Luchd-obrach

Gus structar na buidhne fhaicinn, cliog an seo: BnG Structar na Buidhne 2020/21

Ceannard


Shona Niclllinnein, Ceannard

Tha Shona NicIllInnein, a tha à Drochaid an Aonachain bho thùs, na Ceannard air Bòrd na Gàidhlig agus tha i air a bhith san dreuchd fad còrr is 4 bliadhna.  Tron àm sin, tha am Bòrd air an treas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig (2018-23) a sgrìobhadh, a chaidh a chur air bhog sa Mhàrt 2018 leis an Leas Prìomh Mhinistear, John Swinney.  A bharrachd air seo, dh’fhoillsich am Bòrd am plana corporra airson 18-23 a tha a’ cur an cèill mar a bhios am Bòrd a’ cur ri bhith a’ coileanadh amasan a’ Phlana Nàiseanta.

Tha Shona a’ toirt leatha còrr is 20 bliadhna de ghnàth-eòlas ann an leasachadh gnìomhachais agus coimhearsnachd air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.  Dh’ionnsaich Shona a’ Ghàidhlig ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus bha i roimhe ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig mar Stiùiriche Gnìomhachais is Leasachadh Buidhne.  Tha i air a bhith an sàs ann am farsaingeachd de dh’iomairtean agus leasachaidhean Gàidhlig, a’ gabhail a-steach a bhith ag obair do dhiofar bhuidhnean Gàidhlig.  Tha gnàth-eòlas farsaing aig Shona de riaghaladh is planadh ro-innleachdail cho math ri deagh thuigse air leasachadh coimhearsnachd.

Tha an gnàth-eòlas aice den roinn phoblaich a’ gabhail a-steach riaghladh, planadh ro-innleachdail agus leasachadh agus fàs coimhearsnachd.  Tha i air a bhith na stiùiriche neo-ghnìomhach air MG ALBA, puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Eta, Grampian TV agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean Eta.

Tha Shona a’ fuireach ann an Cinn t-Sàile far a bheil i ag obair air croit an teaghlaich cho math ri bhith na cathraiche air Comann Camanachd nan Ban, Ceann Loch Seile.

Cleachdadh

Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd

Tha Stiùiriche Planadh Cànain a’ toirt ceannas is stiùireadh do Roinn Cleachdaidh na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig – a’ gabhail a-steach planaichean Gàidhlig reachdail, sgeamaichean maoineachaidh, pròiseactan rannsachaidh, agus leasachaidhean corpais. Bidh e cuideachd a’ dèanamh cinnteach gum bi Planaichean Gàidhlig reachdail nan ùghdarrasan poblach a’ gabhail ealla ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig. Bidh e  a’ dealbh agus a’ toirt buaidh air ro-innleachdan iomchaidh, agus a’ togail chom-pàirteachasan le daoine is buidhnean eile gus cànan is cultar na Gàidhlig a thoirt air adhart ann an coimhearsnachdan.


Manaidsear Rannsachaidh is Planadh Corpais

Tha Dr Peadar Morgan anns an sgioba Cleachdaidh, ach a’ cumail taic thairis air seirbheisean Bòrd na Gàidhlig.

Tha Peadar an tùs poileasaidh is co-obrachaidh is mholaidhean a’ Bhùird air planadh corpais; ‘s e sin, cùisean a’ chànain fhèin mar chainnt, leithid briathrachas is gràmar is litreachadh is ainmean.

‘S e pàirt mòr dhen t‑saothair aige, dàta air sluagh is foghlam is eile a tharraing ri chèile agus a thaisbeanadh ann an clàir is grafaichean is mapaichean gus an suidheachadh aig a’ Ghàidhlig a chur an cèill dhan phoball agus – ann am mionaideachd – do luchd poileasaidh is riaghlaidh.

Airson eòlas ceart air cor na Gàidhlig, bidh luchd-rannsachaidh a’ dèanamh sgrùdadh do Bhòrd na Gàidhlig an conaltradh ri Peadar. Ach a bharrachd air sin, tha tòrr ri ionnsachadh bho rannsachadh is bho chànanan eile, agus tha Peadar a’ cumail sùil air eòlas ùr eadar-nàiseanta a tha a’ nochdadh cuideachadh no cunnart dhan Ghàidhlig.

Post-d: peadar@gaidhlig.scot


Manaidsear nan Com-pàirteachasan

Bidh Brian Ó hEadhra ag obair thairis air sgioba Bhòrd na Gàidhlig agus còmhla ri com-pàirtichean air an taobh a-muigh gus dèanamh cinnteach gu bheil barrachd dhaoine a’ cleachdadh agus a’ faighinn buannachd às a’ Ghàidhlig aig an obair, aig an taigh agus sa choimhearsnachd.

Bidh e a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean air an taobh a-muigh an sàs gu h-iomlan ann an lìbhrigeadh cho-obrachaidhean ro-innleachdail agus ag adhartachadh amasan a’ Phlana Cànan Nàiseanta Gàidhlig.

Bidh Brian a’ stiùireadh obair Bhòrd na Gàidhlig ann am pròiseactan com-pàirteachais eadar-nàiseanta Gàidhlig ann an co-obrachadh le buidhnean leasachaidh ro-innleachdail eile a’ gabhail a-steach Foras na Gaeilge agus iomairt Colmcille.

Post-d: brian@gaidhlig.scot


Oifigearan Planaichean Cànain

Tha uallach air na h-Oifigearan Planaichean Cànain againn,  Anna Walker, Christie NicIlleathain agus Kyle Orr a bhith a’ comhairleachadh, a’ toirt iùil agus a’ stiùireadh dhàimhean le ùghdarrasan poblach tron phròiseas reachdail ann a bhith a’ leasachadh agus a’ foillseachadh nam planaichean Gàidhlig aca.

Bidh oifigearan nam planaichean cuideachd ag obair le co-obraichean anns an Sgioba Planadh Cànain gus taic a chumail ri èifeachdas iomlan pròiseas nam planaichean cànain reachdail.

Post-d: christie@gaidhlig.scot, anna@gaidhlig.scot, kyle@gaidhlig.scot


Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan

Tha Steven Kellow os chionn stiùireadh rianachd agus lìbhrigeadh nan sgeamaichean maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig. Conaltradh le measgachadh de dh’ùghdarrasan poblach, buidhnean Gàidhlig, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa-leth gus taic a chur riutha ann a bhith lìbhrigeadh phròiseactan gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart.

Post-d: stevenk@gaidhlig.scot


Rianaire Maoineachaidh

Mar phàirt den sgioba thabhartasan Bhòrd na Gàidhlig, tha uallach aig Theresa NicAmhlaigh airson rianachd thabhartasan agus a’ toirt taic do luchd-iarrtais leis na pròiseactan aca.

Post-d: theresa@gaidhlig.scot


Oifigear Conaltraidh

Tha Megan NicGill-Fhaolain na h-Oifigear Conaltraidh aig Bòrd na Gàidhlig agus thòisich i san dreuchd aig toiseach 2020. Bidh Megan a’ coimhead às dèidh conaltradh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne, a’ gabhail a-steach nam meadhanan sòisealta, iarrtasan bho na meadhanan, brathan-naidheachd, tachartasan, taic do phròiseactan agus iomadh rud eile!

Fòn: 07584 103 944

Post-d: megan@gaidhlig.scot


Oifigear-taice Conaltraidh

Bidh Shannon NicIlleathain ag obair còmhla gu dlùth ri Oifigear Conaltraidh a’ Bhùird gus conaltradh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne a chur an gnìomh bho latha gu latha. Bidh i cuideachd a’ cumail taic ris an sgioba air fad le iomairtean conaltraidh co-cheangailte ris an obair aca.

Post-d: shannon@gaidhlig.scot

 

Foghlam

 

Seumas Whannel, Stiùiriche Foghlaim

Tha Jim Whannel na Stiùiriche Foghlam Gàidhlig agus tha e na cheannard air Sgioba an Fhoghlaim aig a’ Bhòrd. Bidh Jim ag obair gu dlùth ris na co-obraichean aige ann an Sgioba an Fhoghlaim gus na gealltanasan ann am Plana Cànan Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh agus – ag obair ann an com-pàirteachas le farsaingeachd de bhuidhnean nàiseanta, sgiobaidhean foghlaim aig Ughdarrasan Ionadail agus le Riaghaltas na h-Alba. Thòisich e san dreuchd ann an 2019.


Manaidsear Foghlaim

Tha uallach air a’ Mhanaidsear Foghlaim againn, Joanne McHale, a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ dealbh agus a’ coileanadh Planaichean Corporra is Gnìomh a’ Bhùird agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid na prìomhachasan is gnìomhan co-cheangailte ri ionnsachadh a thoirt gu buil gu h-èifeachdach.

Mar phàirt de sgioba an foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig bidh Joanne ag obair còmhla ri Ùghdarrasan Ionadail agus luchd-ùidh eile a tha an sàs ann am foghlam tron Ghàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus taic a chumail ri bhith a’ toirt leasachadh is leudachadh air na raointean foghlaim sin.

Fòn: 079200 20807

Post-d: joanne@gaidhlig.scot


Oifigear Leasachaidh (Tidsearan)

Tha uallach air Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) Eòghan Stiùbhart a bhith a’ cumail taic ri tidsearan Gàidhlig agus tidsearan le Gàidhlig aig gach ìre, agus a’ cur ri obair fharsaing sgioba an fhoghlaim ann a bhith a’ cur taic ri sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. Tha uallach sònraichte aige a bhith a’ toirt seachad comhairle ’s a’ sanasachd nan cothroman agus nam buannachdan a th’ ann an teagasg sa Ghàidhlig do sgoilearan, do dh’oileanaich agus do dh’inbhich ann an saoghal na h-obrach. Am measg seo, tha cothroman leasachadh proifeiseanta, an Sgeama Thabhartasan Foghlaim, agus cuairtean air sgoiltean agus fèilltean dhreuchdan.

Post-d: eoghan@gaidhlig.scot


Oifigear Leasachaidh Foghlam

Tha Màiri NicIlleMhoire ag obair ann an sgioba Foghlam Bhòrd na Gàidhlig mar Oifigear Leasachaidh Foghlaim.Tha uallach oirre cuideachd airson sgioba nan Tràth-bhliadhnaichean a tha a’ toirt stiùireadh, taic agus fiosrachadh do bhuidhnean air feadh Alba.

Tha Màiri ag obair gu dlùth ri Comann nam Pàrant cuideachd airson maoineachadh tràth-bhliadhnaichean a sgaoileadh do bhuidhnean air feadh na h-Alba gus piseach a thoirt air àireamhan a tha a’ dol do dh’ Fhoghlam tron Ghàidhlig. Bidh Màiri cuideachd a’ cur air dòigh agus a’ planadh trèanadh airson stiùirichean-cluiche le sgioba nan tràth-bhliadhnaichean agus le Stòrlann. Tha Màiri na ball de bhuidheann stiùiridh nàiseanta nan tràth-bhliadhnaichean cuideachd agus bidh i a’ toirt stiùireadh seachad air cruthachadh ghoireasan feumail do theaghlaichean gus a’ Ghàidhlig a thogail agus a chleachdadh anns an dachaigh.

Post-d: mairit@gaidhlig.scot


Neach-taice Thràth Bhliadhnaichean

Tha Sìne NicIleathain na ball den Sgioba Foghlaim a tha ag obair mar Neach-obrach Taic Thràth-bhliadhnaichean stèidhichte ann an Glaschu.  Bidh i a’ cumail taic ri buidhnean Tràth-bhliadhnaichean, comataidhean, pàrantan/luchd-cùraim agus clann.   Bidh Sìne a’ co-obrachadh le buidhnean Gàidhlig eile agus le oifigearan ùghdarrasan ionadail air feadh Ceann a Deas na h-Alba.

Post-d: sine@gaidhlig.scot


Neach-taice Thràth Bhliadhnaichean/Co-òrdanaiche Trèanaidh   

Tha Fay NicDhiarmaid na ball den Sgioba Foghlaim a tha ag obair mar Neach-obrach Taic Thàth-bhliadhnaichean stèidhichte ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Bidh i a’ cumail taic ri buidhnean tràth-bliadhnaichean Gàidhlig, comataidhean, pàrantan agus clann agus a’ co-obrachadh le buidhnean Gàidhlig eile agus le Comhairle na Gàidhealtachd gus fiosrachadh agus làithean fosgailte a chur air dòigh air feadh an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse. Bidh Fay cuideachd ag obair gu dlùth le Urras Leabhraichean na h-Alba agus a’ trèanadh stiùirichean Bookbug na Gàidhlig air feadh na h-Alba.

Post-d: fay@gaidhlig.scot

Corporra

Neach-rianachd Ionmhais

Tha Helen Walker os cionn chunntasan agus obraichean ceangailte ri agus a’ cuideachadh ceann an ionmhais.

Post-d: helen@gaidhlig.scot


Manaidsear Gnìomhan

Tha aig Louise NicIlleathain ri stiùireadh agus sùil a chumail air gnìomhan agus ri dèanamh cinnteach gu bheil gach taobh de dh’obair-gnìomh a rèir nan riaghailtean. Tha dleastanasan aice cuideachd a thaobh obair rianachd gnothachais, seirbhisean daonna, conaltradh taobh a-staigh na buidhne agus teicneòlas.

Post-d: louise@gaidhlig.scot


Manaidsear na h-Oifis

Bidh Carol NicIain a’ coimhead às dèidh rianachd coitcheann na h-oifis airson luchd-obrach, sgioba stiùiridh agus buill a’ Bhùird.   A’ co-òrdanachadh gnìomhan an sgioba rianachd, thathas a’ coimhead às dèidh a h-uile rèiteachadh siubhail, coinneimhan agus co-labhairt agus dleastanasan rùnaireachd Sgioba Stiùiridh is am Bòrd Stiùiridh.

Post-d: carol@gaidhlig.scot


Rianadair Gnothachais

Tha an Rianadair Gnothachais againn, Orla NicDhòmhnaill, a’ toirt taic do Mhanaidsear na h-Oifis le bhith a’ cuideachadh le stiùireadh agus a’ co-òrdanachadh gach taobh de dh’obair rianachd na buidhne. Tron obair aig Bòrd na Gàidhlig agus le bhith a’ dèanamh cùrsa aig astair le Oilthigh Robert Gordon tha i aig obair a dh’ionnsaigh ceum ann an Stiùireadh Gnothachais.

Post-d: orla@gaidhlig.scot


Neach-Taic Rianachd

Na h-obair mar Neach-taic Rianachd, bidh Mòrag Anna NicLeòid a’ dèanamh cinnteach gum bi fiosrachadh air a sgaoileadh gu h-èifeachdach taobh a-staigh na buidhne. A thuilleadh air a sin, bidh i a’ cuideachadh le feumalachdan oifis làitheil na buidhne agus a’ dèiligeadh ri puist-dhealain.

Post-d: moraganna@gaidhlig.scot

Fiosrachadh air Tuarastalan a tha nas àirde na £58,200

Fiosrachadh air Àrd-thuarastalan

A’ dol le poileasaidh Riaghaltas na h-Alba, tha Bòrd na Gàidhlig a-nis a’ foillseachadh liosta de luchd-dreuchd le àrd-thuarastalan a tha nam pàirt de sgioba stiùiridh na buidhne (iadsan a tha a’ cosnadh £58,200 no os a chionn gach bliadhna) leis na h-ainmean, tiotalan nan obraichean agus am pàigheadh aca.

Liosta de luchd-dreuchd le Àrd-thuarastalan aig Bòrd na Gàidhlig aig 30/06/2020:

Tiotal na h-Obrach Paigheadh Notaichean
Ceannard £75,603 – £79,056
Stiùiriche Planadh Cànain & Leasachaidhean Coimhearsnachd £64,057 – £73,935
Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig £19,217 – £22,180 Co-ionnan ri 0.3 làn-ùine