchainn dè cho math ’s a tha an teicneòlas, a’ stèidheachadh mhodhan-obrach agus a’ comharrachadh fheuman trèanaidh. Cuidichidh an obair-dhearbhaidh seo sinn nuair a thig e gu bhith leudachadh air an t-seirbheis seo aig ìre ionadail agus nàiseanta.

“Tha e na amas don e-Sgoil frithealadh air iarrtasan bho sgoilearan, sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail feuch am bi an aon chothrom aig daoine air cuspairean sa churraicealam agus thathar ag iarraidh dèanamh cinnteach gun gabh feum cho math is cho mòr ’s a ghabhas a dhèanamh den luchd-obrach agus de na goireasan a th’ ann airson foghlam Gàidhlig agus foghlam tron Ghàidhlig. Tha luchd-obrach bho Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag obair còmhla gus comharrachadh dè tha a dhìth a thaobh a’ churraicealaim, dè an luchd-obrach a th’ againn agus dè na cothroman a th’ ann airson leasachadh proifeiseanta leantainneach air an urrainn dhuinn obrachadh còmhla.

“Chan eil e fa-near dhuinn, le e-Sgoil, gum bi clasaichean air-loidhne a’ dol an àite an deagh theagaisg a thathar a’ faighinn san t-seòmar-theagaisg. ’S e an t-amas a th’ againn gun toir sinn seirbheis seachad nuair nach eil tidsearan ann, agus gun cuir clasaichean e-Sgoile ris an fhoghlam a gheibh clann mu thràth. Tha sinn cuideachd a’ cuideachadh sgoiltean ann a bhith a’ gabhail gu dealasach ris an teicneòlas, air a bheil an òigridh againn cho eòlach mu thràth, gus taic a thoirt don fhoghlam a bheir iad seachad. Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil a’ Ghàidhlig air ceann na h-iomairt gus teicneòlas a chleachdadh san dòighseo ann am foghlam.”

Thuirt Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig, Mona Wilson, agus i a’ cur meal-a-naidheachd air an sgioba airson am pròiseact a thoirt air adhart cho luath: “Tha sinn gu math riaraichte leis mar a tha sinn, mu thràth, a’ faicinn nam buannachdan a thig bho e-Sgoil airson sgoilearan, agus airson na Gàidhlig ann an Alba. Seo agaibh ceum mòr air adhart a thaobh a bhith leasachadh foghlam na Gàidhlig. Tha an Sgoil-lìonra seo a’ toirt cothrom do sgoilearan is luchd-foghlaim na Gàidhlig agus don luchd-taice aca làn fheum a dhèanamh de theicneòlas gus na toraidhean a tha nam pàirt mòr den Churraicealam airson Sàr-mhathais a thoirt gu buil. Tha e cuideachd mar mheadhan gus barrachd feum a dhèanamh de luchd-teagaisg, agus iad a’ toirt taic do chàch a chèile agus gabhaidh clàran-ama nas iomlaine a chruthachadh.

“Tha an e-Sgoil a’ cur, gu luath agus gu h-èifeachdach, ris na cothroman a th’ ann do luchd-ionnsachaidh, gu h-àraidh an fheadhainn a tha an sàs ann an cùrsaichean àrd-sgoile tron Ghàidhlig, agus ’s e eisimpleir fìor mhath a th’ ann de dh’obair chom-pàirteach eadar sgoiltean is Ùghdarrasan Ionadail agus iad ag obair còmhla a chum maith nan sgoilearan ann an sgìrean nan ùghdarrasan sin.

“Tha e a’ toirt toileachas mòr do Bhòrd na Gàidhlig gun urrainn dhuinn taic a thoirt do dh’iomairt mar seo far a bheilear a’ dèanamh feum de theicneòlas gus cuideachadh le foghlam òigridh agus far a bheil sgoilearan air am brosnachadh nan cuid foghlaim tro mheasgachadh de dhòighean-ionnsachaidh a tha a’ cur ris an obair aca ann an cuspairean eile. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla ri sgioba a’ phròiseict seo fhad ’s a bhios e a’ fàs agus a’ tighinn air adhart sna mìosan is sna bliadhnaichean a tha air thoiseach oirnn.”