Maoin Taic Covid-19

Tha còrr is 50 buidheann, a’ gabhail a-steach buidhnean coimhearsnachd, air maoineachadh taic ro-chudromach COVID-19 fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig

Tha còrr is 50 buidheann, a’ gabhail a-steach buidhnean coimhearsnachd a bha a’ cur air adhart phròiseactan Gàidhlig tron ghlasadh sìos air taic-airgid fhaighinn bho Mhaoin Taic COVID-19 aig Bòrd na Gàidhlig.

Dh’fhosgail a’ mhaoin na bu thràithe as t-samhradh mar fhreagairt air a’ ghalar mhòr-sgaoilte eadar-nàiseanta, le còrr is £100,000 ri fhaighinn do bhuidhnean ion-ròghnach. A chionn ’s gun robh fèill gun samhail air, dh’aontaich am Bòrd £90,000 a bharrachd a thoirt seachad.

Chaidh maoineachadh a chur air dòigh gus na buidhnean seo a chuideachadh gus an obair aca a chumail a’ dol agus a leudachadh air-loidhne, gus goireasan is trèanadh a cho-roinn; agus gus dèanamh cinnteach gum bi iad ann an deagh shuidheachadh às dèidh an t-suidheachaidh seo.

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a tha a’ faighinn maoineachadh bliadhnail bho Bhòrd na Gàidhlig, air £32,300 fhaighinn seachad gus grunn ghoireasan foghlaim a mhaoineachadh airson cleachdadh ann an ionnsachadh aig an taigh no ionnsachadh measgaichte.

Am measg nam buidhnean eile a fhuair maoineachadh, tha Buidheann Leasachaidh Horsiadair, anns na h-Eileanan an Iar, gus Oifigear Pròiseact fhastadh airson an iomairt aca Fallain san Dachaigh. Tha am pròiseact ag amas air cur ri sunnd muinntir na coimhearsnachd le bhith a’ cruthachadh chothroman sòisealta is ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig, agus cuideachd tro bhith a’ leasachadh a’ chànain.

Bidh Companaidh Taigh-cluiche Robhanis, a tha stèidhichte ann an Eilean Leòdhais, a’ clàradh shreath de dhealbhan-cluiche Gàidhlig a bhios rim faighinn mar phod-chraolaidhean an-asgaidh, agus rinn an Fhèis Ciùil ùr Mas-fhìor Tional aig Hands Up for Trad cuideachd air tagradh soirbheachail a dhèanamh airson maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig.

Cleachdaidh Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba am maoineachadh aca gus àrd-ùrlar ùr a chruthachadh gus fiosrachadh sàbhailteachd cudromach a thoirt dhan phoball tron Ghàidhlig. Thèid seo a lìbhrigeadh air-loidhne mar thoradh air a’ ghalar lèir-sgaoilte leantainneach.

Agus bidh STÙR / DUST a’ taisbeanadh pròiseact coimhearsnachd didseatach, a’ ceangal pìosan den t-sàr-obair Ghrèigich Antigone air an cluich sa Ghàidhlig, le ceòl traidiseanta, sgrìobhaidhean bàrdachd ùra, vox pops, cinn-naidheachd sna pàipearan-naidheachd agus criomagan film às an tasglainn. Tha e na sgrùdadh cumhachdach air mar a tha sinn a’ tighinn beò fon ghalar sgaoilte, agus tha am pròiseact ag amas air dòigh a thoirt seachad airson coimhearsnachdan a thoirt còmhla, a bhith a’ bruidhinn, a’ seinn, a’ cuimhneachadh agus a’ lorg slighe air adhart.

Tha Oilthigh Ghlaschu, Bun-sgoil Bheinn Chamshroin ann an Cille Bhrìghde an Ear, agus Fèis Phàislig, buidheann ealain a bhrosnaicheas ùidh, foghlam agus com-pàirteachadh ann an ceòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig air feadh Siorrachd Rinn Friù, cuideachd am measg nan tagraichean soirbheachail dhan mhaoineachadh ro-chudromach seo.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha an galar sgaoilte COVID-19 air dùbhlain shònraichte a chruthachadh dhan a h-uile buidhinn, agus tha sinn air leth toilichte leis an fhreagairt dhan sgeama maoineachaidh COVID againn.

“Tha e fìor mhath na buannachdan a thug am maoineachadh againn air luchd-labhairt agus coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na dùthcha aig an àm duilich seo. Tha raon de phròiseactan a’ dol air adhart a-nis agus tha sin fada den bheachd gum bi iad seo fìor luachmhor dhan a h-uile duine a ghabhas pàirt annta.
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ leantainn air adhart a’ stiùireadh leasachadh na Gàidhlig tro bhith ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ brosnachadh a’ chànain, agus bidh am maoineachadh seo cudromach ann a bhith a’ coileanadh nan amasan againn.”

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ach, ma tha moladh agad airson pròiseact aig àm sam bith rè na bliadhna nuair nach eil sgeama maoineachaidh freagarrach fosgailte do thagraidhean, cuir fios thuca gu dìreach air post-d aig tabhartas@gaidhlig.scot no air a’ fòn air 01463 225 454.

Urras Ceann a Tuath na HearadhCeann a Tuath na HearadhSeirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-AlbaAir feadh na dùthchaPlaywrights’ Studio Scotland / FuaighGlaschuOilthigh Ghlaschu (University of Glasgow)GlaschuÀrd-sgoil Phort RìghPort RìghComhairle Mhoireibh (Moray Council)Moireibh

Buidhnean a fhuair maoineachadh Àite
Comhairle na Gàidhealtachd (Highland Council) A’ Ghàidhealtachd
Comhairle Aonghais (Angus Council) Aonghas
Co-Roinn Ghàidhlig Mhuile agus Idhe Muile agus Ì
Bun-sgoil Beinn Chamshròin (Mount Cameron Primary) Cille Bhrìde an Ear
Artsplay Highland A’ Ghàidhealtachd
Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil Bràgar is Àrnol
Hands Up for Trad Air feadh na dùthcha
Taigh Dhonnchaidh Eilean Leòdhais
Dannsairean Màiri Barraigh
Ainmean-Àite na h-Alba An t-Eilean Sgitheanach
Comhairle nan Leabhraichean Glaschu
Comhairle nan Eilean Siar Steòrnabhagh
Bùrach Gaelic Choir A’ Mhorbhairne
Fèis Phàislig Siorrachd Rinn Friù
An Comunn Gàidhealach Inbhir Nis
Buidheann Leasachaidh Horsiadair Eilean Leòdhais
Comunn Gàidhealach Muile Muile
Glaschu Beò Glaschu
Ionad Chaluim Chille Ìle Earra-Ghàidheal is Bòd
Faclair na Gàidhlig & Tobar an Dualchais Air feadh na dùthcha
Urras an Taighe Mhòir agus Comunn Eachdraidh Loch Ròg an Ear Innse Gall
Robhanis SCIO Eilean Leòdhais
Theatre Gu Leòr / Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Glaschu
Comunn na Gàidhlig / Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Glaschu