Cnoc Soilleir – Obair-togail gus tòiseachadh air an làraich.

Chaidh Cùmhnant na h-Obrach-togail aontachadh le Cnoc Soilleir Ltd agus MacInnes Brothers Ltd gus ionad ùr dà-ùrlair a thogail ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, às leth Cheòlais agus Colaisde a’ Chaisteil UHI, a th’ air tighinn còmhla sa cho-iomairt air a bheil Cnoc Soilleir.

Thèid an togalach ùr, a chaidh a dhealbhachadh le Ailtirean John Renshaw, a thogail a rèir  ìre an lùth-èifeachdais  PassivHaus   – a’ chiad eisimpleir anns na h-Eileanan an Iar – agus bidh e na dhachaigh ùir do na prògraman ciùil ghnìomhaichte cliùiteach aig LCC UHI agus don phrògram ciùil, Gàidhlig agus dualchais aig Ceòlas.

Tòisichidh obair a’ chiad leth dhen phròiseact air an làraich aig deireadh an Fhaoillich 2020 agus tha dùil gun crìochnaichear as t-earrach 2021 e. Bidh seòmraichean-teagaisg agus seòmraichean-taice speisealach ann cho math ri leabharlann agus seòmar tasglainn, far am bi fàilte ron choimhearsnachd agus luchd-tadhail, agus stiùideo clàraidh sònraichte le seòmar-stiùiridh na chois.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Cheòlais: “Bidh Cnoc Soilleir ag àrdachadh na h-inbhe aig Ceòlas mar bhuidheann a chuireas ri leasachadh na Gàidhlig ann an Uibhist agus nas fhaide a-muigh!”

Tha an iomairt seo ga toirt do choimhearsnachd Uibhist a Deas leis an taic fhialaidh a fhuaireadh aig an luchd-uidhe a leanas: Riaghaltas na h-Alba, Sgioba Gàidhlig is Albais; Maoin Ath-leasachaidh Riaghaltas na h-Alba (RCGF); Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE); Comhairle nan Eilean Siar; Bòrd na Gàidhlig; agus àireamh de dhaoine fa leth ann an Uibhist a Deas.