Gheibh sibh an dà chuid buannachdan agus dùbhlain nuair a tha sibh a’ sgrìobhadh plana cànain Gàidhlig. Bidh sinn a’ toirt stiùireadh dhuibh, feuch am bi e nas fhasa dhuibh am plana agaibh a’ sgrìobhadh agus a chur an gnìomh – agus feuch an tig toraidhean buadhach às. Gheibh sibh tòrr bhuannachdan à plana air an deach breithneachadh ceart a dhèanamh, agus a tha a’ toirt spèis don Ghàidlig agus na daoine a bhios ga cleachdadh, agus a tha a’ togail air neartan sònraichte na buidhne agaibh.

An t-Àite-Obrach

Tha an t-àite-obrach agaibh riatanach airson inbhe na Gàidhlig a thoirt am feabhas agus a cleachdadh a leudachadh, gu bith dè am measgachadh de chànanan a tha anns a' choimhearsnachd a tha sibh a' frithealadh. Tha e nas riatanaiche buileach anns na sgìrean far a bheil còrr is 20% de mhuinntir na coimhearsnachd a’ bruidhinn na Gàidhlig agus bidh sinn an dùil gum bi an uiread de sheirbheisean gan tabhann sa Ghàidhlig anns na sgìrean sin nas àirde.

Tha obair glè chudromach nar beatha làitheil is tha an dòigh sa bheil sinn a' dèiligeadh leis a' Ghàidhlig san àite-obrach a' toirt buaidh air na beachdan againn fhèin air a' chànan is ciamar a sgaoileas sinn iad do na caraidean is teaghlaichean againn. ‘S urrainn don dòigh sam bi sinn a’ dèiligeadh ris a’ Ghàidhlig nar dreuchdan buaidh a thoirt air ciamar a sgaoileas sinn i do na càirdean againn. Tha taic fhoirmeil san àite-obrach a’ dearbhadh do luchd na Gàidhlig gu bheil luach anns na sgilean aca agus a’ brosnachadh dhaoine aig nach eil a’ Ghàidhlig gus a faicinn mar sgil fheumail airson saoghal na h-obrach.

Stiùireadh air dealbhadh plana canain Gàidhlig

Gheibhear mìneachadh san roinn seo de na prìomh roinnean ris am bu chòir do phlana cànain Gàidhlig dèiligeadh. Tha an tuilleadh fiosrachaidh iomlan anns an sgrìobhainn oifigeil Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig a dh'fhaodar toirt a-nuas bhon roinn ghoireasan air an duilleig seo. Bu chòir do leasachaidhean anns na roinnean seo a' nochdadh dealas daingeann don Ghàidhlig agus an dòigh anns a bheil am buidheann a' leigeil le a luchd-obrach is luchd-cleachdaidh an cànan ionnsachadh is a chleachdadh, le cruthachadh àite-obrach a bhios freagarrach airson Gàidhlig a chleachdadh sa bheatha choitchinn mar phrìomh amas.  Bu chòir don h-uile leasachadh a bhith stèidhichte air ca' phrionnsapal, spies co-ionann.  Mar sin, nuair a tha seirbheisean agus modhan-obrach Gàidhlig air an toirt a-steach, bu chòir dhaibh a bhith aig an aon ìre ri seirbheisean Beurla, agus le amas ann airson na h-ùine fhada gum bi Gàidhlig air a dhèanamh àbhaisteachadh ann an obair an ùghdarrais. 

Aithne-chorporra

  • suaicheantas corporra
  • soidhnichean

Ma thèid spèis cho-ionann a nochdadh don Ghàidhlig an cois aithne chorporra is soidhnichean na buidhne agaibh, bheir sin buaidh mhòr air inbhe na Gàidhlig sa bhad, agus i follaiseach, le barrachd cothruim oirre agus luach ga chur innte.  Le bhith cleachdadh Gàidhlig ann an dòigh fhollaiseach, nì sin feum mòr ann a bhith tarraing aire dhaoine thuice taobh a-staigh na buidhne agus am measg a' mhòr-shluaigh, a' cur ri seasamh a' chànain agus a' brosnachadh dhaoine gu bhith ga cleachdadh.  Nuair a tha Gàidhilg follaiseach an cois shoidhnichean is aithne chorporra, tha e a' sealltainn do luchd na Gàidhlig gu bheil a' bhuidheann a' cur sùim sa chànan agus gu bheil iad a' brosnachadh cleachdadh a' chànain. 

Conaltradh

  • ionad-fàilte
  • fòn
  • post agus post-dealain
  • foirmichean
  • coinneamhan poblach
  • cùisean gearain
  • conaltradh a-staigh

Tha solarachadh conaltraidh tro mheadhan na Gàidhlig a' leudachadh faicsinneachd is inbhe a' chànain is a' cruthachadh chothroman airson cleachdadh pragtaigeach dha luchd-obrach is dhan phoball. Tha cleachdadh na Gàidhlig an lùib conaltraidh làitheil a' leudachadh a h-inbhe mar chànan gnàthach agus a' cur ri a suidheachadh na pàirt àbhaisteach ann am beatha phoblach muinntir na h-Alba.

Foillseachain

  • stuthan clò-bhuailte
  • conaltradh poblach agus na meadhanan
  • làraichean-lìn agus na meadhanan sòisealta
  • taisbeanaidhean

Tha cleachdadh Gàidhlig air goireasan clò-bhuailte a' leudachadh faicsinneachd is inbhe na Gàidhlig anns a' bhuidheann is leis a' phoball. Tha leudachadh an uiread de Ghàidhlig ann an goireasan clò-bhuailte a' solarachadh goireas luachmhor airson litearras Gàidhlig a leasachadh a chumas taic ri iomairtean foghlam Gàidhlig is leasachadh briathrachais a tha freagairteach agus sùbailte. 

Luchd-obrach

  • trèanadh
  • ionnsachadh cànain
  • fasdadh
  • sanasachd
  • sònrachadh dhreuchdan anns a bheil a’ Ghàidhlig riatanach / na buannachd

Tha dà phuing chudromach ann a thaobh sgiobachd. An toiseach, airson dearbhadh gu bheil na sgilean aig a' bhuidheann airson luchd na Gàidhlig a fhrithealadh na chuid obrach. Agus, airson taic a chumail ri coimhearsnachdan Gàidhlig tro sholarachadh dhreuchdan is cothroman cleachdaidh na Gàidhlig. Tha dà dhòigh air seo a thoirt gu buil: fastadh agus trèanadh. Tha e cudromach gun tèid dreuchdan a shònrachadh anns a bheil sgilean Gàidhlig riatanach no nam buannachd agus gun tèid trèanadh iomchaidh a thoirt don luchd-obrach a bhiodh comasach air na dleastanasan seo a choilionadh.

Corpas na Gàidhlig

Tha corpas na Gàidhlig co-cheangailte ri leasachadh na tha sgrìobhte is clàraichte sa chànan. Tha prìomh dhleastanas aig ùghdarrasan poblach a dhèanamh cinnteach gu bheilear a' cumail ris a' ghnàthachas litreachaidh (siostam sgrìobhaidh na Gàidhlig) sa bheatha phoblaich. Tha seo a' toirt a-steach cleachdadh nan goireasan corpais a th' ann mar-thà a leithid stòr-dàta ainmean-àite na Gàidhlig air soidhnichean.Tha corpas na Gàidhlig a' gabhail a-steach nan cuspairean a leanas:

  • a’ leasachadh iomchaidheachd is co-chòrdadh na Gàidhlig
  • a’ leasachadh ìre agus ruigsinneachd eadar-theangachaidhean agus eadar-mhìneachaidhean sa Ghàidhlig
  • a’ leudachadh na tha ri fhaotainn de dh’fhiosrachadh air rannsachadh a tha fìor cheart
  • a’ leasachadh gnàths-sgrìobhaidh, briathrachas is ainmean-àite na Gàidhlig
  • a’ leasachadh an eòlais air eadar-theangachadh is eadar-mhìneachadh sa Ghàidhlig
  • a’ brosnachadh sgrùdaidhean is rannsachadh na Gàidhlig

Leasachadh phlanaichean cànain Gàidhlig a ghabhas coilionadh agus a tha cothromach

Tha am Bòrd a’ tuigsinn gum bi a h-uile plana cànain Gàidhlig diofraichte a rèir dòighean-obrach nan ùghdarrasan poblach is an àite far a bheil iad an Alba, agus a rèir àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig is na cothroman airson a’ Ghàidhlig a leasachdh anns an sgìre aca.

Tha e mar fhiachaibh air a' Bhòrd gun obraich sinn le ùghdarrasan fa leth airson planaichean cànain Gàidhlig a dhealbhadh a ghabhas coilionadh agus a tha cothromach a rèir an t-suidheachaidh fhèin.

Dealbhadh plana cànain Gàidhlig

Cò a dh' fheumas plana a dhealbhadh agus ciamar?

Tha am Bòrd a’ cur fios gu ùghdarrasan poblach ann an Alba a tha air leth cudromach airson a’ Ghàidhlig a leasachadh - tha an co-dhùnadh sin stèidhichte air na b’ urrainn don ùghdarras a chur ri cur an gnìomh prìomh amasan a’ phlana nàiseanta, na thathar a’ cleachdadh den Ghàidhlig an lùib obair an ùghdarrais, ciamar a b’ urrainnear cleachdadh na Gàidhlig a leasachadh, agus air tagraidhean sam bith a tha an t-ùghdarras air fhaighinn co-cheangailte ri seirbheisean Gàidhlig.

Chithear tuairisgeul goirid gu h-ìosal air a' phròiseas phragtaigeach gus plana cànain Gàidhlig a dhealbhadh, agus e a' sònrachadh nam prìomh cheumannan. Gheibh sibh fiosrachadh nas mionaidiche san earrainn airson goireasan air an duilleig seo, a' gabhail a-steach sealladh farsaing air na riatanasan reachdail ris am feum sibh cumail ann a bhith dealbhadh plana cànain Gàidhlig, agus feumaidh sibh coimhead air na goireasan sin mus tòisich sibh air a' phlana.  

Bu chòir dhuibh fa-near a thoirt do na ceumannan seo, ged a tha sibh ag obair air a’ chiad, an dàrna no an treas dreach den phlana:

  1. Gabhaibh beachd air an stiùireadh seo leis a’ Bhòrd:
  2. Sgrùdadh a-staigh – sgrùdaich solarachadh is goireasan sa Ghàidhlig sa bhuidheann gu lèir agaibh
    • airson gach eagran ùr den phlana, gabhaibh beachd air inbhe a’ chànain an-dràsta, an dà chuid taobh a-staigh na buidhne agaibh is sa choimhearsnachd air a bheil sibh a’ frithealadh.
    • ma tha sibh a' dèanamh ath-sgrùdadh air a' phlana agus sibh an dùil eagran ùr ullachadh 's urrainn dhuibh measadh a dhèanamh air mar a choilean sibh na targaidean a bh' agaibh agus beachdachadh air mar chumas sibh oirbh gan coileanadh no mar a thogas sibh air na targaidean sin.
  3. Freagraibh a h-uile tè de na còig prìomh roinnean a thathas a' mìneachadh anns an roinn Stiùireadh, a’ gabhail beachd air seasmhachd àraid a’ bhuidhinn agaibh, far a bheil e suidhichte is a chuid ghnothaichean
  4. Stèidhichibh targaidean – bithibh brosnachail ach ciallach agus cothromach. Dèanaibh sgrùdadh air ciamar a tha sibh an dùil gun tèid na targaidean a chur an gnìomh is a choilionadh
  5. Dèanaibh dreach plana – anns am bi a h-uile roinn an sàs is sònraichibh a’ bhuaidh a bhios orra
  6. Dèanaibh coimeas – ciamar a tha am plana agaibh e a’ freagairt air amasan a' Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig, an Stiùireadh airson a bhith dealbh phlanaichean cànain Gàidhlig agus na h-amasan àrd-ìre a chuir am Bòrd an cèill
  7. Sgaoilibh e – leigibh le muinntir a’ bhuidhinn agaibh agus le muinntir na sgìre is daoine iomchaidh beachdan a thoirt seachad ann an co-chomhairleachadh poblach
  8. Cuiribh crìoch air an dreach is cuiribh don Bhòrd e airson sgrùdadh
  9. Dèanaibh atharrachaidhean iomchaidh is cuiribh an dreach air ais a-rithist airson aonta
  10. Foillsichibh e cho luath ‘s a thèid aontachadh - agus dèanaibh sanasachd air
  11. Cuiribh am plana an gnìomh

Cho luath 's a tha a' bhuidheann agaibh air fios fhaighinn, bidh sibh a' leantainn a' phròiseis a chìthear air an duilleig seo gus am plana Gàidhlig a sgrìobhadh agus gus aonta fhaighinn.

Tha am Bòrd ag iarraidh oirbh gun cum sibh conaltradh leis na h-oifigearan againn anns a’ phroiseas seo is bheir iad taic dhuibh rè obair nan ìrean seo.

Nuair a thèid am plana aontachadh is fhoillseachadh, feumar a chur an sàs agus thèid seo a sgrùdadh an dà chuid taobh a-staigh na buidhne agaibh fhèin is taobh a-muigh na buidhne leis a' Bhòrd.

Tha e mar fhiachaibh oirbh am plana ath-sgrùdadh gu cunbhalach agus ro na còig bliadhna an dèidh aonta a’ Bhùird. Feumar am plana a chur a-steach an uair sin airson ath-sgrùdadh is aonta cuide ri fiosrachadh sam bith a th’ air ùrachadh.

Planaichean cànain Gàidhlig làithreach

Ged a tha a h-uile plana diofraichte a rèir na tha am Bòrd ag iarraidh, obair an ùghdarrais agus na coimhearsnachd a tha e a’ frithealadh, ma dh’fhaoidte gum b’ fhiach sgrùdadh air planaichean cànain Gàidhlig eile a tha aontaichte. Faodaidh e bhith air leth feumail sùil a thoirt air planaichean eile, 's dòcha gum faigh sibh beachdan a fhreagras air a' bhuidhinn agaibhse, agus chì sibh diofar dhòighean gus am plana agaibh a chur an gnìomh.

Coimheadaibh air an liosta de phlanaichean cànain Gàidhlig a chaidh aontachadh leis a' Bhòrd mar-thà.

Liosta de cho-chomhairlean beò

Mar phàirt de bhith dealbhadh no ag ùrachadh plana cànain Gàidhlig, feumaidh ùghdarrasan poblach co-chomhairle phoblach a chumail a mhaireas eadar sia agus dà sheachdainean deug.  Tha seo a' toirt cothrom don mhòr-shluagh, agus do bhuidheann sam bith aig a bheil ùidh sa chùis, beachdan a thoirt seachad air an dreachd den phlana.  Gheibhear liosta de na h-ùghdarrasan poblach a tha a' cumail co-chomhairle phoblach an-dràsta fhèin gu h-ìosal.

  • Chan eil planaichdan sam bith a' dol tro cho-chomhairle phoblach aig an ìre seo.