Search

Search Results for: National Gaelic Language Plan

Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (“an Achd”), a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba, ag iarraidh inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil ann an Alba dha bheilear a’ sealltainn an aon spèis agus a tha don Bheurla.

 

Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028

Tha am Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028 (“am Plana”) a’ cur an cèill far a bheil ceumannan a dhìth gus a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an Alba. Tha e mar bhunait dhan àrd-amas aig Riaghaltas na h-Alba àrdachadh fhaicinn ann an àireamh nan daoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ cumail taic ri Gàidhlig ann an Alba.

Tha an Achd ag iarraidh air Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur a-steach le molaidhean co-cheangailte ri cleachdadh agus adhartachadh na Gàidhlig le fòcas air feumalachdan agus prìomhachasan na Gàidhlig airson a luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh, agus luchd-taic. Fon Achd feumaidh Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta Gàidhlig ullachadh ach tha e an urra ri grunn ùghdarrasan, bhuidhnean agus choimhearsnachdan na h-amasan is targaidean sa Phlana seo a thoirt air adhart.

Thèid mòran de na gealltanasan a chur an gnìomh le ùghdarrasan poblach tro na Planaichean Gàidhlig aca fhèin, thèid cuid a thoirt air adhart le Bòrd na Gàidhlig agus thèid cuid eile a chur an gnìomh le teaghlaichean, coimhearsnachdan, agus leis an roinn phrìobhaidich. Bidh soirbheas a’ Phlana a rèir na h-ìre de dhealas, co-obrachadh, tasgadh agus de ghnìomhachd a thèid a choileanadh leotha uile.

Seo an ceathramh Plana Nàiseanta na Gàidhlig bho chaidh Achd 2005 aontachadh. Tha gach Plana a’ togail air adhartas a rinneadh sna planaichean mu dheireadh agus tha e air a sgrìobhadh gu sònraichte airson an t-suidheachaidh làithrich. Gus am Plana seo ullachadh, chaidh raon farsaing de chòmhraidhean agus cho-chomhairlean a chumail agus chaidh pròiseas co-chomhairleachaidh poblach foirmeil a chumail a rèir na h-Achd.

‘S e prìomh amas a’ Phlana a bhith a’ cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig.

 

Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028

Plana Nàiseanta Gàidhlig 2018-2023

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

Plana Cànain Nàiseanta

Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (“an Achd”), a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba, ag iarraidh inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil ann an Alba dha bheilear a’ sealltainn an aon spèis agus a tha don Bheurla.   Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028 Tha am Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028 (“am Plana”) a’ cur an […]

Goireas ùr didseatach Gàidhlig air fhoillseachadh airson Young Scot

Airson Bliadhna na h-Òigridh 2018 a chomharrachadh tha Bòrd na Gàidhlig agus Young Scot air co-bhanntachd ro-innleachdail a stèidheachadh airson goireas ùr Gàidhlig a leasachadh a bhios air www.young.scot. Thèid taic cuideachd a chur ris a’ cho-bhanntachd le MG ALBA. Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig thèid Gàidheal òg fhastadh le Young Scot a bhios […]

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air taic bho Phàrlamaid na h‐Alba airson na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart, a’ cur fàilte mhòr air an taic thar-phartaidh ann am Pàrlamaid na h‐Alba a chaidh a nochdadh aig deasbad sa Phàrlamaid an‐diugh (24 Giblean). Tha am Bòrd cuideachd a’ cur fàilte air an naidheachd […]

Stiùireadh Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean 2026/27

Mu dheidhinn na Maoine Tha sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig air a ruith is air a mhaoineachadh le Bhòrd na Gàidhlig is ri fhaighinn airson taic a thoirt do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig saor-thoileach no treasaibh-roinn gus seiseanan tro mheadhan na Gàidhlig a ruith do chlann aig aois 0-3 sa bhliadhna-sgoile 2026/27. Tha an sgeama a’ […]

Stiùireadh Sruth Phròiseactan 2026/27

Mu dheidhinn na Maoine Tha Maoin Phlanaichean Gàidhlig (air an robh GLAIF roimhe) airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig reachdail aca a chur an gnìomh agus taic a chur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28. Thèid prìomhachas a thoirt do phròiseactan ùr-ghnàthach is a tha sealltainn gum bi obair com-pàirteachas eadar ùghdarrasan. […]

Stiùireadh Sgeama Oifigearan Gàidhlig 2025-28

‘S e seo an stiùireadh airson Sgeama Oifigearan Gàidhlig 2025-28. Tha lethbhreac den stiùireadh seo ri fhaighinn ann am PDF an seo, is gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh ma tha seo air iarraidh oirbh le bhith cur post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot. Tha an sgeama seo a’ dùnadh aig 3f air Diardaoin 5 Ògmhios 2025. Chaidh an duilleag […]

Co-chomhairleachadh Poblach: Ùrachaidhean don Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh gun tèid an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig ùrachadh agus tha e a’ sireadh fios air ais mun dreachd seo mus tèid fhoillseachadh gu h-oifigeil agus mus tèid aontachadh. Tron cho-chomhairleachadh, cruinnichidh Bòrd na Gàidhlig beachdan luchd-ùidh air an Stiùireadh Reachdail ùraichte airson foghlam Gàidhlig. Dh’fhaodte gun atharraich an […]

Teachdaireachd Co-obrachaidh airson na Bliadhna Ùire bho Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bliadhna Ùr agus Plana Nàiseanta ùr airson na Gàidhlig a’ cruthachadh cothrom gus builean a choileanadh tro cho-obrachadh, a rèir Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig. A’ bruidhinn agus i a’ cur fàilte air a’ Bhliadhna Ùir agus toiseach an ath Phlana Nàiseanta airson 2023–28, a chaidh fhoillseachadh aig deireadh 2023, thuirt Màiri NicAonghais: “A’ coimhead […]