Freagairt don artaigil sa Phress and Journal, 11 Lùnastal 2016 “Gaelic signs could cost you millions”

Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh mar phàirt de chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba), a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba ann an 2005, agus a fhuair taic bho na pàrtaidhean poilitigeach uile. Tha na Planaichean Gàidhlig nam pàirt eile den Achd a tha fìor chudromach. ’S e tha fa-near don reachdas a’ Ghàidhlig a dhèanamh tèarainte airson Alba air fad agus tha Planaichean Gàidhlig gu math cudromach gus a bhith toirt an amais sin gu buil. Bidh am Bòrd ag obair ann an dòigh thaiceil còmhla ri ùghdarrasan ionadail air feadh Alba gus Gàidhlig a thoirt air adhart, agus i air aon de iomadh cànan prìseil a tha coimhearsnachdan na h-Alba a’ bruidhinn agus tha sin a’ toirt dhuinn dùthaich a tha ioma-chànanach agus ioma-chultarach.

Tha coimhearsnachd Ghàidhlig Obar Dheathain a’ fàs agus tha am Plana Gàidhlig air amasan a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas sin, ann an dòigh a tha reusanta agus freagarrach don sgìre. Bithear a’ cur soidhnichean ùra an àite seann shoidhnichean bho àm gu àm dìreach nuair a tha na soidhnichean sin feumach air an ùrachadh, agus nuair a bhios cothrom mar sin ann ’s e cothrom math a th’ ann beagan Gàidhlig a thoirt a-steach gun mòran cosgais a bharrachd idir, agus chan e milleanan de notaichean mar a tha an ceann-naidheachd a’ cumail a-mach.