Là trèanaidh soirbheachail airson Luchd-stiùiridh Bookbug na Gàidhlig

Chaidh là trèanaidh soirbheachail airson Bookbug na Gàidhlig a chumail air Disathairne 19 Lùnastal ann an Glaschu le 22 neach a’ gabhail pàirt. Chaidh an là trèanaidh a chur air dòigh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig le Fay NicDhiarmaid, Neach-taice Thràth-bhliadhnaichean a’ Bhùird, a’ stiùireadh an là le taic bho Dhonnchadh MacNèill (Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid).

Am measg na bha a’ gabhail pàirt bha cuid de na sgoilearan as sine à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Thuirt Catrìona Chaimbeul Iar-Cheannard na sgoile “Tha sinn air leth toilichte gun d’ fhuair sinn an cothrom pàirt a ghabhail san trèanadh seo.  Tha an là a’ toirt taic dhuinn a thaobh Developing the Young Workforce. A bharrachd air sin, tha cothroman obrach ag èirigh às le sgoilearan gan trèanadh is gan ullachadh son a bhith ag obair do Bhuidheann Teaghlaich Disathairne agus Clann a’ Cluich”