Aithris na Maidne – 14.07.2020

Agallamh le Màiri NicAonghais, Cathraiche, Bòrd na Gàidhlig – Aithris na Maidne

Rinn Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais, agallamh fada air Aithris na Maidne, BBC Radio nan Gàidheal, madainn an-diugh a’ coimhead air an deasbad às dèidh foillseachadh an leabhair mun Ghàidhlig anns a’ choimhearsnachd dhùthchasaich. B’ iad na prìomh phuingean san agallamh:

Nach eil am Bòrd air co-dhùnaidhean an leabhair a dheasbad gu foirmeil. Ach thathar daonnan a’ cur fàilte air deasbad air dòighean gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart. Tha draghan ann mu mar a chaidh a’ bhuaidh aig na teachdaireachdan bhon leabhar àrdachadh anns na h-amannan dùbhlanach seo, agus tha an deasbad air a bhith cruaidh air a h-uile duine a tha an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig.

Tha e a-nis a’ fàs soilleir gu bheil an leabhar stèidhichte air rannsachadh a chaidh a chruinneachadh bho chionn trì bliadhna agus gu bheil a’ mhòr-chuid den phoileasaidh air a bheilear a’ toirt iomradh stèidhichte air an dàrna Plana Cànan Gàidhlig Nàiseanta (2012-17).

Tha fòcas a’ Phlana Nàiseanta làithrich air cleachdadh na Gàidhlig, ach bha an dàrna plana ag amas gu sònraichte air ionnsachadh Gàidhlig agus foghlam.

Tha leudachadh cleachdadh na Gàidhlig air a thoirt gu buil ann an iomadh dòigh eadar-dhealaichte – tro phlanaichean Gàidhlig, tro obair nam buidhnean Gàidhlig, tro bhuidhnean coimhearsnachd, oifigearan Gàidhlig, agus anns na meadhanan sòisealta. Ach feumaidh sinn tòrr a bharrachd a dhèanamh.

Tha am Plana Nàiseanta làithreach ag aithneachadh gu bheil cùisean eile a’ toirt buaidh air Gàidhlig – mar eisimpleir an eaconamaidh, cothrom air taigheadas, còmhdhail èifeachdach air prìs reusanta ceangalan didseatach – agus bu chòir beachdachadh air a’ Ghàidhlig nuair a thathar a’ cruthachadh nam poileasaidhean sin uile.

Tha am Plana seo ag aithneachadh gu bheil coimhearsnachdan eadar-dhealaichte ann de luchd-labhairt na Gàidhlig – eileanan agus sgìrean dùthchail; an fheadhainn ann am bailtean agus mòr-bhailtean; agus a’ choimhearsnachd air-loidhne; agus gu bheil feum air ro-innleachdan eadar-dhealaichte gus taic a thoirt dhaibh.

Tha coimhearsnachdan nan eilean ag atharrachadh; tha mòran anns na h-eileanan aig nach eil Gàidhlig agus feumaidh sinn uile freagairtean eadar-dhealaichte a chruthachadh gus aghaidh a thoirt ris na dùbhlain agus na cùisean toinnte an cois leasachadh cànain.

Bithear a’ cosg timcheall air £1 millean de mhaoineachadh Bhòrd na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar gach bliadhna, maoineachadh a bhios a’ toirt taic do chosnadh, pròiseactan, gnìomhachd agus seirbheisean.

Chan eil am Bòrd air beachdachadh air a’ mholadh gum gu chòir urras coimhearsnachd a bhith ann airson na Gàidhlig. Tha buill air Bòrd na Gàidhlig, a tha na bhuidheann phoblach, a tha fìor eòlach air leasachadh coimhearsnachd. Tha Treas Roinn làidir aig na h-eileanan le structaran èifeachdach agus tha cothroman ann air a’ Ghàidhlig a neartachadh taobh a-staigh seo agus gus cur ri conaltradh eadarra.

Anns a’ cho-dhùnadh, feumaidh barrachd dhaoine anns na h-eileanan Gàidhlig a chleachdadh nas trice, feumaidh Bòrd na Gàidhlig barrachd a dhèanamh, feumaidh an Riaghaltas barrachd a dhèanamh, feumaidh na buidhnean Gàidhlig barrachd a dhèanamh agus feumaidh na h-ùghdarrasan ionadail, gu sònraichte Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid barrachd a dhèanamh.

Gheibh sibh an agallamh an seo.