Chruthaich Bòrd na Gàidhlig is com-pàirtichean an iomairt #cleachdi air chor ’s gum faod luchd-bruidhinn na Gàidhlig air feadh na dùthcha a bhith nas fhaicsinniche ri càch a chèile agus gus cleachdadh na Gàidhlig ann an àitichean poblach a bhrosnachadh.

Òrdaich goireasan #cleachdi

Ma tha thu ann am buidheann san raon phoblach a tha ag iarraidh air an luchd-obrach Gàidhlig agad a bhrosnachadh a bhith nas fhaicsinniche, tha goireasan #cleachdi rim faotainn airson òrdachadh gu h-ìosal.

Faodar suas ri 10 lainneardan / 10 baidsean / 10 postairean A5 / 20 steigearan òrdachadh tron fhoirm gu h-ìosal. Tagh cia mheud nì a tha a dhìth ort bho na clàran-taice teàrnach.

Airson òrdughan nas motha, no ma tha thu ag iarraidh goireasan #cleachdi a leasachadh a dh’aon ghnothach airson na buidhne agad, thoir fios gu Bòrd na Gàidhlig air 01463 225454 no fios@gaidhlig.scot

Faodaidh Bòrd na Gàidhlig fios a chur thugad gus òrdughan a dhearbhadh far a bheil seòlaidhean taobh a-muigh na h-Alba.

Goireasan air-loidhne

Luchdaich a-nuas lethbhreac den phostair, suaicheantas agus bann-coise phuist-dealain #cleachdi gu h-ìosal.

Ionnsaich Gàidhlig

Ma tha thu ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, tadhail air an làrach-lìn Learn Gaelic airson ghoireasan air-loidhne agus liosta de chlasaichean air feadh Alba.