#DèanDiofair

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) air leth toilichte iomairt ùr fhoillseachadh agus iad ag amas air daoine air feadh an t-saoghail a bhrosnachadh gus beachdachadh air dreuchd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha seo a’ leantainn air na dleastanasan agus geallaidhean a tha ann am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23 gus tidsearan Gàidhlig a thrusadh, a ghleidheadh is oideachadh agus sanasachd a dhèanamh air teagasg Gàidhlig mar dhreuchd.

Le bhideothan agus fiosrachadh bho shianar a tha ag obair ann an saoghal foghlam tron Ghàidhlig mar-thà, gheibh sibh sùil air cuid de na buannachdan agus cothroman a tha an lùib na h-obrach.

Thuirt Seumas Whannel, Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig, “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air an iomairt shanasachd ùir airson Teagasg ann am Foghlam tron Ghàidhlig. Tha Foghlam tron Ghàidhlig a’ fàs air feadh na dùthcha agus cothroman ùra a’ nochdadh gach seisean airson luchd-teagaisg san t-siostam againn.  Tha na bhideothan a’ sealltainn dìreach cho tarraingeach ’s a tha na cothroman seo do luchd-teagaisg – thig a theagasg ann am Foghlam tron Ghàidhlig – bidh fàilte bhlàth oirbh!”

Thuirt an Dr Pauline Stephen, Ceannard agus Clàraiche aig Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, “Mar Bhuidheann Phoblach Neo-eisimealach do thidsearan ann an Alba, tha Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba air leth mothachail air a’ bhuaidh a tha aig foghlam air a bhith a brosnachadh na Gàidhlig.  Tha sinn ag obair cuide ri Bòrd na Gàidhlig agus prìomh luchd-ùidh eile gus taic a chur ri daoine a tha airson dreuchd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leantainn.  Ri linn seo, tha sinn air leabhran fhoillseachadh an dà chuid sa Bheurla agus sa Ghàidhlig le fiosrachaidh cuideachail do dhuine sam bith a tha a’ beachdachadh air dreuchd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no air a Ghàidhlig theagasg mar chànan.”

Thuirt Sandra NicRàth, oileanach a fhuair maoineachaidh bho BhnG, “Às dèidh dhomh a bhith ag obair leis a’ Ghàidhlig thar bliadhnaichean, ghabh mi obair ann an sgoil àraich airson blasad fhaighinn de dhreuchd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Cha b’ urrainn dhomh creidsinn cho luath ’s a bha a’ chlann a’ tuigsinn is a’ togail a’ chànain, gu h-àraid leis nach robh Gàidhlig aca aig an taigh. Bha inntinn na cloinne beaga seo cho cumhachdail is thug e spionnadh mòr dhomh a bhith mar phàirt bheag den leasachadh aca.

Tha mi a-nis air cùrsa PGDE tro SMO is UHI is tha e a’ còrdadh ruim gu mòr.  Tha mi a’ faighinn barrachd feallsanachd is teòiridh a thaobh ionnsachadh is FtG. Tha e cudromach Gàidhlig a chleachdadh gu nàdarra na mo bheatha is ga bruidhinn is ga brosnachadh ri clann fad an latha.  Chan iarrainn an còrr!”

Gheibhear lorg air tuilleadh bhideothan air na duilleagan againn air na Meadhannan Sòisealta.

Tha pailteas fiosrachaidh againn cuideachd do thidsearan clàraichte (le GTCS), a tha airson gluasad a-steach gu teagasg sa Ghàidhlig.