CO-CHONALTRADH MAOINEACHAIDH – FOSGAILTE GU 30 SAMHAIN – FIOS AN SEO: https://www.gaidhlig.scot/ga/consultations/

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ faighinn Tabhartas gus Cuideachadh bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna ionmhais gus na h-amasan is dleastanasan againne a choileanadh.

’S ann tro bhith a’ maoineachadh obair nam prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus cunnradairean aontaichte eile a tha am Bòrd a’ coileanadh a’ mhòr-chuid den obair ris a bheil sinn an urra. Ge-tà, uaireannan bidh am Bòrd a’ toirt cùmhnant do dhaoine is bhuidhnean iomchaidh gus obair ro-innleachdail shònraichte a dhèanamh, agus bidh am Bòrd a’ maoineachadh iomairtean ann an com-pàirteachas le buidhnean eile. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ toirt maoineachadh do bhuidhnean poblach a tha a’ dealbh is a’ cur an gnìomh planaichean Gàidhlig.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith sgeamaichean taic-airgid tron bhliadhna. Ge-tà, ma tha beachd agaibh air pròiseact aig àm sam bith den bhliadhna is nach eil sgeama taic-airgid freagarrach fosgailte aig an àm sin, leigibh fios thugainn air 01463 225 454 air neo cuiribh post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Airson am fios as ùra air sgeamaichean maoineachaidh Bòrd na Gàidhlig, clàraich airson an cuairt-litir post-dealain againn an seo.

Tha fiosrachadh a thaobh buaidh sgaoileadh a` chòrona-bhìoras air tabhartasan ri fhaighinn an seo

Faodar maoineachadh fhaighinn tro nan sgeamaichean a leanas:

Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic luach còrr is £1.6M gach bliadhna ri bhuidhnean a tha cur an gnìomh pròiseactan gus cleachdadh, ionnsachadh is inbhe na Gàidhlig a bhrosnachadh is cuideachadh le bhith lìbhrigeadh Plana Chorporra a’ Bhùird.

Gheibhear iomradh gu h-ìosal air na buidhnean le aonta taic-airgid eadar 2019 is 2022:

Buidheann / Pròiseact 2019/20 2020/21 2021/22* Iomlan
Comunn na Gàidhlig & Comann nam Pàrant £455,000 £463,700 £463,700 £1,382,400
Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig £310,000 £314,741 £314,741 £939,482
Comhairle nan Leabhraichean £179,000 £180,770 £180,770 £540,540
Fèisean nan Gàidheal £140,000 £145,600 £145,600 £431,200
Ionad Chaluim Chille Ìle £103,500 £104,960 £104,960 £313,420
An Comunn Gàidhealach £100,000 £100,850 £100,850 £301,700
Sabhal Mòr Ostaig – Ainmean-Àite na h-Alba £80,000 £81,600 £81,600 £243,200
Sabhal Mòr Ostaig – Faclair na Gàidhlig £75,000 £76,500 £76,500 £228,000
Ceòlas Uibhist £57,000 £57,700 £57,700 £172,400
Acair £57,000 £57,540 £57,540 £172,080
Theatre Gu Leòr £55,000 £55,870 £55,870 £166,740
An Lòchran £35,000 £35,000 £35,000 £105,000
Cànan Graphics Studio – FilmG £19,000 £19,000 £19,000 £57,000
Iomlan / Total £1,665,500 £1,693,831 £1,693,831 £5,053,162

*Tha airgead 2021/22 air aontachadh ann am prionnsapal a rèir tabhartas-gus-cuideachadh Bhòrd na Gàidhlig bho Riaghaltas na h-Alba agus adhartais nam buidhnean.

Maoin Taic COVID-19

Tha an sgeama seo dùinte do dh’ iarrtasan ùr an-dràst, le iarrtasan airson a’ chiad chuairt air am measadh.  Thèid cuairt eile fhoillseachadh nas fhaide air a bhliadhna ma tha buidseat ri chleachdadh.

Tha Maoin Taic COVID-19 aig Bòrd na Gàidhlig ann gus taic a chumail ri buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh agus buidhnean/daoine eile a tha a’ lìbhrigeadh phròiseactan Gàidhlig ri linn staing COVID-19.

Tha taic-airgid ri fhaighinn airson bhuidhnean a chuideachadh le bhith a’ cumail na h-obrach aca a’ dol air-loidhne; gus goireasan agus trèanadh a cho-roinn; agus gus buidhnean a chuideachadh gus an urrainnear ath-shlànachadh cho math ’s a ghabhas.

Tha sgeama am bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chur ri phròiseactan a tha air tighinn am bàrr air sgath COVID-19 a tha:

  • A’ cur ri comasan is èifeachdas bhuidhnean ann a bhith a’ freagairt ri staing COVID-19 an-dràst agus a bhith ag ath-shlànachadh às dèidh làimh
  • A’ leasachadh sheirbheisean/ghoireasan ùra agus ro-innleachdail airson coimhearsnachd na Gàidhlig a thèid a lìbhrigeadh fhad ’s a tha cuingealachaidhean siubhail is astarachadh sòisealta ann agus/no a tha cur ri iomairt #cleachdiaigantaigh aig Bòrd na Gàidhlig

Faodar iarrtasan airson phròiseactan a chur a-steach airson suas ri £12,500 agus suas ri 80% de chosgaisean a’ phròiseict, seach ma thèid bruidhinn ri oifigearan Bòrd na Gàidhlig is cead fhaighinn ro-làimh.

Thèid measadh air na h-iarrtasan ann an cuairtean gus am bi am buidseat air a chaitheamh.  Feumaidh iarrtasan a bhith air an cur a-steach ro 3f air na làithean ceann-uidhe a leanas airson beachdachadh orra sa chuairt sin:

Cuairt 1 – Diardaoin 25 Ògmhios 2020

Cuairt 2 – Diardaoin 23 Iuchar 2020 (ri dhearbhadh)

Cha tèid cuairt 2 air adhart ach ma tha buidseat air fhàgail gus sin a dhèanamh, ach thèid fios a chur suas air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig gus seo a dhearbhadh.  Ma dh’fhaoidte gun tèid tuilleadh chuairtean fhoillseachadh a-rèir buidseat a tha ri fhaighinn.

Tha stiùireadh nas mionaidiche agus foirm-iarrtais ri fhaighinn gu h-ìosal:

Stiùireadh Maoin Taic COVID-19

Foirm-iarrtais Maoin Taic COVID-19

Ma tha ceistean sam bith agaibh, nach cuir sibh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot

Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Thidsearan 2020/21

Tha an sgeama seo dùinte an-dràst agus cha tèid iarrtasan ùra a ghabhail.

Tha sgeama Tabhartasan Bogaidh Gàidhlig do Thidsearan againn a-nis fosgailte airson iarrtasan 2020/21.

Tha an sgeama seo ann airson ùghdarrasan ionadail a chuideachadh gus an urrainn dhaibh taic a thoirt do thidsearan, aig a bheil teisteanas-teagaisg agus sgilean Gàidhlig agus nach eil an-dràsta a’ teagasg tron Ghàidhlig, gus cùrsaichean pàirt- no làn-ùine a ghabhail a leigeas leotha teagasg tron Ghàidhlig ann an sgìrean nan ùghdarrasan ionadail sin.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios gu Bòrd na Gàidhlig tro phost-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Ceann-latha airson Iarrtasan

Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus ro 3f air Dihaoine 29 Cèitean 2020. Thèid beachdachadh air iarrtasan a thig a-steach as dèidh an ceann-uidhe ma tha buidseat ann air an son.

Stiùireadh Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh 2020/21

Foirm-iarrtais Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh 2020/21

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Tabhartasan Foghlaim Gàidhlig 2020/21

Tha an sgeama seo dùinte ri iarrtasan ùra.

Tha Bòrd na Gàidhlig air a’ mhaoin seo a stèidheachadh gus taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh a bhith toirt dreuchd a-mach mar neach-teagaisg Gàidhlig agus taic a thoirt do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus nas sgilean aca a leasachadh.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

Gabhaidh sinn beachd air iarrtasan airson am bliadhna acadaimigich 2020/21 bho:

  • Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig, (BA no MA Foghlam, no MA ann an Gàidhlig le Foghlam)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne na Gàidhlig
  • Luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd co-cheangailte ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no luchd-teagaisg le teisteanas a tha airson na sgilean aca leasachadh gus gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig

Ceann-latha airson Iarrtasan

Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Dihaoine 4 t-Sultain 2020. CHA GHABH Bòrd na Gàidhlig ri iarrtasan a thig a-steach an dèidh sin.

Stiùireadh do Luchd-iarrtais

Foirm-sgrùdaidh Co-ionannachd Chothroman

Foirm-iarrtais – Word

Foirm-iarrtais – air-loidhne

Tabhartasan Foghlaim nan Tràth Bhliadhnaichean 2020/21

Tha an sgeama seo dùinte ri iarrtasan ùra.

Iarrtasan soirbheachail 2019/20

Tha sgeama Thabhartasan Foghlam Tràth-Bhliadhnaichean air a dhealbh gus am bi e a’ freagairt air buidhnean tràth-bhliadhnaichean saor-thoileach (aois 0-3) a tha ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ’s a leudachadh bho latha gu latha, agus leantainn le Foghlam tron Ghàidhlig.

Tha e cudromach gum bi tagradh sam bith a’ dearbhadh gu bheil am buidheann fosgailte, agus a’ toirt buannachd, don choimhearsnachd air fad.

Cha ghabh sgeama Tabhartasan Foghlam Tràth-Bhliadhnaichean iarrtasan bho dhaoine fa leth.

Ceann-latha airson Iarrtasan

Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Diardaoin 16 Iuchar 2020. CHA GHABH Bòrd na Gàidhlig ri iarrtasan a thig a-steach an dèidh sin.

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Stiùireadh do Thagraichean

Foirm-iarrtais (Word)

Taic Freumhan Coimhearsnachd 2020/21

Tha sgeama 2020/21 a-nis dùinte, le dùil gum fosgail e a-rithist aig deireadh 2020.

Iarrtasan soirbheachail 2020/21

Chaidh Taic Freumhan Coimhearsnachd a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.

Tha am maoin seo a-nis fosgailte do thagraidhean airson pròiseactan a bhios a’ ruith eadar a’ Ghiblean 2020 agus an Lùnastal 2021 a bhiodh a’ cur ri amasan am Plana Cànain Nàiseanta agus Plana Chorporra Bòrd na Gàidhlig 2018-23, gu h-àraidh ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fòn gu Bòrd na Gàidhlig air 01463 225454, no post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Ceann-latha airson Iarrtasan

Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Dimàirt 21 Faoilleach 2020. CHA GHABH Bòrd na Gàidhlig ri iarrtasan a thig a-steach an dèidh sin.

Prìomh Puingean

Stiùireadh 2020/21

Foirm-iarrtais (Word)

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig 2020/21

Tha sgeama 2020/21 a-nis dùinte, le dùil gum fosgail e a-rithist aig tòiseach 2021.

Iarrtasan soirbheachail 2014-15 gu 2020-21

Chaidh Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a stèidheachadh airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.  Tha ùghdarrasan poblach cuideachd air taic-airgid fhaighinn tro GLAIF gus pròiseactan a thoirt gu buil mus fhaigh iad fios foirmeil Plana Gàidhlig a sgrìobhadh.

Bidh a’ mhaoin seo a’ toirt taic do phròiseactan a bhios a’ tachairt agus air an tèid crìoch a chur eadar 1 Iuchar 2020 agus 31 Lùnastal 2021.  Chan eil dùil againn aig an ìre seo gum bi cuairt eile ann de GLAIF airson phròiseactan anns a’ bhliadhna ionmhais 2020/21.

Bidh an sgeama a’ cumail taic ri pròiseactan a tha ag amas ri aon de na h-amasan a leanas a choileanadh:

  • A’ cur ri inbhe, cunbhalachd is faotainneachd na Gàidhlig tro sheirbheisean coitcheann agus conaltradh an ùghdarrais
  • A’ neartachadh chomasan Gàidhlig, a’ cur ri mothachadh Gàidhlig agus a’ cruthachadh barrachd chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh am measg ùghdarrasan poblach agus an luchd-obrach aca
  • A’ brosnachadh leasachaidh agus leudachadh foghlam Gàidhlig (FtG agus FLi) agus ionnsachadh na Gàidhlig do dh’ inbhich
  • A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd, gu h-àraidh am measg daoine òga

’S e 3f Diardaoin 16 Giblean 2020 an ceann-latha airson iarrtasan cur a-steach, ach tha sùbailteachd ri fhaighinn gus iarrtas a chur a-steach as dèidh an ceann-latha seo air sgath suidheachadh COVID-19.  Gheibhear barrachd fios air an sùbailteachd sin an seo.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fòn gu Bòrd na Gàidhlig air 01463 225454, no post-dealain gu glaif@gaidhlig.scot

Stiùireadh GLAIF 2020/21 (Air ùrachadh Màrt 2020)

Foirm-Iarrtais GLAIF 2020/21

Fiosrachadh mu Prìobhaideachd

Colmcille 2020/21

Tha an sgeama seo dùinte do dh’ iarrtasan ùra, le dùil gun tèid an ath chuairt a’ ruith aig deireadh 2020.

Iarrtasan soirbheachail 2020/21

Tha sgeama Colmcille air an ruith ann an co-bhanntachd eadar Bòrd na Gàidhlig ’s Foras na Gaelige gus cultar a’ roinn eadar Alba ’s Èirinn, gu sònraichte eadar Gàidhlig ’s Gaelige.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fòn gu Bòrd na Gàidhlig air 01463 225454, no post-dealain gu colmcille@gaidhlig.scot.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu:-

Bòrd na Gàidhlig, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis, IV3 8NW

Fòn: 01463 225454

Post-d: colmcille@gaidhlig.scot

Stiùireadh Colmcille 2020/21

Foirm-iarrtais Pròiseactan Colmcille 2019-20 (Cruth Word)

Foirm-iarrtais Pròiseactan Colmcille 2019-20 (air-loidhne)

Foirm-iarrtais Cùrsaichean Gaeilge – Colmcille 2019-20 (Cruth Word)

Foirm-iarrtais Cùrsaichean Gaeilge – Colmcille 2019-20 (air-loidhne)

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd 2018-19

Suaicheantas, Aithneachadh ‘s Aithisgean

Ma tha sibh a’ faighinn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, tha e deatamach gu bheil sibh a’ toirt aithne don taic sin tron phròiseact agaibh.  Gheibh sibh stiùireadh gu h-ìosal air mar a nì sibh seo:

Aithneachadh air maoineachadh

Gheibhear suaicheantas Bhòrd na Gàidhlig ann an diofar cruth an seo no aig na ceanglaichean gu h-ìosal:

JPEG

PNG

PDF

Nuair a tha sibh cleachdadh suaicheantas Bhòrd na Gàidhlig bu chòir an Stiùireadh Brannd againn leughadh gus dearbhadh gu bheil sibh ga chleachdadh ann an dòigh iomchaidh.


Airson gach sgeama maoineachaidh, bidh feum agaibh Aithisg Adhartais agus/no Aithisg Dheireannach a chur a-staigh thugainn gus measadh a dhèanamh air a’ phròiseact.

Gheibh sibh teamplaidean den aithisgean seo gu h-ìosal:

Aithisg Adhartais

Aithisg Adhartais – Tabhartasan nan Tràth Bhliadhnaichean 2019/20

Aithisg Adhartais/Deireadh na bhliadhna – Tabhartasan Foghlaim 2019/20

Aithisg Dheireannach

Aithisg Dheireannach Tabhartasan Tràth Bhliadhnaichean 2019/20