DEISEALACHADH AIRSON FÈIS LUACH A GHLUASAD AIR ADHART

Chaidh cuid de na planaichean airson LUACH, fèill ùr a bhios a’ gabhail àite air 3mh is 4mh Giblean 2020, fhoillseachadh an-dè, Diciadain 19mh den Ghearran, le Gàidhlig agus coimhearsnachdan aig cridhe na bhios a’ dol air adhart.
Thèid an fhèis a chumail airson a’ chiad uair am-bliadhna, le farsaingeachd de thachartasan, tron Ghàidhlig, airson clann, òigridh, inbhich agus teaghlaichean.
Mhìnich Jenna Mhoireasdan, Oifigear ChnaG anns na Hearadh: “Tha sinn uabhasach toilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le e-Sgoil agus buidhnean ionadal eile air pròiseact LUACH. Tha e cudromach gum faigh òigridh cothroman an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile, anns a’ choimhearsnachd, gus am bi iad air am misneachadh ann a bhith a’ bruidhinn a’ chànain ann am barrachd shuidheachaidhean.”
Am measg na bhios a’ gabhail pàirt, bidh an Dtr Alasdair MacIlleBhàin, Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna; Linda NicLeòid le seiseanan Leugh is Seinn le Linda agus Spòrs Gàidhlig le sreath thachartasan airson òigridh. Thig an fhèis gu crìch le cuirm mhòr le Trail West ann an Talla Baile Steòrnabhaigh.
Air a’ bhliadhna seo, bidh tachartasan ann an diofair sgìrean de Leòdhas agus na Hearadh ach tha comataidh na fèise a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le coimhearsnachdan air feadh nan Eileanan Siar airson LUACH 2021.
Tha LUACH a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, e-Sgoil agus An Lanntair cho math ri iomadh buidheann coimhearsnachd.
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig:
“Cuiridh Fèis LUACH ri prìomh amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta: gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas leotha leis an fhèis is prògram air leth tarraingeach aca do dhaoine le Gàidhlig anns na h-Eileanan agus air feadh na dùthcha.”
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air facebook: @LUACHnaGaidhlig, le bhith bruidhinn ris na buidhnean a tha an sàs, no a bhith cur puist-d gu mbyrne1u@gnes.net