Iomairt turasachd a’ dèanamh feum de chlach-bhunait cultar Innse Gall

Dìreach bhon chridhe
Iomairt turasachd a’ dèanamh feum de chlach-bhunait cultar Innse Gall

Bidh iomairt ùr ag adhartachadh Gàidhlig na h-Alba agus a cultar agus traidiseanan làidir gus Innse Gall a thaisbeanadh mar cheann-uidhe do luchd-tadhail le cuideachadh bho VisitScotland.

Tha Eileanan na Gàidhlig, iomairt dhidseatach a tha air a stiùireadh le Turasachd Innse Gall agus a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus CalMac, air tabhartas de £25,000 fhaighinn tro Mhaoin Fàs VisitScotland. Bidh an duais seo a’ toirt taic do bhuidhnean turasachd nàiseanta, sgìreil agus roinneil air feadh na h-Alba gus an cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh iomairtean margaidheachd ann an com-pàirteachas.

Tha Innse Gall aig cridhe Alba na Gàidhlig, le 50-70% den choimhearsnachd ionadail a’ bruidhinn a’ chànain mar phàirt den bheatha làitheil aca ann an croitean, bàtaichean, sgoiltean agus bùithtean nan eilean. Tha an iomairt ag amas air a’ chànan agus na traidiseanan aice a chleachdadh gus luchd-tadhail a thàladh bho air feadh na RA gus eòlas fhaighinn air tairgse cultarail nan eilean.

A’ cleachdadh Facebook, Instagram, Twitter agus YouTube, thèid sreath de bhideothan goirid a chruthachadh far am bi Calum MacIlleathain aig BBC Alba a’ dèanamh agallamhan le eileanaich sa chànan aca fhèin mu mar a tha Gàidhlig aig cridhe beatha nan eilean agus a’ sealltainn far an urrainn do luchd-tadhail blas fhaighinn den Ghàidhlig agus a cultar agus traidiseanan sna h-eileanan. Thèid na bhideothan fhilmeadh sa Ghàidhlig agus tha iad air an dealbhadh airson a bhith ruigsinneach don a h-uile duine, a’ toirt cothrom do luchd-tadhail barrachd ionnsachadh mun chànan agus gus beagan abairtean feumail a thogail.

Thèid cuireadh a thoirt do luchd-buaidh nam meadhanan sòisealta gus ionnsachadh mun chànan, a traidiseanan agus na rudan rin dèanamh air feadh na sgìre. Clàraidh iad an t-àm aca sna h-eileanan le bhith a’ dèanamh susbaint tharraingeach anns a’ Ghàidhlig a bhios a’ toirt cothrom do luchd-ùidh gus barrachd ionnsachadh mun chànan agus mu Innse Gall ann an dòigh ùr-ghnàthach agus ruigsinneach.

A bharrachd air na bhideothan agus na rudan a chruthaich luchd-buaidh nam meadhanan sòisealta, thèid eLeabhar didseatach a chruthachadh anns am bi fìor dheagh shusbaint lèirsinneach agus claisneachd gus leigeil le luchd-tadhail barrachd ionnsachadh mu cheòl Gàidhlig, Clò Mòr na Hearadh, Rìoghachd meadhan-aoiseil nan Eilean, agus croitearachd. Bheir an eLeabhar mion-fhiosrachadh seachad mu na h-àiteachan air an urrainn dhaibh tadhal gus eòlas fhaighinn air traidiseanan Gàidhlig agus gus an cànan a chluinntinn, nam measg Comunn Eachdraidh Nis, aig a bheil taigh-tasgaidh agus tasglannan a tha ag innse sgeulachd cultar is cànan na sgìre.

Le bhith ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha e gum bi barrachd mothachaidh air a’ Ghàidhlig agus gun tèid a cleachdadh barrachd taobh a-staigh gnìomhachas na turasachd, tha an iomairt a’ toirt taic dhan Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig agus do Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig.

Thuirt faisg air 70% de ghnìomhachasan a ghabh pàirt ann an co-chomhairleachadh ann an aithisg Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Ar Stòras Gàidhlig, ann an 2014 gu bheil Gàidhlig na stòras dhan ghnìomhachas aca. Thuirt an aithisg cuideachd gum faodadh luach eaconamach na Gàidhlig mar stòras do eaconamaidh na h-Alba a bhith eadar £82m agus £ 149m.

Thuirt Raibeart MacFhionghain, Àrd-oifigear Turasachd Innse Gall: “Bidh an luchd-tadhail againn ag innse dhuinn gum bi iad a’ tighinn do na h-Eileanan an Iar a chionn ‘s gu bheil iad caran eadar-dhealaichte. Agus tha Gàidhlig na pàirt mhòr den eadar-dhealachadh sin – an cànan fhèin ach cuideachd an dualchas beartach aice de cheòl, sgeulachdan, dàimhean, siubhal mara agus beatha dhùthchail, a bha uair cumanta air feadh na h-Alba. Tha na h-eileanaich againn nan luchd-gleidhidh moiteil den chànan is den chultar seo a bhios a’ tarraing dhaoine air ais chun na dùthcha aca fhèin bho air feadh na cruinne agus a tha a’ tarraing luchd-tadhail aig a bheil ùidh annta, agus iad air am beò-ghlacadh le sealladh beatha eadar-dhealaichte.

“Tha an iomairt ùr brosnachail seo ag amas air feum a dhèanamh den tharraing mhòr seo gus luchd-tadhail a thoirt do dh’Innse Gall bho air feadh na RA gus am faigh iad eòlas air fìor chultar an àite.”

Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Ceannardais Roinneil VisitScotland: “Tha a’ Ghàidhlig fighte a-steach do bheatha Innse Gall, agus tha prìomh phàirt aice ann an cultar agus traidiseanan nan eilean agus ann am beatha an fheadhainn a tha a’ fuireach an seo. Tha e mìorbhaileach gu bheil iomairt ag aithneachadh seo mar dhòigh air leth airson a bhith a’ taisbeanadh nan cothroman do luchd-turais an seo. Tha mi air leth toilichte gum b’ urrainn dhuinn taic a thoirt do seo tron Mhaoin Fàs againn.

“Aig VisitScotland tha sinn airson co-obrachadh a bhrosnachadh, ùr-ghnàthachadh didseatach a stiùireadh, sgìrean agus tachartasan ionadail a chur air adhart, agus airson dèanamh cinnteach gu bheil turasachd air aithneachadh airson na buaidh adhartaich a bheir e air Alba.”

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig: “Is e am prìomh amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig, nas trice agus ann an barrachd shuidheachaidhean agus tha sinn a’ cur fàilte air an iomairt seo leis gu bheil e ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a chur am meud ann an gnìomhachasan turasachd air feadh Innse Gall agus aig an aon àm, a tha a’ leigeil le luchd-tadhail an cuid Gàidhlig a chleachdadh no barrachd ionnsachadh mun chànan. Tha sinn air leth toilichte a bhith nar com-pàirtiche maoineachaidh san iomairt seo oir tha sinn den bheachd gun cuidich turasachd le bhith a’ fàs cleachdadh na Gàidhlig agus gun urrainn dhan Ghàidhlig cuideachadh le bhith a’ fàs gnìomhachas na turasachd ann an Innse Gall agus air feadh na h-Alba.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun iomairt faic visitouterhebrides.co.uk/gaelic

Airson fiosrachadh mu Mhaoin Fàs VisitScotland, faic www.visitscotland.org/supporting-your-business/funding/growth-fund