Gairm airson Beachdan Comataidh Ionmhais is Rianachd Poblach Sgrùdadh Ro-bhuidseit

Tha Comataidh Ionmhais is Rianachd Poblach Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan a’ phobaill air a’ bhuaidh a bheireadh cosgaisean bith-beò agus ath-leasachadh air seirbheis phoblaich. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach anns a bheil na puingean a leanas:

“Tha:

  • Raon de ro-innleachdan agus phoileasaidhean aig Riaghaltas na h-Alba a tha ag aithneachadh cho cudromach sa tha, agus an fheum air taic a thoirt, don Ghàidhlig.
  • Sìor fhàs anns an t-iarrtas airson ionnsachadh na Gàidhlig agus ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig.
  • Barrachd fianais ann air cho cudromach sa tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.

Mar sin, chan eil cùise sam bith ann airson lùghdachadh maoineachadh airson na Gàidhlig. An àite sin, tha cùis ann airson barrachd maoineachaidh gus iarrtas is comas a tha a’ sìor fhàs airson cànan is cultar na Gàidhlig a nochdadh.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Ro-innleachd nan Coimhearsnachdan airson Coilltean agus Fearann Nàiseanta na h-Alba – Dreachd airson Co-chomhairle.

Tha Coilltearachd agus Fearann Alba a’ sireadh bheachdan air an dreachd Ro-innleachd Choimhearsnachdan aca. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach anns a bheil na puingean a leanas:

“Tha làn-chumhachdachadh choimhearsnachdan tro bhith a’ brosnachadh com-pàirt coimhearsnachd a barrachd an urra ri conaltradh èifeachdach le gach seòrsa coimhearsnachd – a dh’fheumas conaltradh sa Ghàidhlig ri coimhearsnachdan Gàidhlig a ghabhail a-steach.”

“Bu chòir do Phlanaichean Stiùiridh Fearainn na h-ainmean Gàidhlig tùsail a ghabhail a-steach anns na raointean ris a bheil iad a’ buntainn, agus mar sin a’ sealltainn an dlùth-cheangail eadar fearann, cànan agus daoine.  Bidh seo cuideachd a’ meudachadh faireachdainn com-pàirt luchd-labhairt na Gàidhlig sa phròiseas co-chomhairleachaidh.”

Faodar am freagairt slàn fhaighinn an seo.

Maoin Coimhearsnachd a’ Chrannchuir Nàiseanta ann an Alba – Beachd Bhòrd na Gàidhlig

Tha an Crannchur Nàiseanta a’ sireadh bheachdan air a’ Mhaoin Choimhearsnachd aca ann an Alba. Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle. Am measg nam puingean a chaidh a thogail:

Bu chòir don Mhaoin Choimhearsnachd a chuideachadh ann an cothroman a bhrosnachadh ann an Alba airson luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha sin tro bhith a’ beachdachadh air mar a chuidicheas e le bhith a’ toirt taic do phròiseactan le fòcas air a’ Ghàidhlig agus/no pròiseactan ann an coimhearsnachdan Gàidhlig. Tha iomadh coimhearsnachd na Gàidhlig ann an sgìrean iomallach agus eileanan. Tha dùbhlain mòra romhpa a’ gabhail a-steach crìonadh san àireamh-sluaigh, gleidheadh dhaoine òga, cruthachadh obraichean le deagh phàigheadh agus cosgais àrd/glè bheag de thaigheadas is còmhdhail.

Bu chòir don Mhaoin ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a thathar a’ dèiligeadh ri buidhnean Gàidhlig. Tha sin airson dèanamh cinnteach gum bi a’ mhaoin so-ruigsinneach dhaibh – agus gus spèis co-ionann a thabhann don Ghàidhlig.

Gheibhear tuilleadh freagairtean air co-chomhairlichean poblach an seo.

Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba Plana Ro-innleachdail 2022-25 – Freagairt Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle – Plana Ro-innleachdail Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba 2022-25. Chaidh grunn phuingean is mholaidhean a thogail, nam measg:

Tha sinn a’ moladh gum bi am Plana Gàidhlig agaibh air a ghabhail a-steach anns an liosta agaibh den “Ro-innleachdan/Planaichean Làithreach SFRS a chuidicheas sinn anns na builean ro-innleachdail againn a choileanadh”. 

Bu chòir gum bi iomradh ann an seo air Plana Gàidhlig SFRS fhèin agus gu bheil dleastanasan ann a thaobh na Gàidhlig. Bu chòir don theacsa cuideachd a ràdh gu bheil am Plana Gàidhlig a’ toirt iomradh air “A’ brosnachadh trusadh luchd-labhairt na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil an cànan nas faicsinneach agus air a chleachdadh tuilleadh san àite obrach agus gun dèan seo cinnteach gu bheil SFRS “a’ toirt dealbh air coimhearsnachdan na h-Alba san latha an-diugh”.

Gheibhear tuilleadh freagairtean air co-chomhairlichean poblach an seo.

Dreachd Ro-innleachd 2030 Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba – Freagairt Bhòrd na Gàidhlig

Tha Seirbheis Carbad-eiridinn na h-Alba an-dràsta a’ leasachadh an Ro-innleachd 2030 aca agus tha iad a’ sireadh bheachdan mus tèid a chrìochnachadh.

Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach air 30 Ògmhios le diofar beachdan is molaidhean timcheall a’ Ghàidhlig. Seo beagan eisimpleirean:-

Tha sinn a’ cur fàilte air “gun toir SAS cùram èifeachdach, sàbhailte agus co-fhaireachdainneil dha muinntir na h-Alba”. Mar phàirt de seo bu chòir dhan sgrìobhainn ro-innleachd aithneachadh gu bheil e a’ toirt an dà chuid sòlas agus fois-inntinn dha euslaintich a bhith a’ bruidhinn riutha anns a’ phrìomh chànan aca nuair a tha iad tinn no iomagaineach.

Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air gun gabh SAS “ri modh-obrach a tha stèidhichte air co-ionnanachd agus còirichean daonna”. Dh’fhaodadh an sgrìobhainn ro-innleachd iomradh feumail a thoirt air SAS a bhith a’ conaltradh ann an raon de chànanan – Gàidhlig nam measg – leis gu bheil bunait chànanach aig còraichean daonna seach bunait chultarach a-mhàin.

Gheibhear tuilleadh freagairtean air co-chomhairlichean poblach an seo.

Plana Leasachaidh Ionadail Linne Mhoireibh A-staigh – Freagairt bho Bhòrd na Gàidhlig

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ sireadh beachdan air a’ Phlana Leasachaidh Ionadail Linne Mhoireibh A-staigh.  Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-staigh dhan cho-chomhairle.

“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ chothrom comhairle a thoirt seachad mu Phlana Leasachaidh Ionadail Linne Mhoireibh a-staigh. Thathas ag aithneachadh barrachd is barrachd gu bheil cànan is cultar na Gàidhlig a’ cur ri fàs eaconamach, agus leis gur e a’ Ghàidhealtachd, a’ gabhail a-steach Linne Mhoireibh A-staigh, aon de na prìomh raointean Gàidhlig ann an Alba, tha cothroman nach beag ann cur ri tuilleadh leasachaidh tron Ghàidhlig agus airson na Gàidhlig. Mar eisimpleir, sheall Cunntas-sluaigh 2011 gu robh sgilean Gàidhlig aig 6.6% de luchd-còmhnaidh Inbhir Nis aois 3 agus nas sine. Tha sin a’ tighinn faisg air ceithir tursan nas àirde na a’ chuibheasachd Albannach (1.7%). Agus, tha mòran ainmean-àite ann an Linne Mhoireibh A-staigh sa Ghàidhlig no a’ tighinn bhon chànan.

Faodar gabhail ris a’ chothrom seo le bhith a’ toirt iomradh air Gàidhlig ann an grunn àiteachan san sgrìobhainn agus le bhith a’ dèanamh tar-iomradh air Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd fhèin.”

Leugh tuilleadh an seo.  Gheibh sibh liosta de fhreagairtean de cho-chomhairlichean bho Bhòrd na Gàidhlig an seo.

Foghlam tro Ghàidhlig ann an Alba Nuadh

Tha Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte fàilte a chur air fosgladh na ciad Bun-sgoil tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Mabou, Alba Nuadh. Is e seo a’ chiad sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ann an Ameireaga a Tuath agus a’ chiad tè taobh a-muigh na h-Alba.

Chaidh a’ Bhun-sgoil Ghàidhlig, air a bheil Taigh-sgoile na Drochaide, a chruthachadh mar phròiseact coimhearsnachd neo-phrothaid le taic bho air feadh na coimhearsnachd agus chaidh tidsear làn-ùine fhastadh bho chionn ghoirid. Lìbhrigidh an sgoil prògram bogaidh do chloinn bun-sgoile le fòcas air a bhith a’ togail sgilean Gàidhlig.

Bidh a’ Bhun-sgoil Ghàidhlig ùr a’ cur ri ath-nuadhachadh na h-àrainneachd cultaraich Ghàidhlig a tha beothail is soirbheachail ann an Alba Nuadh mar-thà, agus ann an sgìre Cheap Bhreatainn gu sònraichte.

Thuirt Coinneach MacCoinnich, Cathraiche a’ Bhùird, Taigh Sgoile na Drochaide: “Is e clach-mhìle chudromach a tha seo airson ath-bheothachadh cultarail Gàidhlig Alba Nuaidh agus tha an taic bho ar caraidean ann an Alba air a bhith ro chudromach ann a bhith ga toirt gu buil. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris na ceanglaichean sin a neartachadh sna bliadhnaichean ri teachd.”

Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith ag obair le com-pàirtichean gus pasgan taic a cho-òrdanachadh dhan sgoil. Bu toil leinn taic a thoirt do na buidhnean a leanas a tha a’ planadh taic dhan sgoil aig an àm seo:

Stòrlann Nàiseanta
Foghlam Alba
Fèisean nan Gàidheal
e-Sgoil
Urras Leabhraichean na h-Alba
Comann nam Pàrant Nàiseanta
Giglets

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ togail cheanglaichean – a bhios a’ sìor fhàs nas treasa – leis an sgioba ann an Alba Nuadh an dà chuid aig ìre bhuidhnean ach cuideachd tro bhith a’ ceangal clann agus teaghlaichean air am bi a’ Ghàidhlig agus a cultar a’ toirt deagh bhuaidh san dà dhùthaich. Tha àite nas fhollaisiche aig a’ Ghàidhlig air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta a-nis mar as còir agus i ga faicinn mar stòras luachmhor do dh’Alba agus do dh’Alba Nuadh.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte an leasachadh seo fhaicinn ann an Alba Nuadh agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do Sgoil na Drochaide. Tha ceanglaichean eadar-nàiseanta cudromach dhan choimhearsnachd Ghàidhlig, gu sònraichte an fheadhainn eadar Alba agus Canada a tha air a bhith ann fad linntean. ’S e prìomh amas Plana Nàiseanta na Gàidhlig gun cleachd barrachd dhaoine a’ Ghàidhlig nas trice agus ann am barrachd shuidheachaidhean, agus is cinnteach gun dèan an sgoil ùr sin.”

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte mhòr air fosgladh Sgoil na Drochaide an t-seachdain seo agus tha iad a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ neartachadh cheanglaichean cànanach is cultarach eadar Alba agus Alba Nuadh.

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànain na h-Alba, Shirley-Anne Somerville: “Tha fios againn gu bheil an t-uamhas cheanglaichean làidir cultarail is teaghlaich eadar Alba is Alba Nuadh agus leasaichidh iad sin tro fhosgladh na ciad sgoile Gàidhlig seo.

“Bu mhath leam taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig is na buidhnean Gàidhlig gu lèir an sàs son na taice a tha iad air toirt agus tha mi a’ dèanamh fiughair cluinntinn mu adhartas is fàs na sgoile seo anns an ùine ri thighinn.”