£90k ga chur gu pròiseactan coimhearsnachd air feadh na h-Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte a ràdh gu bheil iad a’ cur £89,520 gu pròiseactan stèidhichte ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba tro sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd (TFC).

Chaidh an sgeama TFC a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd gus pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.

Tha 35 pròiseactan gu bhith a’ faighinn taic-airgid bho sgeama TFC airson na bliadhna 2021-22.

Am measg nam pròiseactan soirbheachail, tha clasaichean Gàidhlig, taic do bhuidhnean Mòid is Comann nam Pàrant agus pròiseactan sònraichte a chuireas taic don Ghàidhlig. Tha na pròiseactan gan ruith air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-steach sgìrean leithid Inbhir Chluaidh, Obar Dheathain, Sruighlea agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha buidhnean leithid Fèis Taigh Dhonnchaidh, Urras an Taobh Sear agus Rural Nations Scotland an dùil pròiseactan a ruith le taic bhon sgeama.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd:
“Tha sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd gu mòr a’ cur ri amas a’ Phlana Nàiseanta gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil farsaingeachd de sgìrean is phròiseactan air feadh na dùthcha gu bhith a’ faighinn taic agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan.

“Tha sinn a’ tuigsinn gun tug suidheachadh Covid-19 buaidh air an obair a tha buidhnean a’ dèanamh anns na coimhearsnachdan aca fhèin agus tha tòrr aca ag obair air loidhne an-dràsta. Tha sinn an dùil gum bi na dòighean obrach seo a’ leantainn air adhart airson greis fhathast agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tachartasan agus pròiseactan aghaidh ri aghaidh fhaicinn a-rithist tron bhliadhna a tha romhainn.

“Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a tha ag obair gu math cruaidh anns na coimhearsnachdan aca fhèin gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt air adhart aig an àm dùbhlanach a tha seo agus tha sinn cinnteach gum bi an taic-airgid seo gu math cuideachail ann an sgìrean air feadh na h-Alba.”

Bha an sgeama fosgailte airson 9 seachdainean eadar 10 Samhain 2020 agus 14 Faoilleach.

Tha liosta iomlan de na pròiseactan soirbheachail ri fhaighinn an-seo.

Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba aig a bheil dleastanasan airson Gàidhlig a chur air adhart, a’ sireadh Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra. Bidh an dreuchd seo cudromach do dheagh riaghladh agus cleachdadh ionmhas poblach gu h-èifeachdach.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh sgioba corporra aig Bòrd na Gàidhlig, a’ leasachadh agus a’ cumail smachd air poileasaidhean is siostaman airson ionmhas poblach agus deagh riaghladh sa bhuidhinn. Bidh iad cuideachd os cionn a’ phlana leasachaidh aig BnG, an dòigh a tha sinn a’ cur an gnìomh leasachadh leantainneach.

Thuirt Mairi T NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Bidh iomadh cothrom aig an neach a bhios soirbheachail air buaidh mhòr a thoirt gus buidseat na buidhne a stiùireadh chun nam prìomhachasan as èifeachdaich agus a chumail a’ dol le leasachadh na buidhne, a’ leantainn air an adhartas a chaidh a dhèanamh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad.

“Tha sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas agus buidhnean poblach, lìbhrigidh is coimhearsnachd, cuide ri luchd-sgrùdaidh taobh a-staigh is taobh a-muigh na buidhne. Bidh an obair seo glè tharraingeach is inntinneach dhan neach aig a bheil na sgilean, comasan is eòlas gus an obair seo a thoirt air adhart.”

Feumar tagraidhean airson na h-obrach a chur gu corporra@gaidhlig.scot ro 5.00f, Diluain 29mh den Mhàrt 2021 is thèid agallamhan a chumail air Dimàirt 13mh den Giblean 2021 air-loidhne. Tha an tuarastal air sgèile C1, a tha a’ tòiseachadh aig £48,930.

Gheibhear tuairisgeul obrach agus foirm-iarrtais an-seo.

Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios chun a’ Cheannaird, Shona NicIllinnein corporra@gaidhlig.scot.

Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba aig a bheil dleastanasan airson a bhith a’ cur air adhart na Gàidhlig, a’ sireadh Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig. Bidh an dreuchd seo cudromach do dh’Alba a thaobh foghlam tràth-bhliadhnaichean, foghlam sgoile is ionnsachadh inbhich.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh poileasaidh foghlaim is ionnsachaidh a’ Bhùird, a’ comhairleachadh a’ Bhùird fhèin, an Riaghaltais agus buidhnean lìbhrigidh foghlaim is ionnsachaidh eile mar ùghdarrasan ionadail, mu amasan a’ Bhùird a thaobh leasachadh air foghlam agus ionnsachadh na Gàidhlig.

Thuirt Mairi T NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Bidh iomadh cothrom aig an neach a bhios soirbheachail air buaidh mhòr a thoirt air fàs na Gàidhlig tro fhoghlam aig gach aois – eadar clann san dachaigh gu inbhich a tha ag ionnsachadh tro fhoghlam reachdail agus teicneòlas didseatach.

“Tha sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas, le Foghlam Alba agus buidhnean poblach eile, leis na h-oilthighean is colaistean is buidhnean sa choimhearsnachd agus tha Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig aig cridhe na h-obrach seo. Bidh an obair seo glè tharraingeach is inntinneach dhan neach aig a bheil na sgilean, comasan is eòlas gus poileasaidh foghlaim Gàidhlig a thoirt air adhart.”

Feumar tagraidhean airson na h-obrach a chur gu corporra@gaidhlig.scot ro 5.00f, Diluain 22na den Mhàrt 2021 is thèid agallamhan a chumail air Diciadain 7mh den Giblean 2021 air-loidhne. Tha an tuarastal air sgèile C2, a tha a’ tòiseachadh aig £64,057.

Gheibhear tuairisgeul obrach agus foirm-iarrtais an-seo.

Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios chun a’ Cheannaird, Shona NicIllinnein corporra@gaidhlig.scot.