Bun-fhiosrachadh
‘S e buidheann phoblach neo-roinneil ghnìomhach a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig a tha cunntachail tro Mhinistearan do Phàrlamaid na h-Alba.
Air a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (An Achd) ’s e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart agus gus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig.
Fo chumhachan na h-Achd, thathar ag iarraidh air Bòrd na Gàidhlig a dhleastanasan a thoirt gu buil leis an amas inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba, a bhios a’ dleasadh na h-aon spèis agus a th’ ann don Bheurla. Nì e seo tro bhith:
- A’ meudachadh an àireamh dhaoine as urrainn Gàidhlig a chleachdadh agus a thuigsinn
- A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus tuigse oirre
- A’ cuideachadh gus cothroman a chruthachadh, ann an Alba agus àiteachan eile, air a’ Ghàidhlig agus a cultar
- A’ toirt comhairle (nuair a thèid iarraidh air no nuair a tha e ga mheas iomchaidh) do Mhinistearan na h-Alba, buidhnean poblach agus daoine eile a tha coileanadh dhleastanasan poblach mu chùisean co-cheangailte ri cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig
- A’ toirt comhairle (nuair a thèid iarraidh air) do dhaoine eile air cùisean co-cheangailte ri Gàidhlig
- A’ sgrùdadh mar a choileanar dleastanasan na Cairt Eòrpaich airson Chànanan Roinneil no Mion-chànanan, bho 5 Samhain 1992, a thaobh na Gàidhlig agus aithris a dhèanamh air sin do Mhinistearan na h-Alba
Bun-fhiosrachadh
'S e buidheann phoblach neo-roinneil ghnìomhach a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig a tha cunntachail tro Mhinistearan do Phàrlamaid na h-Alba.Air a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (An Achd) ’s e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart agus gus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig. (...)
Read More


Ar Lèirsinn
Gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.

Adhbhar Ar n-Obrach
Ag ullachadh a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig agus a’ co-òrdanachadh coileanadh a’ Phlana sin
A’ toirt stiùireadh do mar a thèid Planaichean Gàidhlig nan Ùghdarrasan Poblach ullachadh is a chur an gnìomh
A’ foillseachadh stiùireadh reachdail gus foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart
A’ toirt comhairle do Mhinistearan Riaghaltas na h-Alba air cùisean Gàidhlig
A’ toirt seachad maoineachadh gus Gàidhlig a thoirt air adhart
A’ toirt stiùireadh is comhairle seachad mar thaic do dh’iomairtean Gàidhlig
A’ stèidheachadh is a’ lìbhrigeadh phròiseactan is iomairtean
A’ cur na Gàidhlig air adhart gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta
A’ toirt fa-near do is a’ frithealadh air feumalachdan nan coimhearsnachdan

Ar Prìomhachasan
Seo na prìomhachasan a tha sinn airson a thoirt gu buil airson 2023:
- Gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh Gàidhlig agus a’ faotainn bhuannachdan bhon chànan nan obair, aig an taigh agus sna coimhearsnachdan aca
- Gum bi barrachd chothroman ann do dhaoine aig aois sam bith na sgilean Gàidhlig aca a thoirt air adhart agus gum bi e nas fhasa dhaibh na cothroman sin a ghabhail
- Gum bi barrachd dhaoine ann an Alba taiceil is bàidheil do chànan is cultar na Gàidhlig
- Gun cùm Bòrd na Gàidhlig air a’ leasachadh nan dòighean-obrach aige

Ar Modhan Obrach
A’ brosnachadh innleachdas
A’ togail chom-pàirteachasan
Tha sinn fosgailte is cunntachail
A’ cur theachdaireachdan taiceil is brosnachail air adhart
A’ faighinn luach an airgid bho ar cuid ionmhais
A’ dèanamh cho-dhùnaidhean stèidhichte air fianais dhearbhte
A’ dèanamh cinnteach gu bheil riaghladh corporra math ga chur an sàs
A’ cur deagh mhodhan-obrach an sàs
Ag ionnsachadh bho chàch