Goireas Leughaidh Cliùiteach do Sgoiltean FtG a’ dol bho Neart gu Neart

Tha Bòrd na Gàidhlig agus Giglets Education air leth toilichte ainmeachadh gum bithear a’ leantainn air adhart leis a’ phròiseact Giglets Gàidhlig, a tha air duaisean a chosnadh, agus gun tèid a leudachadh.

Tha an com-pàirteachas a’ toirt cothrom an-asgaidh do sgoiltean le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) air a’ ghoireas litearrachd seo, anns am faigh sgoilearan agus luchd-teagaisg cothrom air leabharlann air-loidhne sa Ghàidhlig a tha a’ sìor fhàs. A bharrachd air seo, tha cothrom an-asgaidh aig a h-uile Institiud Foghlaim Àrd-ìre aig a bheil Cùrsaichean Trèanaidh Luchd-teagaisg (ITE) sa Ghàidhlig air a’ ghoireas teagaisg seo cuideachd. Tha còrr is 110 teacsaichean Gàidhlig agus na ceudan de stuthan-taice Gàidhlig a tha ceangailte riutha rim faighinn anns a’ ghoireas seo a tha a’ sìor fhàs. Tha teacsaichean air an neartachadh le stuth claisneachd, ceòl, dealbhan agus dealbhan-beò gus ùidh an luchd-leughaidh a tharraing agus gus taic a thoirt dhaibh.

Tha Bòrd na Gàidhlig air taic-airgid aontachadh gu 2024 airson a’ phròiseact foghlaim sònraichte Gàidhlig seo. Tha Giglets Gàidhlig na phròiseact litearrachd tionnsgalach is ùr-ghnàthach anns a bheil teacsaichean Gàidhlig cho math ri stuthan-taice do luchd-teagaisg agus sgoilearan, rudan air an leughadh a-mach, dealbhan-beò, agus dealbhan ann an dòigh ùr-nòsach stèidhichte air an neul. Tha na ceudan de luchd-teagaisg agus na mìltean de sgoilearan ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig a’ cleachdadh a’ ghoireis.

Tha an ìre ùr seo den phròiseict seo bho 2021-2024 a’ togail air soirbheachas sna bliadhnaichean roimhe (2017-2021), a’ gabhail a-steach leasachaidhean teicnigeach. Mar eisimpleir, tha eadar-aghaidh nan sgoilearan ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis. Bidh leasachaidhean mòra ùra a’ cuimseachadh air taic a bharrachd do luchd-teagaisg is do sgoilearan, air leasachadh theacsaichean agus ghoireasan, agus air goireasan sgrìobhaidh gus taic a thoirt dhaibhsan a tha a’ teagasg agus ag ionnsachadh ann an roinn FtG.

Giglets Gàidhlig aig Bun-sgoil Chondobhrait 2019
Dealbh Peter Devlin

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig:

“Tha stòrasan Giglets Gàidhlig a’ tabhann beartas de stuthan as urrainn do chloinn is daoine òga a chleachdadh gus an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a thoirt air adhart. Tha e furasta a chleachdadh, coileanta agus air a dhealbhadh gu sònraichte a rèir nam feumalachdan bogaidh againn ann am foghlam tro Meadhan na Gàidhlig. Mholainn na goireasan seo dhan luchd-ionnsachaidh uile againn tro mheadhan na Gàidhlig agus do an cuid theaghlaichean – tha e spòrsail cuideachd, le deagh theacsaichean agus cartùnan agus stuthan-taice gus taic a chumail ri ionnsachadh ann am FtG sna Tràth-bhliadhnaichean, agus aig ire na Bun-sgoile agus na h-Àrd-sgoile.

“Bu mhath leam cuideachd sgioba Giglets a mholadh airson na h-obair ionmholta a rinn iad ann a bhith a’ sìor leudachadh ghoireasan airson foghlam Gàidhlig agus airson am fòcas an-dràsta air a bhith a’ toirt stuthan àrd-inbhe do na sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig againn, a ghabhas atharrachadh airson cleachdadh fhad ’s a tha sgoiltean dùinte.”

Thuirt Cathraiche agus Neach-stèidheachaidh Giglets, an Dr Karsten Karcher:

“Bho thòisich am pròiseact, chaidh còrr is 32,000 teacsa Gàidhlig a shònrachadh do sgoilearan le luchd-teagaisg FtG taobh a-staigh a’ ghoireis. Tha e coltach gu bheil Giglets Gàidhlig a-nis na ghoireas ro-chudromach do sgoiltean chan ann a-mhàin ann an clasaichean ach cuideachd airson ionnsachadh-dachaigh agus ionnsachadh measgaichte, gu h-àraidh rè glasadh-sìos nan sgoiltean mar thoradh air Covid-19, nuair nach robh cothrom aig sgoilearan air a’ mhòr-chuid de na goireasan sgoile eile.”

Gheibhear liosta de na Tabhartasan Coitcheann aig Bòrd na Gàidhlig airson 20-21 an seo.

Giglets Education – https://giglets.com/

 

Co-labhairt nan Tidsearan Ùra

Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte fàilte a chur air Tidsearan Ùr-theisteanaichte sa Ghàidhlig do Cho-labhairt nan Tidsearan Ùra 2021.

Uair eile, bidh an co-labhairt a’ dol air adhart air loidhne tro Microsoft Teams dà fheasgar an dèidh na sgoile 24 is 25  den Chèitean agus tha sinn a’ fosgladh a’ chothruim do thidsearan a tha a’ cur crìoch air a’ bhliadhna phrobhaidh aca an-dràsta (20/21), agus do thidsearan a rinn a’ bhliadhna phrobhaidh ann an 19/20. Tha sinn cuideachd a’ tabhann cuireadh do dh’oileanaich teagaisg sam bith a bhios a’ ceumnachadh ann an 2021 no 2022.

’S e “Leudachadh” a th’ ann an teama a’ cho-labhairt a’ bhliadhna – a’ coimhead ri mar as urrainn dhuinn ar n-eòlas proifeiseanta, ar lìonraidhean teagaisg, agus comasan ar luchd-ionnsachaidh a leudachadh aig an aon àm ‘s a tha sinn a’ leudachadh cleachdadh, ionnsachadh is ìomhaigh na Gàidhlig nar coimhearsnachdan.

Tha sinn an dòchas gum bi sibh còmhla rinn airson cothrom coinneachadh is bruidhinn ri tidsearan ùra eile sa Ghàidhlig.  Thèid tidsearan a ghabhas pàirt sa cho-labhairt aithneachadh le teisteanas airson na folio proifeiseanta aca.

Tha clàradh a-nis fosgailte agus dùinidh e aig 5f air Dihaoine 14mh den Chèitean 2021.

Ma tha ceist sam bith agad, leig fios gu Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) aig eoghan@gaidhlig.scot

Co-labhairt nan Tidsearan Ùra

24 & 25 Cèitean 2021

Gheibhear am foirm clàraidh an seo – https://forms.office.com/r/tk98Tey3i3

Seisean Fiosrachaidh – Stiùiriche Foghlaim

Dimàirt 27 Giblean, 19.30-20.00, Microsoft Teams

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air proifeiseantaich le ùidh san dreuchd Stiùiriche Foghlaim gu seisean fiosrachaidh le Stiùiriche Foghlaim (làthaireach), Manaidsear Foghlaim agus Ceannard na buidhne.

‘S e cothrom mi-fhoirmeil a bhios seo gus barrachd fhaighinn a-mach mun obair is dleastanasan roinn an fhoghlaim.

Thèid an t-seisean a shruthadh beò air Teams le coimeas cheistean a chur don sgioba tro ‘chat box’.

Clàraibh tro Eventbrite gus pàirt a ghabhail: https://www.eventbrite.co.uk/e/seisean-fiosrachaidh-stiuiriche-foghlaim-registration-151184897097

Ma bhios ceistean agaibh mun t-seisean, cuiribh fios gu corporra@gaidhlig.scot.

 

Gheibhear Dealbh-obrach agus Foirm-iarrtais airson na h-obrach an seo.

Com-pàirteachas ùr eadar Bòrd na Gàidhlig agus Fearann ​​Coimhearsnachd Alba

Tha com-pàirteachas ùr eadar Bòrd na Gàidhlig agus Fearann ​​Coimhearsnachd Alba ag ainmeachadh maoineachadh airson leasachadh na Gàidhlig le uachdarain coimhearsnachd eileanach, urrasan dualchais agus urrasan eile.

Le mu 75% de na daoine sna h-Eileanan an Iar a’ fuireach air fearann ​​a tha fo shealbh coimhearsnachd, agus ceanglaichean làidir ann eadar fearann, coimhearsnachd agus a’ Ghàidhlig agus a cultar, tha gealltanas ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus maoin a stèidheachadh, ann an co-bhonn ri Fearann ​​Coimhearsnachd Alba (Community Land Scotland – CLS), a tha a’ cumail taic ri bhith a’ neartachadh cleachdadh na Gàidhlig.  Tha a’ mhaoin seo a’ cur ri trì ro-innleachdan aig Riaghaltas na h-Alba – a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig, seilbh fearainn coimhearsnachd agus cumhachdachadh coimhearsnachd.

Bheir am pìleat seo, a chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig, maoineachadh seachad aig trì ìrean – suas ri £5,000, suas ri £15,000 agus suas ri £30,000, le maoineachadh iomlan de £125,000 uile gu lèir.  Bidh an sgeama fosgailte do dh’urrasan coimhearsnachd, chan ann a-mhàin do dh’urrasan fearainn, anns na h-Eileanan an Iar agus sna h-eileanan ann an sgìrean Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.   Feumaidh gach urras plana sìmplidh a chruthachadh a sheallas mar a mheudaicheas an obair aca cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns na sgìrean aca.

Thèid co-dhùnaidhean mu mhaoineachadh a dhèanamh le pannal de riochdairean bho dhiofar roinnean is sgìrean.  San dòigh seo, nì an sgeama cinnteach gum bi co-dhùnaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd.

Is e a’ chiad cheum den phìleat a bhith a’ fastadh oifigear a bhios ag obair le CLS gus gach cuid Gàidhlig a neartachadh ann an obair CLS fhèin agus am measg a bhallrachd agus gus taic a thoirt do thagraichean gus pròiseactan leasachaidh Gàidhlig ullachadh agus a lìbhrigeadh.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha an sgeama seo a’ dearbhadh dealas maireannach Bhòrd na Gàidhlig do choimhearsnachdan Gàidhlig nan eilean agus do na neartan a tha buidhnean coimhearsnachd a’ sealltainn gu follaiseach.

Tha sinn toilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le buidheann cho cliùiteach ri Fearann ​​Coimhearsnachd Alba agus leis na h-urrasan coimhearsnachd a tha cho cudromach ann a bhith a’ ceangal fearann, cànan agus cultar.”

Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear Iain Swinney:

“Tha a’ Ghàidhlig agus a cultar aig cridhe mòran de na sgìrean dùthchail againn agus tha e riatanach gum faigh sinn dòighean ùra air dìon agus taic a thoirt dhaibhsan a tha a’ fuireach anns na coimhearsnachdan sin.

“Tha mi a’ cur fàilte air an iomairt ùr seo le Bord na Gàidhlig agus Fearainn Coimhearsnachd Alba agus tha mi cinnteach gu bi i buannachdail dhaibhsan a tha a’ fuireach agus ag obair anns na coimhearsnachdan Gàidhlig againn.”

Thuirt Ailsa Raeburn, Cathraiche, Fearann Coimhearsnachd Alba:

“Aig Fearann ​​Coimhearsnachd Alba, tha sinn gu mòr airson a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile gus an roinn coimhearsnachd a neartachadh air feadh na h-Alba. Cuidichidh an com-pàirteachas ùr inntinneach seo le Bòrd na Gàidhlig uachdarain coimhearsnachd agus urrasan dualchais air feadh nan eilean, a’ neartachadh agus a’ comharrachadh na Gàidhlig agus a cultar sna h-eileanan agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ faicinn farsaingeachd de bheachdan ùr-ghnàthach a’ tighinn air adhart.”