Tha Bòrd na Gàidhlig a’ maoineachadh pròiseact foghlaim Gàidhlig didseatach gun samhail a bhios na ‘Netflix airson Leughadh’

Tha a’ bhuidheann gu bhith a’ toirt maoineachadh de £147,000 seachad thairis air trì bliadhna do Giglets Gàidhlig, a bhios a’ toirt seachad ionnsachadh do chloinn ann an sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba, a’ cleachdadh siostam stèidhichte san neul.

 

Tha còrr is 90% de sgoiltean le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) a’ cleachdadh siostam Giglets Gàidhlig mar-thà no air an trèanadh san t-siostam, le 600 neach-teagaisg agus 4,500 sgoilearan clàraichte.

 

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte gu bheil Giglets Gàidhlig air a bhith cho soirbheachail.

 

“Tha sinn den bheachd gu bheil Giglets Gàidhlig a’ dol fìor mhath le prìomh amas Bhòrd na Gàidhlig – a bhith a’ cuideachadh Gàidhlig gus soirbheachadh ann an Alba tro dhaoine a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an dòigh thionnsgalach, spòrsail ach a tha cuideachd dùbhlanach gu h-acadaimigeach.

 

“’S e meas mòr a thoirt do chloinn air leughadh agus gus goireasan a thoirt do luchd-teagaisg anns a bheil cruinneachadh farsaing de theacsaichean agus goireasan an t-amas aige. Bidh e a’ cleachdadh iomadh diofar meadhan, mar eisimpleir, grafaigean, dealbhan agus beò-dhealbhan aig na h-amannan as cudromaiche san sgeulachd gus an urrainn do gach sgoilear agus neach-teagaisg a chleachdadh anns a’ Ghàidhlig.

 

“Tha sinn den bheachd gun cùm Giglets Gàidhlig air a bhith a’ cuideachadh sgoilearan, tidsearan, sgoiltean agus coimhearsnachd na Gàidhlig air fad ann an Alba gus obrachadh a dh’ionnsaigh an amais againn.”

 

Stèidhichte ann an Cille Mheàrnaig, tha Giglets Gàidhlig na chompanaidh K-12 a tha an sàs ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile agus bliadhnaichean tràth na h-àrd-sgoile. Tha na ceudan de ghoireasan anns a’ phròiseact a tha ann an co-rèir ris a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais, le còrr is 45 clàraidhean fuaime ann a chaidh a chlàradh agus fhoillseachadh gu proifeiseanta.

 

Tha leabharlann aige cuideachd leis na ceudan de theacsaichean agus na mìltean de ghoireasan curraicealaim agus bidh e a’ toirt seachad trèanadh foghlaim agus seirbheisean taice. Tha e cuideachd na chom-pàirteachas le Stòrlann Nàiseanta, a’ phrìomh bhuidheann a nì goireasan foghlaim sa Ghàidhlig.

 

’S ann aig Dr Karsten Karcher, cathraiche agus neach-stèidheachaidh Giglets Education, a bha am beachd airson a’ ghoireis seo an toiseach. Tha e ag ràdh gu bheil Giglets Gàidhlig na stèidh ionnsachaidh air cosgais ìosal, a ghabhas a leudachadh, stèidhichte anns an neul agus bathar-bog-mar-sheirbheis (software-as-a-service SaaS) a bhios a’ cur ri ionnsachadh nan tidsearan agus sgoilearan.

 

Rud a tha cudromach a thaobh soirbheas an t-siostam teicneòlais foghlaim seo, ’s e gu bheil foghlam a’ tighinn an toiseach le teicneòlas san dàrna àite.

 

Thuirt e: “Tha leabharlann de thiotalan air-loidhne ann, a’ gabhail a-steach an dà cuid ficsean agus neo-fhicsean. Tha iad air an lìbhrigeadh ann an dòigh gu tur ruigsinneach a rèir comasan an sgoileir a tha gan leughadh – ge b’ e an e nobhail, pàipear-naidheachd no cartùn a th’ ann.”

 

Tha Giglets ag amas air clann aois trì gu 14, agus tha e ri fhaighinn air tablaid, coimpiutair, agus fònaichean-làimhe. Thuirt an Dr Karcher gu bheil làn chlàradh fuaim ann airson nan teacsaichean.

 

Thuirt e cuideachd: “Tha Giglets Gàidhlig gun choimeas a thaobh àireamh nan sgoiltean a tha an sàs ann – mar thoradh air amas gus piseach a thoirt air tuiteam air ais ann an ìrean leughaidh. Bidh e cuideachd a’ cuideachadh gus uallaichean obrach an luchd-teagaisg a lùghdachadh le bhith a’ lughdachadh ùine ullachaidh agus comharrachaidh, agus a’ toirt seachad dàta agus anailisean do luchd-teagaisg, sgoiltean, ùghdarrasan ionadail agus riaghaltasan.

 

“Aig a’ cheann thall bidh Giglets Gàidhlig a’ cuideachadh thidsearan gus ìrean àrdachadh agus gus taic a thoirt dhaibh ann a bhith a’ glacadh ùidh nan sgoilearan agus a’ gabhail a-steach pàrantan fhad ’s a tha iad a’ toirt seachad fiosrachadh luachmhor gus am breithean mu adhartas nan sgoilearan a dhaingneachadh.”

 

Tha Lìonra Gàidhlig nan Ùghdarrasan Ionadail (GLAN) agus na 14 ùghdarrasan ionadail uile ann an Alba a tha a’ toirt seachad FtG a’ toirt taic do Ghiblets Gàidhlig. Is iad sin Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Baile Ghlaschu, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Baile Obar Dheathain, Comhairle Siorrachd Àir an Ear, Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Ear, Comhairle Baile Dhùn Èideann, Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath, Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas, Comhairle Shruighlea, Comhairle Aonghais agus Comhairle Inbhir Chluaidh.

 

Tha Giglets Gàidhlig cuideachd a’ faighinn taic bho bhuidhnean teagaisg na Gàidhlig, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Shrath Chluaidh, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Sabhal Mòr Ostaig agus Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh ann am Meadhan Lodainn.

Neach-fios nam meadhanan: Elaine Fee air 07540 124245 no Philip Gates air 07525 645350

 

 

 

Na Duaisean Gàidhlig

Tha e na adhbhar moit don Daily Record còmhla ri, Bòrd na Gàidhlig, a bhith a’ cur air dòigh fear de na tachartasan Gàidhlig as iomraitiche a bhios ga chumail gach bliadhna. Tha na duaisean a’ toirt aithne do shàr oidhirpean is soirbheachadh ann an cultar, foghlam agus saoghal na Gàidhlig san fharsaingeachd, agus iad a’ foillseachadh na deagh obair a thathar a’ dèanamh gus cor is dualchas a’ chànain a chumail suas is a thoirt air adhart.

Seo an seachdamh bliadhna de na Duaisean agus bha còrr is 200 aoigh an làthair aig cuirm nan duaisean, a’ gabhail a-steach nan daoine a tha air a’ gheàrr-liosta airson duais, sponsairean nan duaisean agus luchd na Gàidhlig. Aig a’ chuirm fhèin, bidh ceòl agus measgachadh math de dhibhearsain, an dà chuid traidiseanta agus ùr-nodha, mar phàirt den oidhche.

Thoisich am bòrd a bhith a’ cur taic ris na duaisean ann an 2013 agus bhon uair sin tha iad air a bhith an sàs le soillseachadh nam pròiseactan agus iomairtean Gàidhlig as soirbheachail gach bhliadhna.

Chaidh Sàr Dhuais na Gàidhlig a thoirt do Rona Lightfoot a tha air a bhith ag iomairt an aghaidh farpaisean do dh’fhireannach a-mhàin fad a beatha. Tha Rona air ginealach ùr a bhrosnachadh agus bha sin air a shoillseachadh aig na Duaisean Gàidhlig am-bliadhna.

Rugadh Rona, 83, ann an Uibhist a Deas agus thoisich i a bhith a’ seinn na phìob nuair a bha i naoi.

Às dèidh dhi gluasad a Ghlaschu airson trèanadh mar bhanaltram, phòs i seòladair agus bhiodh i gu tric aig muir còmhla ris, a’ toirt a pìoban leatha gus am b’ urrainn dhi pìobaireachd a theagasg dhi fhèin, B ‘ e Rona a’ chiad bhoireannach a ghabh pàirt anns a’ Bhratach Ghuirm, a’ phrìomh fharpais aig Comhairle Pìobaireachd Albannach Lunnainn. Chaidh an obair aice mar sheinneadair, sgeulaiche agus tidsear aithneachadh anns na duaisean.

Am measg nam buannaichean eile bha Lucy Hannah air a h-ainmeachadh mar Thosgaire Òg na Bliadhna airson a bhith a’ ruith ionad Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach agus Alison Richardson agus Claire Dhòmhnallach, a thog an duais airson luchd-ionnsachaidh airson a bhith a cruthachadh dà stòras Ghàidhlig air-loidhne.

Thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig;

‘‘Meal-a-naidheachd air a h-uile duine a bhuannaich no a chaidh ainmeachadh airson na h-obrach aca gus dèanamh cinnteach gum bi barrachd dhaoine a’ bhruidhinn na Gàidhlig agus ann am barrachd shuidheachaidhean’’

 

NA BUANNAICHEAN

DUAIS AIRSON TAIC DO DH’IONNSACHADH: Alison Richardson agus Claire Dhòmhnallach

AN DUAIS EALAIN IS CHULTARACH: Whyte (Alasdair MacIlleBhàin agus Ross MacIlleBhàin)

AN DUAIS AIRSON TACHARTAS: Urras Oighreachd Ghabhsainn

AN DUAIS COIMHEARSNACHD, DUALCHAIS IS TURASACHD: Marisa NicDhòmhnaill agus Sgoil an Rubha

SÀR DHUAIS NA GÀIDHLIG: Acair

AN DUAIS EADAR-NÀISEANTA: Coisir Alba aig Eurovision

AN DUAIS SPÒRS: Calum MacIlleathain

AN DUAIS AIRSON INNLEACHDAS ANN AM FOGHLAM GÀIDHLIG: Dawn Nic a’ Phì

TOSGAIRE ÒG NA BLIADHNA: Lucy Hannah

DUAIS EACONAMACH NA GÀIDHLIG: Graficanna

URRAM NAN GÀIDHEAL: Rona Lightfoot

Tuilleadh fiosrachaidh aig

https://www.scottishgaelicawards.co.uk/gaelic/

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an treas tionndadh de Phlana Gàidhlig VisitScotland

Am Plana Gàidhlig as ùire air fhoillseachadh

VisitScotland a’ nochdadh taic dhan Ghàidhlig san àm ri teachd

 Tha seo a’ tighinn às dèidh bhidio ‘Scottish Gaelic Explained’ a chruthaich a’ bhuidheann turasachd nàiseanta as t-samhradh agus air a bheil còrr is 95,000 daoine air coimhead, rud a tha a’ sealltainn gu bheil ùidh sa chànan a’ fàs.

 

Tha am plana ùraichte a’ cur fòcas air na gnìomhan a bhios a’ bhuidheann turasachd nàiseanta a’ dèanamh gus cur ri fàs na Gàidhlig thairis air na trì bliadhnaichean ri teachd. Tha iad seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do bharrachd ghnìomhachasan turasachd a bhith a’ gabhail ris sa Ghàidhlig agus a bhith a’ clàradh na feadhna an nì seo, agus cuideachd a bhith a’ togail mothachadh air a’ Ghàidhlig taobh a-muigh VisitScotland.

 

Chaidh am plana, a chaidh a chruthachadh an tòiseach ann an 2012, ullachadh le riochdairean bho air feadh na buidhne agus chaidh a sgaoileadh airson co-chomhairle phoblach mus deach a chrìochnachadh.

 

Tha e na phrìomhachas tòiseachail ann am plana 2019-2022 a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air comasan Gàidhlig luchd-obrach VisitScotland agus thèid seo a dhèanamh ro dheireadh na bliadhna.

 

Tha am plana a’ leantainn air a’ chiad Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig a chaidh a chur air bhog ann an 2018, a tha ag amas air àrdachadh agus ruigsinneachd na Gàidhlig a mheudachadh mar phàirt de na tursan a bhios aig luchd-tadhail ann an Alba. Tha VisitScotland a’ stiùireadh buileachadh na ro-innleachd agus tha e a’ co-òrdanachadh adhartas thairis air gach gnìomh is com-pàirtiche a tha an sàs innte.

 

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt làitheil de bheatha na h-Alba agus tha seo air a bhith fìor fad ghinealachan. Mar phàirt air leth de chultar agus de dhualchas na h-Alba, faodaidh a’ Ghàidhlig rudeigin a bharrachd a chur ris an fhìor eòlas a gheibh luchd-tadhail do dh’Alba. Fhuair Suirbhidh Luchd-tadhail VisitScotland ann an 2016, gun obair bhrosnachaidh ro làimh, gun robh 34% den luchd-freagairt den bheachd gun robh a’ Ghàidhlig, mar chànan nàiseanta na h-Alba, a’ cur ris an turas aca agus gun robh iad ag iarraidh barrachd ionnsachadh mu deidhinn.

 

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland: “Tha am Plana Gàidhlig as ùire aig VisitScotland a’ daingneachadh nan geallaidhean againn gus cleachdadh a’ chànain a bhrosnachadh air feadh na buidhne, ag amas air prìomh raointean den obair againn leithid taic a thoirt do ghnìomhachas na turasachd gus gabhail ris a’ Ghàidhlig, leithid ar dearbh-aithne, soidhnichean, conaltradh leis a’ phoball agus cleachdadh na Gàidhlig air na làraichean-lìn againn.

 

“Tha comas aig a’ chànan a bhith na phrìomh phàirt de thurasachd na h-Alba, a’ cruthachadh thursan sònraichte gun samhail do luchd-tadhail. Tha àite cudromach aig VisitScotland ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun cuir a’ Ghàidhlig ris na turasan aig na daoine a tha a’ siubhal dhan dùthaich seo.

 

“Le còrr is 600 luchd-obrach, oifisean agus ionadan fiosrachaidh air feadh na dùthcha, agus leis a’ chonaltradh uile againn le luchd-tadhail, tha pàirt chudromach againn ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhachd san ùine fhada.”

 

Agus i a’ cur fàilte air a’ phlana, thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllInnein: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an treas tionndadh de Phlana Gàidhlig VisitScotland agus tha sinn ag aithneachadh agus a’ cur luach air an obair chudromaich a bhios VisitScotland a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig adhartachadh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

 

“Tha turasachd fìor chudromach do dh’eaconamaidh na h-Alba agus tha sinn ag aithneachadh a’ chomais mhòir a tha ann fàs a chur air cleachdadh na Gàidhlig air feadh a’ ghnìomhachais, airson buannachd nan coimhearsnachdan agus an luchd-tadhail.”

 

Gheibhear plana Gàidhlig VisitScotland aig: http://www.visitscotland.org/about_us/our_gaelic_plan.aspx

 

 

A’ chiad Phreantas Cheumnach ann an Alba

Ann an gluasad cruth-atharrachail, tha Bòrd na Gàidhlig air Orla, a tha na h-oileanach, fhastadh ann an obair làn-ùine le tuarastal. Anns an dreuchd ùr seo, bidh i a’ cur seachad an ath cheithir bliadhna a’ measgachadh ionnsachadh stèidhichte air obair ann an àrainneachd làn Ghàidhlig le a h-obair a dh’ionnsaigh BA (le Urram) ann an Stiùireadh Gnìomhachais.

 

An obair air preantas Bhòrd na Gàidhlig

 

Tha seo mar phàirt de cheangal ùr eadar Bòrd na Gàidhlig agus Sgoil Gnìomhachais Obar Dheathain ann an Oilthigh Raibeart Ghòrdain, far a bheil Orla air cùrsa ùr ‘ionnsachadh measgaichte’ a thòiseachadh.

 

Tha seo a’ ciallachadh gun tèid Orla a làn bhogadh ann an àrainneachd gnìomhachais Bhòrd na Gàidhlig thairis air a’ cheum ceithir-bliadhna aice, agus gum fàs i eòlach air obair na buidhne tro shreath de phròiseactan gach seamaistear.

 

Ged a tha i na h-oileanach ann an Oilthigh Raibeart Ghòrdain, tha Orla air gluasad a dh’Inbhir Nis agus cumaidh i fios ri luchd-teagaisg ann an Sgoil Gnìomhachais Obar Dheathain air a cuid adhartais tro fhoghlam air-astar. Bidh i a’ leantainn plana ionnsachaidh – anns a bheil ceithir modalan gach bliadhna – agus a bhios a’ coileanadh builean ionnsachaidh.

 

Orla NicDhòmhnaill

 

Mus tàinig Orla a dh’obair aig Bòrd na Gàidhlig, cheumnaich i bho Oilthigh Dhùn Èideann anns an Iuchar, far an d’ fhuair i MA (le Urram) ann an Ceiltis.

 

Thuirt i: “Tha toiseach na beatha obrach ùire agam aig Bòrd na Gàidhlig air còrdadh rium gu mòr. Aig an àm seo, tha mi a’ fàs eòlach air an àrainneachd gnìomhachais, air mar a tha a’ bhuidheann ag obrachadh, mar eisimpleir, a h-adhbhar, a structaran, a foincseanan agus a prìomh luachan.

 

“Agus mar as fhaide a leanas an cùrsa air adhart, ’s ann nas doimhne agus nas spèisealaiche a bhios m’ obair a’ fàs. Tha seo na fhìor dheagh chothrom gus ionnsachadh mun obair mhòr a nì Bòrd na Gàidhlig leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig agus le coimhearsnachdan na h-Alba san fharsaingeachd.”

 

Taic meantorachd aig Bòrd na Gàidhlig

 

Tha Orla a’ faighinn taic meantorachd bho àrd-sgioba Bhòrd na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach manaidsear na h-oifis Carol NicIain, a tha ag ràdh gum bi pròiseactan Orla, tro na ceithir bliadhna den chùrsa aice, a’ fàs nas doimhne agus nas fheumaile dhan bhuidhinn mar a bhios na sgilean agus a cuid eòlais a’ leudachadh.

 

Thuirt Shona NicIllInnein, Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn aig Bòrd na Gàidhlig air ar dòigh glan gu bheil Orla an seo còmhla ruinn, tha e a’ còrdadh ruinn mar-thà gu bheil i mar phàirt den sgioba againn. Tro na ceithir bliadhna ionnsachaidh aice bidh Orla a’ leantainn plana ionnsachaidh gach seamaistear a bhios a rèir nan diofar phàirtean den chùrsa a leanas i gus a ceum a choileanadh.

 

“Tha e a’ ciallachadh gum fàs Orla gu bhith na pàirt den bhuidhinn agus gum fàs i eòlach air Bòrd na Gàidhlig gu luath cho math ri bhith a’ com-pàirteachadh le prìomh luchd-ùidh agus a’ cumail taic riutha. Aig a’ cheann thall, tha sinn an dòchas gum fuirich i còmhla ruinn agus gun dèan i barrachd adhartais taobh a-staigh na buidhne.”