Tha Bòrd na Gàidhlig na Fhastaiche a bhios a’ cur air adhart Co-ionannachd Chothroman. Mar as trice thèid luchd-obrach fhastadh air sàillibh an eòlais is nan comasan a th’ aca a thaobh nan obraichean a tha gan sanasachd. Tha sinn ag iarraidh cothroman co-ionann a thoirt do dhaoine, agus cuiridh sinn fàilte air luchd-iarrtais bho gach raon den chomann-shòisealta. Ma tha neach-iarrtais ann a tha ciorramach, a tha a’ coileanadh riatanasan na dreuchd, gheibh iad agallamh.

Dreuchd ~ Oifigear Conaltraidh

(...)

Tha conaltradh èifeachdach riatanach do Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ coileanadh nan amasan aige, a’ dèanamh cinnteach gun tig a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig am feabhas ann an Alba.  Tha dreuchd Oifigear Conaltraidh na phàirt chudromach de sgioba a’ Bhùird ann a bhith a’ toirt amasan na buidhne agus amasan a’ Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig air adhart.  Thathas ag amas gum bi uallach air an oifigear airson deagh chonaltradh mu dhèidhinn obair a’ Bhùird agus mu dheidhinn leasachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.

Prìomh Chinn-uidhe:

  1. Ro-innleachd conaltraidh a chur an gnìomh bho latha gu latha.
  2. Iomairtean margaideachd a thoirt air adhart às leth na buidhne agus / no ann an co-bhonn le com-pàirteachan eile gus prìomhachasan a’ Phlana Chorporra a chur an gnìomh.
  3. Uallach a ghabhail gus sùil a chumail air an làrach-lìn againn agus meadhanan sòisealta a’ Bhùird a ruith agus smachd a chumail air an fhiosrachadh a th’ annta.
  4. Tachartasan poblach a chur air dòigh às leth na buidhne.
  5. Taic a chumail leis an sgioba air fad le iomairtean conaltraidh co-cheangailte ris an obair aca.

Tuarastal: £28,891 – £33,094 g.b.

Ceann-latha airson iarrtasan: 12.00 air Dihaoine 11 Dàmhair 2019

Faicibh an tuairisgeul obrach gu h-ìosal.

Gus cur a-steach airson na dreuchd seo, feuch gun cuir sibh foirm-iarrtais agus foirm-sgrùdaidh co-ionannachd chothroman gu corporra@gaidhlig.scot

Tuilleadh  fiosrachaidh bho:

Alasdair MacFhionghuin,

Ceann nan Seirbheisean Corporra.

Post-d: corporra@gaidhlig.scot

Dreuchd ~ Neach-taice Gnìomha

(...)

Is e dreuchd ùr thrang, bhrosnachail a tha seo ann an sgioba Seirbheisean Corporra sam feumar sgilean èifeachdach ann an anailis, conaltradh agus riaghladh pròiseict. Is e a’ phrìomh dhleastanas a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheis taice phroifeiseanta don Cheannard agus an Sgioba Stiùiridh a’ gabhail a-steach; deasachadh phàipearan ullachaidh, frithealadh do choinneamhan a’ gabhail a-steach ullachadh chlàran-gnothaich, obair-ceangail agus a’ co-òrdanach fiosrachadh, sgrìobhadh litrichean, a’ co-òrdanadh aithisgean, conaltradh eadar an Sgioba Stiùiridh agus luchd-obrach, os-sealladh air cùisean corporra air an làraich-lìn, agus taic pròiseict is rianachd san fharsaingeachd.

Tuarastal: £24,580- £27,515 g.b.

Ceann-latha airson iarrtasan: 12.00 air Dihaoine 11 Dàmhair 2019

Faicibh an tuairisgeul obrach gu h-ìosal.

Gus cur a-steach airson na dreuchd seo, feuch gun cuir sibh foirm-iarrtais agus foirm-sgrùdaidh co-ionannachd chothroman gu corporra@gaidhlig.scot

Tuilleadh  fiosrachaidh bho:

Alasdair MacFhionghuin,

Ceann nan Seirbheisean Corporra.

Post-d: corporra@gaidhlig.scot

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd – Trusadh is Cosnadh

(...)

Gheibhear gu h-ìosal am Fiosrachadh Prìobhaideachd (Trusadh is Cosnadh) aig Bòrd na Gàidhlig:

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd – Trusadh is Cosnadh