Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig ùr aig Bòrd na Gàidhlig

Picture: Headshot of Jim Whannel, Director of Education

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte a ràdh gun deach Jim Whannel a fhastadh mar Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig agus tha e a’ tòiseachadh san dreuchd seo 04 Sultain 2019, ag obair pàirt-ùine. Bidh Jim os cionn sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig agus ag obair leotha gus poileasaidhean foghlam a’ Bhùird a stiùireadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba a thaobh Foghlam na Gàidhlig, ag obair còmhla ri ùghdarrasan foghlaim agus buidhnean eile a tha an sàs ann a bhith lìbhrigeadh foghlam gus amasan a’ Bhùird a thoirt gu buil, agus bidh Jim os cionn na h-obrach a nì am Bòrd gus an Stiùireadh Reachdail a chur an gnìomh leis na buidhnean eadar-dhealaichte. Tha Jim air a bhith an sàs ann am foghlam Gàidhlig fad iomadh bliadhna, o chionn ghoirid mar Oidiche Foghlaim aig Oilthigh Dhùn Èideann air a’ chùrsa MA Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig.

Ron sin, bha e na Neach-chomhairleachaidh aig Comhairle Baile Ghlaschu, le dleastanas airson Foghlam tron Ghàidhlig mar phàirt den dreuchd aige. Bha e an sàs ann an iomadh pròiseact mar Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus leudachadh na bun-sgoile agus fosgladh na hàrd-sgoile; deasachadh phlanaichean tron Scottish Futures Trust airson an dàrna bunsgoil, Sgoil Ghàidhlig Ghleann Dàil; agus a’ leasachadh a’ cheud phrògraim san Ùghdarras agus ag obair le oifigearan eile air cùrsaichean trèanaidh airson GLPS. Bha e cuideachd air bòrdstiùiridh Bhòrd na Gàidhlig airson 3 bliadhna, far an robh e na chathraiche air a’ Chomataidh Ionnsachaidh.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Eadar-amail, Bòrd na Gàidhlig, ‘Tha sinn duilich gu bheil sinn a’ call Jim air a’ bhòrd-stiùiridh ach tha sinn air leth fortanach gu bheil cuideigin le eòlas cho farsaing gu bhith a’ neartachadh obair sgioba foghlaim aig a’ Bhòrd. Gu sònraichte aig an àm seo, bidh sin a’ toirt taic do dh’ùghdarrasan ionadail agus na buidhnean eile gus na buannachdan FtG fhaighinn sna sgìrean aca agus a bhith a’ coileanadh nan amasan sa Phlana Chànan Nàiseanta Ghàidhlig.”