Tha CalMac a’ tabhann seirbheis dà-chànanach do luchd-cleachdaidh

Tha a’ chompanaidh aiseig is cala as motha san Rìoghachd Aonaichte a’ cur ris an taic aca do luchd-labhairt na Gàidhlig le bhith a’ tabhann seirbheis dàchànanach do luchd-cleachdaidh sa Bheurla agus sa Ghàidhlig.

Mar phròiseact pìleit as t-samhradh chruthaich CalMac ionad cùram luchdcleachdaidh ùr ann an Steòrnabhagh, a’ toirt sia obraichean ùra don bhaile. Tha iad a-nis air dearbhadh gum bi seo seasmhach le luchd-obrach an sin a’ neartachadh ìomhaigh Ghàidhlig na companaidh.

Roimhe seo cha b’ urrainn do dhaoine cuideachadh fhaighinn bho neachlabhairt le Gàidhlig ach le bhith a’ fònadh no a’ tadhal air oifisean puirt ann an sgìrean Gàidhlig, ach a-nis faodar duine sam bith a tha airson ceist fhaighneachd sa Ghàidhlig a chur gu neach-labhairt dùthchasach na Gàidhlig gus dèiligeadh ris a’ chùis aca.

Bidh sgioba Steòrnabhaigh ag atharrachadh seanailean mheadhanan sòisealta CalMac mean air mhean gu bhith dà-chànanach cuideachd.

Tha timcheall air 60,000 neach-labhairt na Gàidhlig ann an Alba, agus tha a’ mhòr-chuid de dhaoine a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar comasach air Gàidhlig a bhruidhinn.

‘Tha sinn dealasach gus dòighean a lorg airson obraichean a sgaoileadh ann an dòigh nas cothromaiche thar ar raon obrach agus tha mi air leth toilichte dearbhadh gu bheil am pìleat a ruith sinn ann an Steòrnabhagh as tsamhradh a-nis ga chur air bunait sheasmhach sa bhaile,’ thuirt Stiùiriche Riaghlaidh CalMac, Robbie Drumainn.

‘Leis cho cumanta sa tha a’ Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar bha e nàdarra seirbheis dà-chànanach ùr do luchd-cleachdaidh a chur air bhonn an seo.

‘Tha sinn air a bhith ag iarraidh seirbheis den leithid a thoirt a-steach airson greis agus tha an t-ionad ùr a-nis a’ toirt comas dhuinn sin a dhèanamh.’

Tha eachdraidh fhada aig CalMac a thaobh taic don chànan, a’ gabhail asteach a bhith nam prìomh luchd-taic malairteach don Mhòd Rìoghail Nàiseanta.

Chuir Shona NicIllFhinnein, Ceannard, Bord na Gaidhlig fàilte air an naidheachd.

‘Tha sinn an-còmhnaidh a’ cur fàilte air leasachaidhean ùra a chuireas ri amas a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh Gàidhlig nas trice ann am barrachd shuidheachaidhean. Bheir seirbheis ùr Calmac taic don amas sin, agus tha e gu sònraichte iomchaidh san ionad cùram luchd-cleachdaidh aca ann an Steòrnabhagh. Le bhith a’
stèidheachadh nan obraichean ann an coimhearsnachd Ghàidhlig bheir seo buannachdan eaconamach cudromach do na h-Eileanan an Iar,’ thuirt i.   Tha CalMac an-dràsta a’ fastadh timcheall air 1700 neach eadar Cheann Loch Chille Chiarain mu dheas agus Steòrnabhagh mu thuath, 60% dhiubh a’ fuireach agus ag obair ann an coimhearsnachdan cugallach cladaich no eileanach. An-uiridh ghiùlain iad còrr is 5.2 millean neach-siubhail ann an 33 soithichean thairis air 49 slighe gu eileanan is cinn-uidhe iomallach air tìr-mòr.

Bidh sgioba seirbheis luchd-cleachdaidh CalMac a’ làimhseachadh còrr is 300,000 gairm agus 44,000 post-d gach bliadhna.

Tha iad air a’ mholadh as àirde fhaighinn bhon Chomann Ionadan Fiosrachaidh airson càileachd na seirbheis luchd-cleachdaidh aca, a’ toirt cunntas orra mar ‘bhuidheann chomasach a tha air a deagh riaghladh, le fìor aire air luchd-cleachdaidh.’

Bha an Comann gu sònraichte toilichte le leasachadh agus cleachdadh nam meadhanan sòisealta aig CalMac. An-uiridh, làimhsich an sgioba faisg air 30,000 teachdaireachd mheadhanan sòisealta agus tha iad air còrr is 100,000 neach-leantainn air-loidhne a thàladh.

‘Tha mòran luchd-leanmhainn dìleas againn air na meadhanan sòisealta a tha a’ sìor fhàs mar a bhios àireamhan luchd-siubhail a’ dol am meud. Le bhith comasach air teachdaireachdan dà-chànanach a thabhann bidh aire nas dlùithe againn air bruidhinn ri luchd-ceannaich anns an dòigh as fheàrr leotha,’ thuirt Robbie.