‘S ma dh’fhaoidte gu bheil thu air fios fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gum feum sibh plana reachdail Gàidhlig ullachadh – no ma dh’fhaoidte gu bheil thu air ùidh a ghabhail ann am plana no poileasaidh cànain a leasachadh gu saor-thoileach. Feumaidh tuigse a bhith agaibh air Bòrd na Gàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Bu choir cuideachd ealla a ghabhail ri dà sgrìobhainn riatanach eile -“Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig 2007” agus “Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23“.

Tha dìon is fàs na Gàidhlig an crochadh air co-obrachadh aig a h-uile ìre. ‘S i a’ Ghàidhlig aon de na cànanan dùthchasach as sine ann an Alba; tha i cuideachd ùr-nòsach, beò, àraid agus ann an suidheachadh èiginneach. Tha a’ Ghàidhlig beò fhathast an dèidh nan ceudan de bhliadhnaichean de chruadal is crìonadh an t-sluaigh cho math ri mì-rùn oifigeil. Fhreagair an Achd 2005 ris an t-suidheachadh is chaidh Bòrd na Gàidhlig a chur air bhonn na bhuidheann poblach airson “inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil ann an Alba le spèis co-ionnan ris a’ Bheurla”. ‘S e am Bòrd am prìomh bhuidheann air a bheil dleastanas airson an cànan a bhrosnachadh is a stiùireadh a dh’ionnsaigh suidheachadh seasmhach – dleastanas a tha ga roinn air feadh na h-Alba le cùram is taic.

Tha am Bòrd a’ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba is buidhnean eile air a’ Ghàidhlig is air solarachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an Alba. Tha an Achd seo a’ toirt air a’ Bhòrd plana nàiseanta na Gàidhlig fhoillseachadh a h-uile 5 bliadhna co-dhiù. A bharrachd air sin, tha ùghdarras aig a’ Bhòrd a bhith ag iarraidh air ùghdarrasan poblach planaichean cànain Gàidhlig a leasachadh agus fhoillseachadh mar riatanas.

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 gun samhail ann an eachdraidh laghail na h-Alba. Tha i a’ leantainn bun-stèidh Eòrpach a tha a’ dìon inbhe is a’ glèidheadh còraichean muinntir nam mion-chànan ann an suidheachaidhean ionadail, sgìreil, nàiseanta is eadar-nàiseanta, a leithid:

Tha Cuimris is Gàidhlig na h-Èireann am measg nan cànanan a tha air an dìon leis na reachdan còmhla ri a leithid Català (an Spàinn is an Fhraing), Basgais (an Spàinn is an Fhraing), Provencal (An Fhraing) is Sami (Nirribhidh, an t-Suain, an t-Suòmi agus an Ruis).

Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23

Tha dealbhadh plana cànain nàiseanta Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig a h-uile 5 bliadhna air fear de na prìomh dhleastanasan ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. 'S ann le Alba air fad 's a tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a tha ag amas air ro-innleachd a chur an cèill do dh'Alba gu lèir airson an cànan a neartachadh is a leasachadh. 

Fon Achd faodaidh am Bòrd iarraidh air ùghdarrasan poblach na planaichean cànain Gàidhlig aca fhèin ullachadh. Feumaidh gach plana Gàidhlig fa leth ceangal a dhèanamh ris a' phlana cànain nàiseanta Gàidhlig is iad a' sònrachadh ciamar a chuireas ùghdarrasan poblach ri brosnachadh na Gàidhlig air feadh na dùthcha an lùib an cuid obrach. Mar fhear de na h-ùghdarrasan poblach seo, tha an obair agus seirbhisean agaibh cudromach don Ghàidhlig agus na daoine a tha ga cleachdadh - an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus feadhainn aig a bheil Gàidhlig bho thùs.

Tha am plana cànain nàiseanta Gàidhlig a’ sònrachadh prìomhachasan na Gàidhlig gu soilleir is far am bu chòir dhuibh oidhirpean a stèidheachadh - chithear seo san roinn a leanas, dealbhadh plana Gàidhlig.

Tha am plana cànain nàiseanta Gàidhlig a’ cur stiùireadh an cèill air prìomhachasan ris am bu chòir do bhuidhnean is ùghdarrasan dèiligeadh a thaobh na Gàidhlig is ullachadh planaichean Gàidhlig. Tha e a’ sealltainn gu bheil stèidheachadh èifeachdach aig teis-meadhan nan leasachaidhean nàiseanta is ionadail, agus tha tagraidhean ann air roi-innleachdan a tha ag amas a’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig, a’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig agus a’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig.

Bun-bheachdan Planadh Cànain

‘S e  as adhbhar do bhith toirt plana cànain Gàidhlig gu buil, a bhith a' leudachadh air na dòighean a th' agaibh gus taic a chumail ri cleachdadh, inbhe is ionnsachadh na Gàidhlig nur n-obair, cho math ris mar as urrain dhuibh cur ri corpas a’ chànain. Tha na ceithir bun-bheachdan seo (cleachdadh, inbhe, ionnsachadh is corpas) air am meas riatanach, ann an rannsachadh mhion-chànanan, a thaobh dìon is ath-bheothachadh nan cànanan sin.

Bidh na bun-bheachdan seo air an toirt gu buil tron phlana agaibh a bhith air a lìbhrigeadh sna raointean obrach: dealbhadh phoileasaidhean, solarachadh sheirbheisean is dòighean-obrach eile  (a' gabhail a-steach nan raointean cudromach aithne chorporra, conaltradh,  foillseachadh agus luchd-obrach). Tha e mar amas coitcheann gum bi e na cleachdadh àbhaisteach a bhith cluinntinn is a' faicinn Gàidhlig ann an Alba.

Bu choir na bun-bheachdan seo a chur an gnìomh gus na toraidhean a leanas a choileanadh:

Cleachdadh Cànain 

Brosnachadh barrachd cleachdadh na Gàidhlig, toirt cothrom air a' chànan a chleachdadh, agus adhartachadh cothrom air modhan labhairt Gàidhlig.

Tro bhith a' solarachadh barrachd sheirbheisean don phoball tron Ghàidhlig, agus a' toirt barrachd chothroman don luchd-obrach aca fhèin a' Ghàidhlig a chleachdadh sna h-obraichean aca, faodaidh ùghdarrasan poblach na cothroman a th' ann gus Gàidhlig a chleachdadh a mheudachadh gu mòr.

Inbhe Cànain

Meudachadh air na tha de Ghàidhlig ri faicinn agus ri cluinntinn, gus aithne oirre a leudachadh agus gus ìomhaigh fhiughaireach a chruthachadh don Ghàidhlig ann am beatha phoblach na h-Alba.

Faodaidh ùghdarrasan poblach àite cudromach a ghabhail ann am meudachadh na tha ri fhaicinn den Ghàidhlig le bhith, mar eisimpleir, a' cleachdadh na Gàidhlig air soidhnichean, cinn-litreach agus na làraich-lìn aca.

Togail Cànain

Meudachadh air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig le bhith a' dèanamh cinnteach gum bi an cànan air a thoirt seachad agus le bhith a' cruthachadh chothroman èifeachdach airson Gàidhlig ionnsachadh. 

Tha am Bòrd a' moladh gum bu chòir do dh'ùghdarrasan cuideam sònraichte a chur air na priòmh raointean seo: an dachaigh agus na tràth bhliadhnaichean; foghlam - sgoiltean agus tidsearan; foghlam - seach-sgoile; agus coimhearsnachdan. Uaireannan, ma leudaicheas ùghdarras na tha iad a' solarachadh ann an Gàidhlig 's dòcha gum bi barrachd iarraidh airseirbheisean Gàidhlig ri linn sin agus gum bi barrachd ùidh aig daoine ann a bhith ag ionnsachadh a' chànain agus a bhith ga toirt don ath ghinealach. Tha am Bòrd cuideachd den bheachd gu bheil  trèanadh ann an sgilean Gàidhlig san àite-obrach a' cur ri togail a' chànain ann an dòigh chudromach. 

Corpais Cànain

Neartachadh air iomchaidheachd agus cunbhalachd na Gàidhlig, agus adhartachadh air rannsachadh air a' chànan.  

Thig briathrachas ùr ann an Gàidhlig à barrachd cleachdadh den chànan ann an lìbhrigeadh sheirbheisean agus ann an aithne chorporra. Cumaidh seo luchd-cleachdaidh na Gàidhlig uidheamaichte anns gach raon de bheatha làitheil.