Freagairt a thaobh a’ Cho-dhùnaidh aig Clì Gàidhlig gus a’ Bhuidheann a chur à bith

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona Niclllinnein: “Suas chun a’ Mhàirt 2016 bhiodh am Bòrd a’ toirt maoineachadh do Chlì gus diofar phròiseactan a thoirt gu buil a bha a’ toirt taic do dh’ionnsachadh is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Am measg na feadhna as ùire a fhuair taic-airgid bhuainn bha: prògram de chlasaichean Gàidhlig do dh’inbhich a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig, Clì a’ toirt seachad fiosrachadh agus taic airson an làraich-lìn airson luchd-ionnsachaidh, a tha glè shoirbheachail, LearnGaelic.scot, agus taic do bhith foillseachadh na h-irise Cothrom Ùr.

“Mus tàinig an t-aonta-maoineachaidh againn le Clì gu crìch, bha iad nam ball de bhuidheann-obrach a chaidh a chur air chois gus ro-innleachd ùr a dhealbh airson inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, oir chaidh aontachadh gum bu chòir sùil as ùr a thoirt air an raon sin agus gum bu chòir a neartachadh. Tha e na amas don ro-innleachd an àireamh de dh’inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an Alba a mheudachadh thairis air 7 bliadhna ann an co-bhuinn ri MG ABLA, Ùghdarrasan Ionadail agus daoine eile. Às dèidh don ro-innleachd a bhith air a dealbh, cha do chuir Clì iarrtas sam bith a-steach airson tuilleadh maoineachaidh gus pàirt sam bith den ro-innleachd ùir a thoirt gu buil, fiù ’s nuair a rinn am Bòrd soilleir dhaibh gun robh iad làn di-beathte sin a dhèanamh.

“’S e bristeadh-dùil a th’ ann gu bheil Clì Gàidhlig air an co-dhùnadh seo a ruighinn. Tha Clì air obair fìor mhath a dhèanamh thar nam bliadhnaichean gus taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus tha mi cinnteach gu bheil iad air iomadh neach-labhairt na Gàidhlig a chuideachadh gu bhith ruighinn ìre fileantais.

“Tha Bòrd na Gàidhlig air cur roimhe taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus a bhith cruthachadh barrachd chothroman gus an cànan ionnsachadh. Air a’ bhliadhna seo fhèin tha sinn air còrr is £580,000 a chosg air ionnsachadh na Gàidhlig do dh’inbhich, eadar lìbhrigeadh chùrsaichean, goireasan agus rannsachadh. Tha sinn cuideachd ag obair ann an com-pàirt ri grunn bhuidhnean a tha ag obair san raon seo.

“Tha sinn an-dràsta a’ cruthachadh plana-gnìomha airson na Ro-innleachd ùir do dh’Inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, ‘Ar Slighe gu Fileantas’, a bhios ga chur an gnìomh aig an aon àm ’s a bhithear a’ toirt an treas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig gu buil, agus thèid sin fhoillseachadh sa bhliadhn’ ùir.”