Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig 2021/22

Tha sgeama seo dùinte an-dràst, is dùil gun tèid an ath chuairt fhoillseachadh san Fhaoillich 2022.

Gheibhear iarrtasan soirbheachail 2014-15 gu 2020-21 an seo, is tuilleadh fiosrachaidh air pròiseactan bho 2018/19 air adhart ri fhaighinn tro GrantNav.

Chaidh Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a stèidheachadh airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.  Tha ùghdarrasan poblach cuideachd air taic-airgid fhaighinn tro GLAIF gus pròiseactan a thoirt gu buil mus fhaigh iad fios foirmeil Plana Gàidhlig a sgrìobhadh.

Bidh a’ mhaoin seo a’ toirt taic do phròiseactan a bhios a’ tachairt agus air an tèid crìoch a chur eadar 1 Lùnastal 2021 agus 31 Lùnastal 2022 (faodaidh sibh clàr-ama eadar-dhealaichte a mholadh ge-tà ma bhruidhneas ri oifigearan a’ Bhùird ro làimh).  Chan eil dùil againn aig an ìre seo gum bi cuairt eile ann de GLAIF airson phròiseactan anns a’ bhliadhna ionmhais 2021/22.

Bidh an sgeama a’ cumail taic ri pròiseactan a tha ag amas ri aon de na h-amasan a leanas a choileanadh:

  • A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig is a’ togail comasan airson leasachadh na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd, gu h-àraidh am measg dhaoine òga
  • A’ cur ri inbhe, cunbhalachd is faotainneachd na Gàidhlig tro sheirbheisean coitcheann agus conaltradh an ùghdarrais
  • A’ neartachadh chomasan Gàidhlig, a’ cur ri mothachadh Gàidhlig agus a’ cruthachadh barrachd chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh am measg ùghdarrasan poblach agus an luchd-obrach aca
  • A’ brosnachadh leasachadh agus leudachadh foghlam Gàidhlig (FtG agus FLi) agus ionnsachadh na Gàidhlig do dh’inbhich
  • A’ toirt cothroman do dhaoine òga Gàidhlig a chleachdadh san àite-obrach is sgilean-obrach a thogail

’S e 3f Diardaoin 22 Giblean 2021 an ceann-latha airson iarrtasan cur a-steach.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, no ma tha sibh airson seisean air-loidhne a chur air dòigh le oifigearan a’ Bhùird gus bruidhinn air iarrtas, nach cuiridh sibh post-dealain gu glaif@gaidhlig.scot

GLAIF 2021/22 Prìomh Puingean

GLAIF 2021/22 Stiùireadh

GLAIF 2021/22 Foirm-iarrtais (Word)

GLAIF 2021/22 Foirm-iarrtais (PDF)

Fiosrachadh mu Prìobhaideachd