Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim 2021/22

Tha an sgeama seo fosgailte gus Diardaoin 6 Cèitean. 

Tha sgeama Tabhartasan Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim againn a-nis fosgailte airson iarrtasan 2021/22.

Tha an sgeama seo ann airson ùghdarrasan ionadail a chuideachadh gus an urrainn dhaibh taic a thoirt do thidsearan no luchd-obrach tràth-bhliadhnaichean, aig a bheil teisteanas-teagaisg agus sgilean Gàidhlig agus nach eil an-dràsta a’ teagasg tron Ghàidhlig, gus cùrsa bogaidh Gàidhlig fad bhliadhna a ghabhail a leigeas leotha teagasg tron Ghàidhlig ann an sgìrean nan ùghdarrasan ionadail sin.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios gu Manaidsear Foghlaim Bòrd na Gàidhlig, Joanne McHale, aig joanne@gaidhlig.scot

Ceann-latha airson Iarrtasan

Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus ro 3f air Diardaoin 6 Cèitean 2021. Thèid beachdachadh air iarrtasan a thig a-steach as dèidh an ceann-uidhe ma tha buidseat ann air an son.

Stiùireadh Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh 2021/22

Foirm-iarrtais Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh 2021/22

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd